08.11.2021
Tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba air rannsachadh air
slàinte is sunnd cloinne is dhaoine òga a chur air bhog.
Tha Comataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs ag
iarraidh faighinn a-mach mu na ceistean bunaiteach a’ bualadh air slàinte is
sunnd do chloinn agus do dhaoine òga ann an Alba. Nì iad sgrùdadh air dè na
dùbhlain agus na cothroman a th’ ann gus leasachadh a thoirt air an t-slàinte
is air an t-sunnd aca, agus mar a dh’fhaodas aghaidh a chur air bochdainn
toraidhean nas fheàrr ann an slàinte is sunnd adhbharachadh.
Seallaidh an rannsachadh air 4 raointean bunaiteach:
• Bochdainn na cloinne (agus plana
lìbhrigidh Riaghaltas na h-Alba mu bhochdainn na cloinne an-dràsta),
neo-ionannachd agus fulang anns an òige;
• Ceistean a’ bualadh air daoine òga a tha air a bhith eòlach air cùram;
• Slàinte-inntinn, cothrom air Seirbheisean Slàinte-inntinn do Phàistean
agus do dh’Inbhich (CAMHS) agus cho cudromach agus a tha taic aig ìre thràth;
• Slàinte is sunnd anns na sgoiltean
Agus i a’ bruidhinn nuair a chaidh an rannsachadh a chur
air bhog, thuirt Gillian Martin BPA, Neach-gairm Comataidh Slàinte, Cùraim
Shòisealta agus Spòrs:
“Tha tòrr chùisean a’ bualadh air slàinte is sunnd na
cloinne is nan daoine òga againn, agus gabhaidh a’ Chomataidh againn beachd
orra seo ann am mionaideachd.
“Thug an galar mòr-sgaoilte buaidh mhòr mhòr ann an seagh
corporra agus a thaobh slàinte-inntinn air cloinn is daoine òga agus tha fios
againn ron ghalar mhòr-sgaoilte gun robh barrachd is barrachd iarrtais air
seirbheisean slàinte-inntinn òigridh ann an Alba.
“Agus sinn a’ tighinn a-mach às a’ ghalar mhòr-sgaoilte
agus plana lìbhrigidh Riaghaltas na h-Alba mu bhochdainn na cloinne an-dràsta
ri ruith gu 2022, tha an rannsachadh againn a’ tighinn aig àm cudromach fhèin.
Tha rùn againn faighinn a-mach mar as fheàrr a ghabhas taic cur ri cloinn is
daoine òga gus beatha fhallain rathail a bhith aca.”
Faodaidh tu na beachdan agad a thoirt don Chomataidh an
seo: Rannsachadh air Slàinte is
Sunnd Cloinne is Dhaoine Òga - Pàrlamaid na h-Alba - Àite nan Saoranach
Dùinidh a’ ghairm airson bheachdan air 7 Dùbhlachd 2021.
CRÌOCH
Cùl-fhiosrachadh
Gheibh thu a-mach barrachd mun obair aig Comataidh
Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs air làrach-lìn
Pàrlamaid na h-Alba.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Nick Connelly: 07866 125623
Conaltradh Text Relay di-beathte
nick.connelly@parliament.scot
Fiosrachadh mun chomataidh
Airson barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh seo, nach cuir thu fios gu Heather
Galway, Clàrc-cuideachaidh do Chomataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs
- Heather.Galway@parliament.scot
Fiosrachadh poblach
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)
·
sp.info@parliament.scot
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh
beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’
cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Seanailean
Sòisealta
Faodaidh tu Pàrlamaid na h-Alba leantainn cuideachd air
twitter @scotparl.
agus cumail suas ri Comataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs @SP_HSCS
Thoir meas dhuinn air Facebook airson
ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan
No faigh a-mach barrachd air YouTube