Tha Pàrlamaid na h-Alba fosgailte do luchd-tadhail Diluain gu Disàthairne agus tha e an-asgaidh a bhith a’ tadhal air. Faodar tadhal air a’ bhùth, biadhlann agus taisbeanadh uair sam bith a bhios an togalach fosgailte.
Bidh an togalach duinte dhan phoball air a' madainn, Diciadain 28 Lùnastal airson trèanadh luchd-obrach. Fosglaidh sinn a-rithist aig 13:00.
Tha bileagan fiosrachaidh is mapaichean ann gus do chuideachadh leis an turas. Thoir an aire gum faod uairean, fosglaidh, tursan-trèoraichte 7c atharrachadh mar thoradh air gnothaichean is tachartasan pàrlamaideach.
Gheibh thu a-mach barrachd mu obair na Pàrlamaid tro na tursan-trèoraichte againn, a tha saor is an-asgaidh. Ma tha thu airson gnothaichean na Pàrlamaid fhaicinn, faodaidh tu tiocaid air dòigh gus coinneamhan comataidh no deasbadan san t-Seòmar-deasbaid fhaicinn.
Nuair a tha a' Phàrlamaid na fosadh, cha bhi coinneamhan comataidh no coinneamhan den làn Phàrlamaid ann.
Cinn-latha fosaidh mar a chaidh aontachadh leis a' Phàrlamaid:
Ann an 2018:
- 10 gu 18
Gearran 2018
- 31 gu 15 Giblean
2018
- 30 Ògmhios gu 2
Sultain 2018
- 6 gu 21 Dàmhair
2018
- 22 Dùbhlachd 2018 gu 6 Faoilleach 2019
Ann an 2019:
- 9 gu 17 Gearran
2019
- 6 gu 21 Giblean
2019
- 30 Ògmhios gu 1
Sultain 2019
- 12 gu 27 Dàmhair
2019
- 21 Dùbhlachd
2019 gu 5 Faoilleach 2020
(Tha na cinn-latha seo uile ion-ghabhalach)
Dè an latha a bu mhath leibh tadhal?
Biodh fios agaibh gur e Pàrlamaid obrachaidh a tha annainn agus gum faodadh atharrachaidhean a bhith ann a thaobh na nì sibh a rèir dèn latha an tadhail sibh. Mura h-eil sibh cinnteach dè bu mhath leibh dèanamh, air neo gu bheil e san amharc agaibh tadhal air latha sònraichte, gheibh sibh a-mach shìos dè ghabhas dèanamh air gach latha.
Diluain is Dihaoine
Mar is trice cha bhi a' Phàrlamaid air chois Diluain no Dihaoine 's mar sin cha ghabh frithealadh air deasbad neo coinneamh comataidh air na làithean seo. Mas saor-latha poblach Diluain no Dihaoine agus sibh a' tadhal, tha cùisean mar a bhios iad air Disathairne. Air Diluain is Dihaoine faodaidh sibh:
Uairean fosglaidh àbhaisteach Diluain is Dihaoine:
Giblean gu Sultainn10.00m gu 5.30f (cothrom deireannach 5.00f)
Damhair gu Màrt: 10.00m gu 4.00f (cothrom deireannach 3.30f)
Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin:
Tha seo air chois agus a' Phàrlamaid ann. Cha bhi turasan treòraichte poblach a' dol agus a' Phàrlamaid ann. Dimàirt, Diciadain is Diardaoin faodaidh sibh:
Uairean fosglaidh àbhaisteach Dimàirt, Diciadain is Diardaoin:
9.00m gu 6.30f (cothrom deireannach 6.00pm)
Airson Dimàirt gu Diardaoin agus a' Phàrlamaid na fosadh (faicibh na cinn-latha shuas), tha na gnìomhan a ghabhas dèanamh is na h-uairean fosglaidh mar a tha iad air Diluain is Dihaoine.
Disathairne agus Saor-làithean Poblach
-
-
-
-
-
-
Tlachd a ghabhail san obair-ealain air taispeanadh ann an ionadan poblach an togalaich
Uairean fosglaidh àbhaisteach Disathairne
11.00m to 5.30f (cothrom deireannach 5.00f)
Dè tha thu ag iarraidh dèanamh?
Tha cothrom-inntrigidh don togalach a rèir feumalachdan gnothaichean na Pàrlamaid
Dh'fhaodte gun tèid uairean fosglaidh, tursan-treòraichte agus cothroman a dhol a-steach do phàirtean den togalach atharrachadh gun mòran rabhaidh mar thoradh air gnothaichean pàrlamaideach.
Fiosrachadh teàrainteachd
Feumaidh a h-uile neach-tadhail a dhol tro sgrìneadh teàrainteachd air an t-slighe a-steach don togalach. Dh'fhaodte gun cuir seo greis ris an turas agad, a' crochdadh air cia mheud neach-tadhail a bhios a' tadhal air an togalach.