An Seòmar

Mar as trice, bidh gnothaichean an t-Seòmair a' gabhail pàirt feasgair Dimàirt agus feasgair Dicadain agus bho 11.40am Diaraoin. Thèid a h-uile deasbad agus na gnothaichean air fad uile a shealltainn beò, agus tha iad rim faighinn fad mìos às dèidh làimh air TBh na Pàrlamaid.

Tha Geàrr-chunntas nan Imeachdan na chlàr foirmeil den ghnothach uile a ghabhar is de na toraidhean ag èirigh à co-dhùnadh, dealachadh no taghadh sam bith a chumar. Is e an clèireach a bhios a’ cur a’ gheàrr-chunntais ri chèile do gach coinneamh den Phàrlamaid agus gach coinneamh a chumas na comataidhean. Tha seo ga fhoillseachadh agus ri fhaotainn air an làrach-lìn an latha an dèidh a h-uile coinneimh den Phàrlamaid no den Chomataidh.

Gus sealltainn air Aithisg Oifigeil de Choinneamhan na Pàrlamaid, rachaibh do raon nan Aithisgean Oifigeil againn agus gus sealltainn air Aithisg Oifigeil coinneamhan nan Comataidhean, rachaibh gu Duilleagan nan Comataidh.

Is e Seòmar-deasbaid na Pàrlamaid am fòcas airson gnothaichean na Pàrlamaid. Bidh Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) a’ coinneachadh ann airson beachdachadh air cùisean cudromach agus gus laghan ùra a dhèanamh. Is ann an seo cuideachd a bhios BPA a’ cur cheistean air a’ phrìomh Mhinistear, air Rùnairean Caibineit agus air Ministearan gu cunbhalach agus far an tèid aithrisean a dhèanamh air poileasaidh agus air tachartasan cudromach.

Mar as trice, ruithidh a’ bhliadhna phàrlamaideach on Chèitean gus an Cèitean. Nuair a tha a’ Phàrlamaid na shuidhe, gabhaidh coinneamhan den làn-Phàrlamaid san t-seòmar feasgar Dimàirt, feasgar Diciadain agus bho 11.40m Diardaoin.

Chaidh a’ chiad choinneamh anns a’ cheathramh seisean de Phàrlamaid na h-Alba a chumail Diciadain 11 Cèitean 2011.