Tiogaidean airson Coinneamhan Comataidh

Nuair a bhios a’ Phàrlamaid ann an seisean bidh na comataidhean a’ coinneachadh madainn Dimàirt, feasgar Dimàirt agus feasgar Diciadain gu h-àbhaisteach.

 Rè nan coinneamhan sin bidh na comtaidhean a’ gabhail fianais bho luchd-fianais, a’ toirt sùil gheur air reachdas agus a’ cumail sgrùdaidhean.     

 Nuair a bhios a’ Phàrlamaid air fosadh cha bhi coinneamhan comataidh air an cur air dòigh.

Cinn-latha fosaidh mar a chaidh aontachadh leis a' Phàrlamaid:

 

Ann an 2018:

  • 10 gu 18 Gearran 2018 
  • 31 gu 15 Giblean 2018  
  • 30 Ògmhios gu 2 Sultain 2018
  • 6 gu 21 Dàmhair 2018  
  • 22 Dùbhlachd 2018 gu 6 Faoilleach 2019

Ann an 2019:

  • 9 gu 17 Gearran 2019
  • 6 gu 21 Giblean 2019  
  • 30 Ògmhios gu 1 Sultain 2019
  • 12 gu 27 Dàmhair 2019  
  • 21 Dùbhlachd 2019 gu 5 Faoilleach 2020 

(Tha na cinn-latha seo uile ion-ghabhalach) 

Committee Room 2

Tiogaidean Poblach airson Comataidhean

Faodaidh am poball a bhith an làthair aig coinneamhan comataidh. Feumaidh tiocaid – saor is an-asgaidh – a bhith agad airson suidhe sa ghailearaidh phoblach ann an seòmar comataidh. Gheibhear tiocaidean tron fhoirm iarraidh thiocaidean no tro phost-d/fòn.

TelephoneHeadsetiStockSandraOClaire20041113

Poileasaidhean agus modhan gus àiteachan a chur an taobh do Choinneamhan Comataidh

Poileasaidhean agus modhan gus àiteachan a chur an taobh do Choinneamhan Chomataidhean agus mar a chleasdas sinn an dàta agad.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.