Coimiseanairean

Tha uallach reachdail air Pàrlamaid na h-Alba caochladh dhreuchdan aig àrd-ìre ainmeachadh do A Mòrachd A’ Bhanrigh. Is iad na dreuchdan a chaidh a dhèanamh gu ruige seo:

  • Robert Black mar Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba. Is e an dleastanas a tha air an Àrd-neach-sgrùdaidh sùil a chumail feuch an tèid airgead poblach a chosg mar as ceart, gu seaghach is gu h-èifeachdach. Tha Audit Scotland a’ toirt nan seirbheisean a tha a dhìth air do dh’Àrd-neach-sgrùdaidh gus an obair aige a tharraing a-mach.  
  • Jim Martin mar Scottish Public Services Ombudsman. Tha an t-Ombudsman na ghoireas farsaing far am faod daoine gearan a thogail mu sheirbheisean poblach.
  • Kevin Dunion mar Scottish Information Commissioner. Is e prìomh obair Coimiseanair an Fhiosrachaidh feuchainn gun cùm ùghdarrasan poblach ri reachdas mu shaorsaa an fhiosrachaidh, fon a bheil “duine a dh’iarras fiosrachadh air ùghdarras poblach ann an Alba airidh air a leithid fhaotainn bhon ùghdarras”.
  • Tam Baillie mar Scotland's Commissioner for Children and Young People. Chaidh post a’ Choimiseanair a stèidheachadh gus còraichean cloinne is dhaoine òga a chur air adhart agus a dhìon.
  • Karen Carlton mar Public Appointments Commissioner for Scotland. Tha an Coimiseanair an urra ri sgrùdadh a dhèanamh air cur-an-dreuchd le ministearan gu bùird bhuidhnean poblach riaghlaichte na h-Alba. Feumaidh gach cur-an-dreuchd cumail ris na feumalachdan sa chòd-chleachdaidh a chuir an Coimiseanair ri chèile airson seo. Nuair nach bi iad a’ cumail, tha de chumhachd reachdail aig a’ Choimiseanair stiùireadh a thoirt do Mhinistearan na h-Alba dàil a chur ann an cur-an-dreuchd agus aithisg mun chùis a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.
  • An t-Ollamh Alan Miller mar Chathraiche Scottish Human Rights Commission. Cuiridh an Coimisean air adhart mothachadh, tuigse is spèis fharsaing mu chòraichean daonna; nì e ath-bhreithneachadh is molaidh e atharrachaidhean air poileasaidhean no cleachdaidhean sam bith le ùghdarrasan poblach na h-Alba agus bheir e seachad comhairle is stiùireadh.

Tha an dòigh mu chur-an-dreuchd ga dhèanamh le pannal-taghaidh de Bhuill air a chur air bhonn fo Ghnàth-riaghailtean na Pàrlamaid. Sa chathair a’ phannal tha neach à Presiding Officers agus bidh ballrachd gach pannail a’ leigeil riochdachadh poilitigeach na Pàrlamaid am follais.

Tha an Public Standards Commissioner for Scotland ga chur an dreuchd le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba le aonta na Pàrlamaid fhèin.  Is e an Coimiseanair a tha ann Stuart Allan. Bidh an Coimiseanair a’ dèanamh sgrùdaidh air gearanan gun do bhris Ball, Comhairliche no Ball de Bhuidheann Phoblach an Còd-giùlain aca. Bidh e a’ dèanamh seo gu neo-eisimeileach agus a’ toirt aithisge mu na toraidhean aige mu Bhuill do Chomataidh Inbhean agus Shuidheachaidhean Poblach fo riaghailtean air an leagail sìos anns a’ Phàrlamaid anns na Gnàth-riaghailtean agus sa Chòd-ghiùlain agus do Choimisean nan Inbhean air Comhairlichean is Buill Bhuidhnean Poblach.

Cuideachd, bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ cur Buill Scottish Human Rights Commission an dreuchd.

Tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba cuideachd a’ socrachadh cumhaichean nan suidheachaidhean anns na dreuchdan air fad shuas agus, taobh a-muigh den Àrd-neach-sgrùdaidh, a' toirt a' bhuidseit bhliadhnail aca dhaibh cuideachd.

Tha Sgrùdadh na h-Alba a’ toirt seachad nan seirbheisean a tha a dhìth air an Àrd-neach-sgrùdaidh gus an obair aige a dhèanamh, agus is e an obair a tha aig Coimisean na h-Alba mu Sgrùdadh Poblach - a tha air a dhèanamh suas le Buill den Phàrlamaid – sgrùdadh a dhèanamh air na molaidhean aig Sgrùdadh na h-Alba mu chleachdadh ghoireasan is caiteachais agus aithisg a thoirt orra don Phàrlamaid.