Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba

 

Tàbhachd chudromach leanmhainneach a tha aig a’ Bhuidhinn Chorporra is aig an luchd-obrach aice is e dèanamh cinnteach gum faod Pàrlamaid na h-Alba obrachadh gu h-èifeachdach agus gu bheil e comasach do na Buill an cuid dhleastanasan a tharraing a-mach. Bidh a’ Bhuidheann Chorporra a’ beachdachadh is a’ gabhail cho-dhùnaidhean mu iomadh ceist ceangailte ri rianachd na Pàrlamaid, nam measg maoineachadh na Pàrlamaid agus riarachadh a' bhuidseit, luchd-obrach na Pàrlamaid, àiteachan-fuirich agus cleachdadh is dìon goireasan na Pàrlamaid aig Taigh an Ròid.

Tha ceanglaichean foirmeil is neo-fhoirmeil aice ri buidhnean pàrlamaideach eile, nam measg Bureau na Pàrlamaid, Buidheann an Luchd-ghairm agus a’ Phàrlamaid iomlan. Tha barrachd fiosrachaidh air seo sa ghiorrachadh mu parliamentary bodies and their relationships (41KB pdf)

Ballrachd SPCB – Ullachaidhean mu Dhleastanasan

Mary Scanlon BPA, David Stewart BPA, Tricia Marwick BPA (Oifigear Riaghlaidh), Linda Fabiani BPA agus Liam McArthur BPA

Tha ullachaidhean air an aontachadh mu dhleastanasan aig SPCB far am bi buill a’ stiùireadh air ceistean sònraichte. Thathar air na h-ullachaidhean a leanas aontachadh:

 

  • Goireasan, tachartasan is seirbheisean thaisbeanaidhean – a’ gabhail a-steach FM, H&S, àrainneachd, leanmhainneachd gnìomhachais, tachartasan is taisbeanaidhean, seirbheisean luchd-tadhail agus ealain. Linda Fabiani BPA

    Ionmhas is Oifigearan – a’ gabhail a-steach ionmhas, cosgaisean nam Ball, ceannach agus oifigearan/coimiseanairean. Liam MacArtair BPA
  • Taic ri gnìomhachas, fiosrachadh agus ro-innleachd mu cheanglaichean – a’ gabhail a-steach comataidh is seòmar, OR, SPICe, com-pàirteachas foghlaim is choimhearsnachdan, agus ìomhaigh chorporra is còraichean. Màiri Ní Scannláin BPA
  • GD agus Teicneòlas - a' gabhail a-steach taic ri oifisean ionadail, GD, co-ionannachd, BIT, craoladh agus ceistean mu thèarainteachd bho latha gu latha (dìon air fiosrachadh anns an àireamh). Dàibhidh Stiùbhart BPA

Thèid sùil às ùr a thoirt air na h-ullachaidhean seo ann an 2013.

Rùnaireachd SPCB:

Judith Proudfoot Fòn: 0131 348 5307

Post-d: judith.proudfoot@scottish.parliament.uk

 

Kate McGillivray  Fòn: 0131 348 6222

Post-d: kate.mcgillivray@scottish.parliament.uk