Sgrùdadh air moladh gus maitheanas a thoirt do mhèinnearan le Comataidh Thaigh an Ròid

03.12.2021

Tha Bile a bheireadh maitheanas do mhèinnearan a chaidh a dhìteadh airson eucoirean aig stailc nam mèinnearan 1984-1985 gu bhith air a sgrùdadh le Comataidh Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh Co-ionannachd, Còraichean Daonna agus Ceartas Catharra a’ sireadh bheachdan bhon mhòr-shluagh, acadaimigich agus luchd-ùidh eile air Bile Stailc nam Mèinnearan (Maitheanas) (Alba).

Ma thèid gabhail ris, bheireadh am Bile maitheanas gu fèin-ghluasadach dhaibhsan a chaidh a dhìteadh airson eucoirean a thachair nuair a bha mèinnearan a’ gabhail pàirt ann an loidhne piocaid, fianais-dhùbhlain, no cruinneachadh eile den aon sheòrsa airson taic a thoirt do na stailcean, no fhad ’s a bha iad a’ siubhal gu no bho loidhne piocaid no fianais-dhùbhlain.

Le aithne don uallach a chuireadh air dàimhean eadar na poileis is coimhearsnachdan ri linn na stailc, tha an reachdas na oidhirp air rèiteachadh a dhèanamh eadar an fheadhainn a bha a’ seasamh an lagha agus an fheadhainn a bha a’ sabaid gus an cuid obraichean, beòshlaint agus coimhearsnachdan a dhìon.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an rannsachadh a chur air bhog thuirt Neach-gairm na Comataidh, Joe FitzPatrick BPA:

“Tha mòran den fheadhainn a ghabh pàirt agus a chaidh a dhìteadh airson a bhith an sàs ann an stailc nam mèinnearan air a’ bhuaidh agus an stiogma a thàinig às a ghiùlan airson deicheadan.

“Tha am Bile seo a’ feuchainn ri faothachadh a thoirt do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba le bhith a’ toirt maitheanas dhaibhsan a chaidh fhaighinn ciontach de dh’eucoirean sònraichte anns na connspaidean guineach sin.

“Le bhith a’ cur an rannsachaidh seo air bhog, tha sinn airson faighinn a-mach an e an reachdas seo an dòigh air rèite fhaighinn agus am mì-cheartas eachdraidheil sin a chàradh no a bheil dòighean eile ann as urrainn dhuinn an t-amas sin a ruighinn.

“Ann a bhith a’ sireadh bheachdan gus taic a thoirt don sgrùdadh againn, tha sinn gu sònraichte airson cluinntinn mu dè cho fada ’s a thèid am maitheanas a tha ga mholadh agus am buin iad ris na daoine agus na h-eucoirean ceart.”

Tha an gairm bheachdan a’ dùnadh air 14 Faoilleach 2022 agus faodaidh tu do bheachdan a thoirt seachad an seo:  https://yourviews.parliament.scot/ehrc/miners-strike-pardons-bill

Cùl-fhiosrachadh

Ann an 2018, chuir Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh neo-eisimeileach air bhog mu obair poileis ann an stailc nam mèinnearan. Sheall an sgrùdadh gu sònraichte air a’ bhuaidh a bh’ aig a’ phoileas air coimhearsnachdan.

Chaidh aithisg dheireannach an ath-bhreithneachaidh neo-eisimeileach fhoillseachadh ann an 2020. Mhol an aithisg gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba maitheanas a thoirt do dhaoine a chaidh a dhìteadh airson eucoirean sònraichte co-cheangailte ris an stailc.

Anns an Dàmhair 2020, thuirt Riaghaltas na h-Alba gu robh iad air gabhail ann am prionnsapal ri moladh an Ath-bhreithneachaidh Neo-eisimeilich mu mhaitheanas ach gum beachdaicheadh air na slatan-tomhais iomchaidh a dh’fhaodadh buntainn ri co-dhùnadh air a’ mhaitheanas.

Anns a’ Mhàrt 2021, chuir Riaghaltas na h-Alba an co-chomhairleachadh air bhog mu na slatan-tomhais airson maitheanas. Bha an co-chomhairleachadh a’ dol gu 4 Ògmhios 2021. Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba a fhreagairt don cho-chomhairle  air 13 Sultain 2021 a thuirt gu robh na co-dhùnaidhean bhon fhreagairt cho-chomhairleachaidh a’ nochdadh taic fharsaing airson maitheanas agus gur b’ e na h-aon shlatan-tomhais iomchaidh a bu chòir a bhith ann an raon eucoirean a bhuineadh don a’ mhaitheanas.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.