24.11.2021
Gu luath an dèidh COP26, tha Comataidh Neoni Lom, Lùtha
agus Còmhdhail aig Pàrlamaid na h-Alba a’ cur rannsachadh air bhog an-diugh a
nì sgrùdadh air an àite a tha aig riaghaltas ionadail agus a chuid
chom-pàirtichean – roinnean prìobhaideach is saor-thoileach, iomairtean
sòisealta, agus coimhearsnachdan ionadail – gus Alba neoni lom (net zero) a
mhaoineachadh is a lìbhrigeadh le chèile.
Gabhaidh Buill beachd air na tha comhairlean agus
com-pàirtichean a’ dèanamh gu practaigeach gus cuideachadh gus amasan a thoirt
a-mach, dè an t-eòlas a thathar a’ cleachdadh, agus dè na cnapan-starra a tha
orra. Nì iad sgrùdadh cuideachd air mar a bhios comhairlean a’ toirt buannachd
à comas is ionmhas san roinn phrìobhaidich agus eisimpleirean de dh’obrachadh
com-pàirteachais a tha a’ lìbhrigeadh neoni lom iarraidh.
Bheir an rannsachadh sùil gu sònraichte air an targaid
mhòir de lùghdachadh 75% uile-gu-lèir air brùchdadh a’ charboin a thoirt gu
buil ro 2020 (fo bhun-loidhnichean a chaidh a shocrachadh ann an 1990 agus
1995).
Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an rannsachadh a chur
air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Dean Lockhart BPA:
“Tha COP 26 air daingneachadh gu bheil àite aig
riaghaltas aig gach ìre gus aghaidh a chur air atharrachadh na gnàth-shìde. Ann
an Alba, tha cumhachdan riaghaltais ionadail a’ toirt a-steach a h-uile rud bho
bhrosnachadh còmhdhail ghnìomhach, gu co-dhùnadh mun t-seòrsa thaighean a
thogar ann an coimhearsnachdan, gu cur air adhart ath-chuartachadh agus
eaconamaidh chearcallach.
“Gus toraidhean fhaighinn, feumaidh riaghaltas ionadail
dol ann an com-pàirteachas èifeachdach ri luchd-gnìomhachais, ris an roinn
shaor-thoilich agus ris na coimhearsnachdan ionadail iad fhèin. Is e seo as
coireach gu bheil sinn ag iarraidh gum bi seo na rannsachadh air làimh, a’
sealltainn air neartan nan càirdeas sin agus na ceuman practaigeach a thathar
a’ gabhail.
“Feumaidh tuigse a bhith againn air mar tha buidseatan
chomhairlean gan cleachdadh gus gnìomh air neoni lom a stiùireadh agus cho math
agus a tha iad air buannachd a thoirt à sgilean agus ionmhas prìobhaideach.
Agus feumaidh tuigse a bhith againn air an àite a dh’fhaodas a bhith aig
Riaghaltas na h-Alba gus taic a chur gus – nuair a dh’fheumar – dùbhlan a
thoirt air riaghaltas ionadail àite iomlan a bhith aca san strì ri atharrachadh
na gnàth-shìde.”
Tha a’ Chomataidh air suirbhidh a chur air bhog ag
iarraidh bheachdan a tha a’ tighinn gu crìch Dihaoine 21 Faoilleach 2022.
Faodaidh tu beachdan a chur a-steach an seo:
https://yourviews.parliament.scot/ecclr/lg-net-zero-21
Cùl-fhiosrachadh
Bheir a’ Chomataidh aithisg don Phàrlamaid le
co-dhùnaidhean an rannsachaidh aice as t-Earrach 2022.
Am measg nan raointean as coltaiche a nochdas am broinn
an rannsachaidh seo, tha, mar eisimpleir: