Comataidhean aig a’ Phàrlamaid gus am Frèam Dealbhaidh Nàiseanta a sgrùdadh

19.11.2021

Thèid poileasaidhean a’ riaghladh leasachadh bailtean-mòra, bailtean-beaga agus sgìrean dùthchail na h-Alba gu 2045 a sgrùdadh le grunn chomataidhean aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an ceathramh Frèam Dealbhaidh Nàiseanta a’ nochdadh ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson leasachadh na h-Alba san ùine fhada agus sreath de phoileasaidhean dealbhaidh nàiseanta, a threòraicheas co-dhùnaidhean air gach iarrtas airson cead-dealbhaidh a chuirear a-steach ann an Alba. Tha e cuideachd a’ sònrachadh 18 “leasachaidhean nàiseanta”, aig a bheil e mar amas taic a chur ri lìbhrigeadh na ro-innleachd.    

A-nis, don chiad turas an seisean seo den Phàrlamaid, obraichidh grunn chomataidhean aig a’ Phàrlamaid còmhla gus na molaidhean a sgrùdadh. Tha iad ag iarraidh cluinntinn bhuat a thaobh mar a bu chòir gum biodh coimhearsnachdan air an dealbhadh, le amas aghaidh a chur air ceistean mòra leithid èiginn na gnàth-shìde agus èiginn an nàdair agus taic a chur ri togail beairteas choimhearsnachdan agus fàs eaconamach seasmhach anns an fharsaingeachd. 

Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cluinntinn mun choltas a bhiodh air a’ choimhearsnachd a b’ fheàrr leat, mar a ghabhas àitichean poblach is fosgailte cleachdadh gus a bhith fallain, agus mar as urrainn dhuinn ar cuid àitichean a dhìon mu choinneamh na h-ùine air thoiseach agus taic a chur ath-shlànachadh bho ghalar a’ choròna-bhìorais.

Agus i a’ bruidhinn nuair a chuir na Comataidhean an cuid sgrùdaidh air bhog, thuirt Neach-gairm Comataidh Riaghaltais Ionadail, Taigheadais agus Dealbhaidh, Ariane Burgess BPA: 

“Tha e mar amas aig an Fhrèam Dhealbhaidh Nàiseanta buaidh mhòr a thoirt air mar a bhios sinn a’ mairsinn ann an Alba. 

“Thathar a’ cur fàilte is furan gun teagamh air an amas seo. Ach tha e cudromach gun gabh sinn ùine gus a dheabhadh gum faodar na h-amasan dàna seo a thoirt gu buil agus gum bi an cothrom aig muinntir na h-Alba dol an sàs anns na h-atharrachaidhean mòra.” 

Chùm an Neach-gairm oirre: 

“Tha am Frèam gu math farsaing is mionaideach agus tha e cudromach gum bi an cothrom aig a’ Phàrlamaid seo a sgrùdadh gu h-iomlan. 

“Gus seo a dhèanamh, thèid an obair seo a chumail thairis air caochladh chomataidhean aig a’ Phàrlamaid. Cuiridh a h-uile gin de na Comataidhean seo an cuid eòlais is teòmachd gu feum gus buaidhean practaigeach an Fhrèam a sgrùdadh agus mar a dh’fhaodte seo a leasachadh gus atharrachadh dha-rìribh buan is brìoghmhor a dhearbhadh.”  

Thathar a’ toirt cuireadh don phoball an cuid bheachdan mun Fhrèam a nochdadh tro: https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/committees/current-and-previous-committees/session-6-local-government-housing-and-planning/business-items/national-planning-framework

Is e an ceann-là deireannach airson nam beachdan Diluain 10 Faoilleach 2022. 

Cùl-fhiosrachadh 

Chaidh am Frèam Dealbhaidh Nàiseanta a thoirt a-steach sa Phàrlamaid 10 Samhain 2021. Tha sia fichead là aig Pàrlamaid na h-Alba gus aithisg a thoirt mun Fhrèam.  

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air beachdachadh nan Comataidhean air an Fhrèam aig: https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/committees/current-and-previous-committees/session-6-local-government-housing-and-planning/business-items/national-planning-framework

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.