Tha Biadhlann na Pàrlamaid stèidhichte aig cùl Thalla a’ Phobaill. Tha cathraichean innte airson mu thuairim 60 duine agus bidh biadh is deochannan rin reic don phoball an-sin nuair a bhios Taigh an Ròid fosgailte.

Amannan Fosglaidh
Tha am Biadhlann fosgailte aig na h-aon amannan ’s bhios Taigh an Ròid le dinnear ann gach latha bho 11.30 – 14.30.
Clàr-bidhe na Biadhlann
Tha biadhlann na Pàrlamaid a’ reic taghadh farsaing de bhiadh, eadar cèicichean is aran milis (air an dèanamh aig a’ Phàrlamaid) is brot, ceapairean, saileadan agus dinnearan tè
Barrachd Fiosrachaidh
- Tha lùb claistinneachd anns a’ bhiadhlann agus gheibhear cupannan, truinnsearan is uidheam-ithe so-ruigsinn (accessible cutlery) ann
- Tha taghaidhean a' seachnadh glùtan (gluten) air a’ chlàr-bidhe
- Tha cathraichean leanabh ann agus goireasan gus botulan is biadh leanabh a theasachadh