Poileasaidh Àrainneachd

Dunlaw wind farm

Poileasaidh Àrainneachd - 2012

 

Sealladh

 

Tha rùn aig an SPCB a bhith na shamhla den chleachdadh as fheàrr ann an dèanadas a thaobh na h-àrainneachd agus a bhith ag obair gu seasmhach

Amas

 

 

Tha rùn aig an SPCB leasachadh leanmhainneach a thoirt an dèanadas aige a thaobh na h-àrainneachd agus an àrainneachd a dhìon le bhith a’ lùghdachadh truaillidh agus caitheamh-ghoireasan, agus le bhith a’ cur taic ri agus a’ brosnachadh bith-eugsamhlachd.

 

Cinn-chrìche:

Nì an SPCB mar a leanas:

  • Dèanamh cinnteach gun tuig an luchd-obrach, Buill Pàrlamaid na h-Alba agus feadhainn eile a chleachdas an togalach gu h-iomlan mar a chuidicheas iad gus leasachadh a thoirt air dèanadas a thaobh na h-àrainneachd.
  • Cuideachadh mi maolachadh air mùthadh na tìde le bhith a’ lùghdachadh lorg-carboin na Pàrlamaid.
  • Dealbhadh agus ullachadh airson tìde a’ mùthadh.
  • Leasachadh a thoirt air gleidheadh-lùtha an togalaich agus lùth ath-nuadhachaidh a chleachdadh nuair as iomchaidh.
  • Uisge a chleachdadh gu h-èifeachdach.
  • Goireasan a dhìon le bhith a’ cumail ris an ìre as lugha de thruailleadh agus a’ comharrachadh dhòighean gus stuth a lùghdachadh, ath-chleachdadh, a chàradh agus ath-chuairteachadh.
  • Ceannach ann am modh a tha mothachail air an àrainneachd a rèir Poileasaidh agus Ro-innleachd na Pàrlamaid mu Cheannach;
  • Lùghdaich feum air siubhal – nuair as iomchaidh – agus cuir air adhart a bhith a’ cur feum air siubhal seasmhach le daoine ag obair anns an togalach agus a’ tadhal air;
  • Taic agus brosnachadh a thoirt do bhith-eugsamhlachd an taobh a-staigh fearann na Pàrlamaid;
  • Gèilleadh ri – agus, nuair a ghabhas e dèanamh, dol thairis air – na feumalachdan laghail is eile air fad mun àrainneachd; 
  • Siostam-rianachd àrainneachd a chumail a tha a rèir nan Slatan-tomhais Eadar-nàiseanta mu Rianachd na h-Àrainneachd (ISO 14001) Gabhaidh an Siostam gnothach ri àrainn na Pàrlamaid agus ris an fhearann mu thimcheall oirre.

Fhuair am Poileasaidh seo mun Àrainneachd aonta bhon SPCB agus bho Bhuidheann-ceannais na Pàrlamaid, ach tha a bhith ga chur an gnìomh gu h-èifeachdach an urra ris na h-uile a tha ag obair anns a’ Phàrlamaid no ga cleachdadh.

 

Tricia Marwick Signature                    

  

Tricia Marwick                                                                                                    

Oifigear Riaghlaidh      

                                                                                        

Paul Grice Signature

Paul Grice

Prìomh Oifigear

 

An Dùbhlachd 2012

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.