19.11.2021
Tha Comataidh Chumhachdan Tiomnaichte agus
Ath-leasachaidh Lagha aig Pàrlamaid na h-Alba a’ tòiseachadh air rannsachadh a’
sealltainn air mar a chleachdas Riaghaltas na h-Alba cumhachdan gus
riaghailtean a dhèanamh ann an èiginn.
Chaidh an cumhachd mu dhèanamh riaghailtean, air a bheil am
‘modh-obrach air a dhèanamh deimhinneach’ a chleachdadh còrr is 100 turas le
Riaghaltas na h-Alba bho thoiseach a’ ghalair. Ged a bha an innleachd laghail
ann roimhe, cha deach a chleachdadh ach dòrlach thursan sa bhliadhna.
Tha am modh-obrach air a dhèanamh deimhinneach a’
ciallachadh gun tig atharrachaidhean laghail an gnìomh mus bi cothrom aig na
Buill sealltainn no bhòtadh orra, a’ leigeil leis an Riaghaltas cur an gnìomh
gu luath. Feumaidh a’ Phàrlamaid, ge-tà, aonta a chur ris na h-atharrachaidhean
an taobh a-staigh 28 là gus an cùm an lagh air an gnìomh.
Thug a’ Phàrlamaid barrachd comais do Riaghaltas na
h-Alba na cumhachdan seo a chleachdadh fo Achdan a’ Choròna-bhìorais ris an
deach aonta a chur an toiseach anns a’ Ghiblean agus anns a’ Chèitean 2020. Tha
Achd Coròna-bhìorais na RA cuideachd a’ leigeil gum faodar am modh-obrach a
chleachdadh ann am Pàrlamaid na RA agus anns na reachdaireachdan tiomnaichte.
Tha a’ chomataidh an dòchas cuideachadh ris a’ Phàrlamaid
gus cothromachadh iomchaidh eadar sùbailteachd don Riaghaltas ann a bhith a’
toirt freagairt air suidheachadh èiginneach agus fhathast a’ dèanamh cinnteach
gum bi sgrùdadh is stiùireadh ceart leis a’ Phàrlamaid ann a dhearbhadh.
Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an rannsachadh a chur
air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stuart McMillan BPA:
“Tha deagh adhbharan mu shlàinte phoblach ann dèanamh
cinnteach gum faod Riaghaltas na h-Alba cur an gnìomh gu luath gus daoine a
chumail sàbhailte. Tha a’ Chomataidh mothachail gu bheil mar a chleachdar am
modh-obrach air a dhèanamh deimhinneach air leigeil le Riaghaltas na h-Alba
freagairt a thoirt gu luath air an iomadh dùbhlan a thàinig an lùib a’ ghalair.
“Ach tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh dèanamh
cinnteach gun tèid an cumhachd gus a leithid a dhèanamh a chleachdadh mar as
iomchaidh agus a rèir mar a dh’fheumar.
“Uimhir is a ghabhas dèanamh, bu chòir gum biodh
cothroman iomchaidh aig Buill sealladh farsaing fhaighinn, agus cothroman aig
a’ phoball ceangal a dhèanamh agus beachdan a nochdadh air molaidhean mus tig
iad an gnìomh. Tha seo mar chlach-bhunait ris an deamocrasaidh againn ann an
Alba.
“Gabhaidh sinn beachd air mar a tha an cumhachd ga
chleachdadh an-dràsta le Riaghaltas na h-Alba agus nì sinn molaidhean sam bith
airson atharrachaidhean a tha a dhìth nar beachd.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha mar a chleachdas Riaghaltas na h-Alba am modh-obrach
air a dhèanamh deimhinneach airson ionnsramaidean covid stèidhichte air
cumhachdan ann an ceithir Achdan:
Reachdas Pàrlamaid na h-Alba
• Achd Coròna-bhìorais (Alba) 2020
• Achd Coròna-bhìorais (Alba) (Àir. 2) 2020
• Achd Slàinte Phoblach etc. (Alba) 2008
Reachdas Pàrlamaid na RA
• Achd Coròna-bhìorais 2020
Faigh a-mach barrachd air-loidhne agus thoir freagairt
air a’ ghairm airson bheachdan gu 20 Dùbhlachd 2021.
Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd
dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a
thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann
an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith.
Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an
Sanas mu Phrìobhaideachd againn.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Greg Black: 07920 296 862
Conaltradh Text Relay di-beathte
greg.black@parliament.scot
Fiosrachadh poblach
·
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092
7500 (Beurla)
·
sp.info@parliament.scot
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh
beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’
cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl.
agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_Justice.
Thoir meas dhuinn air Facebook airson
ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan
No faigh a-mach barrachd air YouTube