Buill air taic a chur ri ‘atharrachaidhean bunaiteach’ gus aghaidh a chur air ceistean siostamach ann an siostam a’ cheartais

22.11.2021

Tha Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh gun tèid leasachaidhean cuimseach a thoirt air siostam a’ cheartais, a bharrachd air barrachd airgid a bhith ri fhaotainn don roinn, air thoiseach air buidseat Riaghaltas na h-Alba an ath mhìos.

An dèidh dhi beachd a ghabhail air suidheachadh an ionmhais airson na roinne, thàinig a’ Chomataidh chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil mòran de na dùbhlain a thaobh buidseit ann an siostam a’ cheartais nan comharraidhean air duilgheadasan nas fharsainge air nach deach aghaidh gu leòr a chur thairis air mòran bhliadhnaichean.

Ged a tha i den bheachd gu bheil feum air barrachd tasgaidh, feumar aghaidh a chur air duilgheadasan ceangailte, leithid càrn nan cùisean air dheireadh sna cùirtean, àireamhan mòra de phrìosanaich ann an grèim, agus prìosanan a tha tuilleadh is dùmhlaichte is aosta le ‘dorsan-cuairteachaidh’ agus ceistean mu bhàs le drugaichean a bharrachd air fuasglaidhean a rèir poileasaidh, cho math ri maoineachadh gu leòr.

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh planaichean ceangailte, san ùine fhada, gan stiùireadh le Riaghaltas na h-Alba, agus a’ toirt leotha prìomh chom-pàirtichean uile a’ cheartais a dh’iarraidh aghaidh a chur air ceistean, nam measg:

• An càrn-obrach mòr mòr sna cùirtean de mu 50,000 de chùisean air a dhèanamh nas miosa leis a’ ghalar;
• Meud nan daoine sna prìosanan, ìre nam boireannach sa phrìosan agus prìosanaich ann an grèim nam measg;
• Leasachadh a thoirt air seilbh nam prìosan;
• Ceistean sa phrìosan leithid mì-ghnàthachadh dhrugaichean, leas phrìosanach is luchd-obrach, agus rianachd air buidhnean-eucorach trom-chùiseach air an taobh a-staigh; 
• Am feum air tàladh ann an seirbheisean a’ phoileis agus smàlaidh;
• Ceistean ann an siostam a’ chuideachaidh-laghail;
• Taic ri luchd-fulaing agus siostaman-ceartais anns na coimhearsnachdan.

Tha a’ Chomataidh air beachd a nochdadh gur dòcha gun cuidicheadh a bhith a’ cosg airgead ann an raointean leithid:

• fiaradh èifeachdach bho dhìteadh no fiaradh bho sgeamaichean-gainntireachaidh airson cùisean nuair a tha iadsan iomchaidh,
• taighean-bidhe gus slànachadh bho dhrugaichean ann am prìosanan;
• Cùram leantainneach don fheadhainn a’ fàgail a’ phrìosain,

gus bruthadh anns an t-siostam a lasachadh, agus ri tìde na dùbhlain mu bhuidseat anns an fharsaingeachd airson roinn a’ cheartais a lùghdachadh.

Agus i a’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Audrey Nicoll BPA:  

“Tha sinn den bheachd gu bheil argamaid ann airson barrachd caiteachais gus taic a chur ri siostam a’ cheartais gus aghaidh a chur air na dùbhlain gu lèir a tha mu coinneimh.

“Tha sinn mothachail, ge-tà, nach eil airgead gun chrìochan, agus nach tèid feadhainn de na ceistean nach gabh fuasgladh a rèir choltais a thig air na cùirtean, na prìosanan agus com-pàirtichean eile a’ cheartais fhuasgladh dìreach bhith a’ fosgladh an sporain.

“Tha sinn den bheachd gum faodadh gnìomhan ceangailte, coileanadh amasan san ùine fhada leithid lùghdachadh air ath-chiontachadh, atharrachaidhean bunaiteach a chruthachadh. Bheireadh seo leasachadh air toraidhean don phoball agus don bhuidseat airson na roinne cho math.”

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear an aithisg iomlan an seo: 
Pre-budget scrutiny: priorities in 2022-23 for the Scottish Government's budget in the justice sector 

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fiosrachadh nam Meadhanan
Greg Black: 07920 296 862
Conaltradh Text Relay di-beathte
greg.black@parliament.scot

Fiosrachadh poblach 

· Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)

· sp.info@parliament.scot

· Teacsa 07786 209 888

· Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò

· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.

 

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl. agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_Justice.

 

Thoir meas dhuinn air Facebook airson ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan

 

No faigh a-mach barrachd air YouTube   

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.