Bu chòir do Bhuidseat na h-Alba cuimseachadh air teachd-a-steach teaghlaich agus dèiligeadh ri bochdainn cloinne

02.11.2021

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba am buidseat aca a chleachdadh airson teachd-a-steach phàrantan a dhèanamh seasmhach gus cuideachadh a dh’ionnsaigh na targaidean bochdainn cloinne aca a ruighinn, a rèir litir a chuir Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta Pàrlamaid na h-Alba a-mach an-diugh.

Tha a’ Chomataidh air na h-àrd phrìomhachasan aca innse a chaidh aontachadh gu h-aona-ghuthach airson Buidseat na h-Alba 2022-2023, agus iad ag amas air dèiligeadh ri bochdainn cloinne.

Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bi cuimseachadh air teachd-a-steach phàrantan na chuideachadh do theaghlaichean a tha a' fulang lùghdachadh ann an teachd-a-steach na dachaigh leis mar a tha prìsean ag èirigh agus Riaghaltas na RA a’ cur stad air ceumannan taic COVID-19, leithid an àrdachaidh £20 air creideas coitcheann.

Tha litir na Comataidh gu Shona Robison BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartas Sòisealta, Taigheadas agus Riaghaltas Ionadail, a’ nochdadh trì pàirtean de bhith a’ dèanamh seo:

• dùblachadh Pàigheadh Pàiste na h-Alba cho luath ’s a ghabhas

• leasachadh ruigsinneachd air cùram-cloinne

• toirt tuilleadh taic cosnaidh seachad

A’ bruidhinn mar a chaidh an litir a sgaoileadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Niall Gray BPA:

“Bha cuideachadh phàrantan leis an ionmhas aca na phrìomh chuspair san fhianais a chuala a’ Chomataidh.

“Ged a tha leudachadh anabarrach mòr air a bhith ann an solar cùram-cloinne an-asgaidh le Riaghaltas na h-Alba tha sinn airson prìomhachas air barrachd leudachaidh fhaicinn sa bhuidseat seo. Tha sinn gu sònraichte mothachail gu bheil dùbhlain ro bhoireannaich agus daoine le ciorram a’ lorg deagh chothroman cosnaidh agus cùram-cloinne iomchaidh.

“Tha sinn toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gum bu mhath leotha dèiligeadh ri cuid de na cùisean sin. Ach, leis an èiginn sa bheil cuid de theaghlaichean air sgàth gun deach an t-Àrdachadh ann an Creideas Coitcheann a thoirt air falbh, bu mhath leinn gum biodh iad a’ mìneachadh nam planaichean aca gu mionaideach ann am buidseat na bliadhna sa.”

Chuala a’ Chomataidh mòran taic airson a bhith a' dùblachadh Pàigheadh Pàiste na h-Alba cho luath ’s a ghabhas. Mhìnich buidhnean a thug fianais don Chomataidh gum biodh pàirt air leth cudromach aig seo ann a bhith a’ cuideachadh Riaghaltas na h-Alba a dh’ionnsaigh nan targaidean bochdainn cloinne aca.

Tha litir na Comataidh cuideachd a’ cur cuideam air cùram-cloinne nas fheàrr a chuidicheas daoine gus tòiseachadh ag obair. San fhianais aca, dh’aithris One Parent Family Scotland briathran pàrant a thug geàrr-chunntas air na duilgheadasan a tha aig pàrantan a tha ag obair:

“Tha cosgaisean cùram-cloinne sgriosail àrd – bha mise a-riamh a’ saoilsinn gur e tuarastal reusanta a bha mi a' faighinn, ach tha e a’ cosg barrachd na tha mi a’ cosnadh gus mo dhithis cloinne a chur don sgoil-àraich airson dìreach 3 latha san t-seachdain.”

Thog a’ Chomataidh draghan cuideachd mu sheasmhachd cheumannan an aghaidh bochdainn agus a’ bhuidseat tèarainteachd shòisealta san fhad-ùine. Anns an litir, tha iad ag iarraidh air roinnean Riaghaltais a bhith ag obair còmhla gus an t-uallach fad-ùine a dh’fhaodadh a bhith ann air buidseat tèarainteachd shòisealta a lùghdachadh.

Cùl-fhiosrachadh

Tha an litir shlàn a tha ceangailte fo bhacadh gu Diluain 1 Samhain.

Gheibhear an fhianais bho One Parent Family Scotland ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid airson na Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta air 7 Dàmhair 2021, aig Colbh 12

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ làimhseachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh comasach, a rèir riatanasan dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agad dì-chlàradh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic ar Sanas Prìobhaideachd.

Fiosrachadh Mheadhanan
Tom Malone
Fàilte ro ghairmean Text Relay
Tom.Malone@parliament.scot

Fiosrachadh poblach
• Loidhne-fòn airson cheistean: 0800 092 7500 no 0131 348 5395 (Gàidhlig)
• sp.info@parliament.scot
• Teacsa 07786 209 888
• Cuir ceist tro live chat
• Cuiridh sinn cuideachd fàilte ro ghairmean tron t-seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl,

like a dhèanamh oirnn air Facebook airson na naidheachd agus nan tachartasan as ùire,

no tuilleadh fhaighinn a-mach air YouTube  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.