Comataidh phàrlamaideach a’ gairm airson barrachd fiosrachaidh air a’ bhuil a thig bho Bhrexit

01.08.2016

Tha a’ Chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba, a tha a’ sgrùdadh dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit, air an rannsachadh aice a leudachadh. An-diugh, tha a’ Chomataidh a’ cur a-mach gairm airson bheachdan, gus barrachd fianais fhaighinn air dè a’ bhuil a thig bhon bhòt. 

Tha Buill Pàrlamaid na h-Alba air a’ Chomataidh Eòrpaich is Dàimhean Taobh a-muigh (EERC) a’ gairm air companaidhean, buidhnean agus daoine fa leth, bho air feadh na h-Alba, conaltradh a dhèanamh leis a’ Chomataidh.

Tha an gairm ùr seo airson fianais a’ leantainn air obair a rinneadh leis a’ Chomataidh rè fosadh an t-samhraidh. Ann an ùine gun a bhith fada, bidh a’ Chomataidh a’ foillseachadh aithisg eadar-amail air an obair a rinn iad gu ruige seo, gus buaidh a thoirt air Ministearan na Rìoghachd Aonaichte agus Ministearan na h-Alba anns na còmhraidhean leantainneach aca.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eòrpaiche is Dàimhean Taobh a-muigh, Seònag NicAilpein BPA:

“Anns na ciad sheiseanan-fianais againn, cha do rinn sinn ach toiseach tòiseachaidh ann a bhith a’ comharrachadh dè a’ bhuil dha-rìreabh a bhios aig Brexit air Alba, ach tha e soilleir gu bheil feum ann air tòrr a bharrachd obrach. Air sàilleibh sin, tha a’ Chomataidh an-diugh a’ sireadh tuilleadh bheachdan, bho dhaoine bho air feadh na h-Alba, air a’ bhuaidh a bhios orra bho fhàgail an Aonaidh Eòrpaich.

“Tha Alba ceangailte ris an Aonadh Eòrpach ann an grunn raointean: bho dhaoine gu airgead-tasgaidh agus bho oileanaich is rannsachadh gu maoineadh leasachaidh roinneil, gus ainm a chur ri fear no dhà dhiubh. Feumaidh sinn tuigsinn mar a dh’atharraicheas Alba, san fhad-ùine agus sa gheàrr-ùine, mar thoradh air a’ bhòt seo.

“Rud nas cudromaiche, nuair a chluinneas sinn bho Mhinistearan Albannach agus bho Mhinistearan na Rìoghachd Aonaichte nas anmoiche am-bliadhna, cuiridh sinn thuca cuid de na beachdan a chuala sinn aig an toiseach, air chor ’s gum faod buaidh a bhith againn air na còmhraidhean fada, leantaileach a bhios a’ leantainn orra.”

Mar phàirt den obair seo, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ coimhead aig dè na roghainnean eile a dh’fhaodas a bhith ann, an àite ballrachd an Aonaidh Eòrpaich, gus sgrùdadh a thoirt do gach roghainn a tha air a’ bhòrd. Tha Buill Pàrlamaid na h-Alba cuideachd airson sgrùdadh dè a’ bhuil a bhios air fèin-riaghlaidh nuair a dh’fhàgas Alba an t-Aonadh Eòrpach.

Tha an EERC a’ sireadh bheachdan air na cuspairean a leanas:

  • dè na roghainnean eile a tha ann an àite ballrachd an Aonaidh Eòrpaich;
  • dè a’ bhuil a bhios air Alba bho na roghainnean eile seo;
  • mar a dh’fhaodas am pròiseas airson ais-tharraing a bhith air a stiùireadh, aig ìre an Aonaidh Eòrpaich agus aig ìre na Rìoghachd Aonaichte;
  • dè na ceumannan a bhios an lùib a’ phròiseis seo, agus mar a dh’fhaodas na raointean poileasaidh a bhith air an dèiligeadh ris;
  • dè cho fada ’s a dh’fhaodas a bhith riatanach airson dèiligeadh ris na còmhraidhean;
  • mar a dh’fhaodas leas na h-Alba, agus leas nam pàirtean eile a tha a’ dèanamh suas na Rìoghachd Aonaichte, a bhith air an riochdachadh anns na còmhraidhean sin, agus dè an dreuchd aig Riaghaltas na h-Alba anns na còmhraidhean sin;
  • dè a’ bharail a tha coltach gu bhith aig ball-stàitean eile anns na còmhraidhean;
  • dè a’ bhuil air a’ cho-còrdadh airson fèin-riaghlaidh a dh’fhaodas tighinn bho ais-tharraing bhon Aonadh Eòrpach;
  • dè a’ bhuil a bhios air lagh na h-Alba is lagh na Rìoghachd Aonaichte bho ais-tharraing bhon Aonadh Eòrpach, gu h-àraid am feum reachdas sam bith a bhith air ais-ghairm agus am feum reachdas ùr ullachadh gus na beàrnan a lìonadh bho reachdas Eòrpach;
  • dè cho mòr ’s a tha an obair agus dè a’ bhuil a bhios ann airson Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba;
  • dè a’ bhuaidh a bhios air eaconamaidh na h-Alba nuair a stadas taic bhon Mhaoin Eòrpach airson Structar agus Tasgadh agus bhon chòir cothruim don phrògram Horizon 2020;
  • dè a’ bhuil a bhios air cuibhreann ionmhais na h-Alba bho ais-tharraing bhon Aonadh Eòrpach;
  • dè an suidheachadh a bhios aig saoranaich Eòrpaich ann an Alba an dèidh ais-tharraing bhon Aonadh Eòrpach;
  • gu dè an ìre a tha saoranaich Eòrpaich ann an Alba air còraichean a chosnadh;
  • dè tha saoranaich Eòrpaich a’ cur ri eaconamaidh agus ri comann-sòisealta na h-Alba;

Mar thoiseach tòiseachaidh, ’se an ceann-latha airson fianais sgrìobhte Diluain 5 Sultain.

Cùl-fhiosrachadh

Foillsichidh a’ Chomataidh aithisg eadar-amail anns an Lùnastal air an fhianais a fhuaradh gu ruige seo, ach bidh an fhianais uile a gheibhear mar thoradh air a’ ghairm airson bheachdan seo a’ toirt cumadh do dh’obair na Comataidh anns an àm ri teachd.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Committee information

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.