Ciorcaigeadh Seisean a Sia de Phàrlamaid na h-Alba

01.10.2021

Thèid Ciorcaigeadh Seisean a Sia de Phàrlamaid na h-Alba a chumail Dihaoine 1 Dàmhair ann an Cathair-eaglais GhillÌosa ann an Dùn Èideann. Còmhla ri A Mhòrachd Rìoghail Diùc Bhaile Bhòid bidh Buill, an t-Oifigear Riaghlaidh, riochdairean bho chreideamhan seach creideamhan na h-Alba, riochdaire bho choimhearsnachd nan daonnairean nam measg.

Bidh an t-Urramach Calum MacLeod, Ministear Cathair-eaglais GhillÌosa an ceann seirbheis an fheasgair.

An dèidh na seirbheis, bidh Diùc Bhaile Bhòid an làthair aig cuirm an Oifigeir Riaghlaidh ann an Talla na Pàrlamaid.

Tha an ciorcaigeadh stèidhichte air deas-ghnàth aig Pàrlamaid na h-Alba sna Linntean Meadhanach. An dèidh ciad taghadh na Pàrlamaid ùire ann an 1999, chaidh an gnàth a thoirt air ais às ùr gus Alba fharsaing an là an-diugh a riochdachadh.

Leanaidh fosgladh foirmeil na Pàrlamaid air adhart Disathairne 2 Dàmhair nuair a bheir A Mòrachd A’ Bhanrigh òraid do na Buill, agus còmhla rithe Am Mòrachdan Rìoghail, Diùc is Ban-diùc Bhaile Bhòid.

Thèid ceòl a chluich ri linn na seirbheis le Seamus O’Baoighill (Fidheall) agus Gillis O’Flaherty (Giotàr) bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba.

San t-seirbheis tha:

  • Leughadh leis an Oifigear Riaghlaidh, Alison NicIain BPA (Lùcas 10: 25-37)
  • Leughadh le Christopher Winters, Foireann nam Balach (Salm 146: 5-10)
  • Seirm le Còisir Cathair-eaglais GhillÌosa
  • Beannachdan eadar creideamhan bho riochdairean à raon choimhearsnachdan creideimh agus daonnaireach
  • Searmon le Morair Wallace of Tankerness, Modaratair Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba
  • Am Moladh
  • Tha an t-seirbheis a’ tighinn gu crìch leis an laoidh ’Airson Slànachadh nan Dùthchannan’.

Fiosrachadh

Tom Malone

Pàrlamaid na h-Alba

tom.malone@parliament.scot

Stiùireadh do luchd-deasachaidh

Cùl-fhiosrachadh

Cathair-eaglais GhillÌosa


This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.