Comataidh an Ionmhais a’ toirt rabhadh mu dhùbhlain ionmhasail air ionmhas poblach agus Alba ag ath-shlànachadh bhon ghalar mhòr-sgaoilte

05.11.2021

An dèidh sgrùdadh ro bhuidseat 2022-23 a ghabhail os làimh agus air ionmhas poblach na h-Alba an dèidh COVID-19, tha Comataidh Ionmhais agus Rianachd Phoblach Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt rabhadh mu dhùbhlain mhòra ionmhasail mu choinneamh Buidseat na h-Alba.  

Tha Buill ag ràdh gun do dh’adhbharaich an galar tasgadh poblach aig ìre agus aig astar nach robh an leithid ann roimhe agus gum bi a bhuil ri faireachdainn fad iomadh bliadhna ri teachd.  

Anns an aithisg aice air fhoillseachadh an-diugh, tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near nach fhaodar aghaidh a chur air buaidh COVID-19 san ùine fhada ann an aon chuairt de bhuidseat agus tha i ag iarraidh dòigh-dèiligidh dealbhaidh nas seasmhaiche.

Fàgaidh buaidh is buil a’ ghalair agus Brexit, a bharrachd air na dùbhlain a tha ann an-dràsta leithid atharrachadh air àireamhan an t-sluaigh, gum bi feum air dòigh-dèiligidh chuimseach is sheasmhach fad 2022-23 agus na dhèidh.

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ faicinn “buannachdan eaconamach is sòisealtasach nas fheàrr” ann a bhith a’ toirt prìomhachas do chosg casgach air raointean mar bhochdainn agus neo-ionannachd, slàinte na dùthcha agus an àrainneachd.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach MacGileabairt BPA:

“Bidh bruthadh nach beag air ionmhas poblach sna beagan bhliadhnaichean romhainn agus thig co-dhùnaidhean doirbh air Riaghaltas na h-Alba air mar a bheir e prìomhachas an dà chuid do thogail teachd a-steach agus do chaiteachas.

“Bidh prìomhachas a thaobh poileasaidh a tha cuimseach is seasmhach a dhìth thairis air grunnan bhliadhnaichean gus cinneasachd a mheudachadh agus aghaidh a chur air crìonadh an t-sluaigh againn aig aois a’ chosnaidh agus fàs a thoirt air eaconamaidh na h-Alba.

“Tha sinn den bheachd gu bheil argamaid làidir ann nach eil na crìochan ri cumhachdan Riaghaltas na h-Alba gus goireasan a ghabhail air iasad mòr gu leòr.

“Tha sinn cuideachd den bheachd gum faodar barrachd bhuannachdan eaconamach is sòisealtasach a thoirt à prìomhachas do cheuman ann an cosg casgach – biodh e gus an àrainneachd no slàinte na dùthcha a dhìon.

“Tha an t-ath-bhreithneachadh air cosg air goireasan na chothrom ceuman dàna a thoirt a-steach gus am feum as fheàrr a thoirt à goireasan agus eaconamaidh a tha stèidhichte air sunnd a chruthachadh.

“Cuspair a tha a’ nochdadh uair is uair san aithisg seo is e am feum a tha ann dòighean-dèiligidh nas seasmhaiche mu phoileasaidh, maoineachadh thairis air iomadh bliadhna agus seasmhachd fhiosgail nas fheàrr ma tha Riaghaltas na h-Alba ri freagairt èifeachdach a thoirt air na dùbhlain leantainneach de chrìonadh sluagh na h-Alba, atharrachadh na gnàth-shìde agus neo-ionannachd a lùghdachadh.”

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba nochdadh ann am Buidseat na h-Alba 2022-23 agus san Ro-innleachd Ionmhasail san Ùine Mheadhanaich mar a tha e san amharc aige an eaconamaidh a rianachd gus a chuid gheallaidhean mu neoni lom a thoirt gu buil ro 2045, ceist ris am bi i a’ tilleadh ann an ùine gun a bhith fada.

Ann an àite eile san aithisg, tha a’ Chomataidh a’ moladh gun tèid Frèam Riaghaltas na h-Alba mu Choileanadh Nàiseanta ath-shuidheachadh aig cridhe an riaghaltais agus a cheangal nas dlùithe ri dealbhadh bhuidseatan agus prìomhachasan mu chosg. Tha i cuideachd ag iarraidh air Riaghaltasan na RA agus na h-Alba mar chuid den ath-bhreithneachadh air an Frèam Fhiosgail a tha air fàire beachd a ghabhail air:

  • Mar a ghabhas leasachadh toirt air conaltradh agus follaiseachd 
  • Neartachadh an Fhrèama gus gnothach a ghabhail ri clisgidhean a thaobh slàinte no eaconamach san ùine air thoiseach a dh’fhaodadh buaidh mhì-chuimseach a thoirt air Alba 
  • Dearbhachd barrachd sùbailteachd airson Riaghaltas na h-Alba gus buidseatan a thoirt air adhart agus a rianachd thar nam bliadhnaichean, ag ionnsachadh bho àm a’ ghalair.  

Leugh an aithisg shlàn:

Faodaidh tu aithisg na Comataidh a leughadh an seo: Sgrùdadh ro bhuidseat 2022-23: Ionmhas poblach na h-Alba agus buaidh Covid-19

Fiosrachadh nam Meadhanan:

Eric MacLeod

Oifis Chonaltraidh na Pàrlamaid

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.