Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air iarraidh air pannal eòlaichean rannsachadh a dhèanamh air na dùbhlanan a thaobh sgrùdaidh san ath sheisean den Phàrlamaid

29.09.2020

Tha Comataidh aig Taigh an Ròid air pannal eòlaichean fiosgail, eaconamach is bun-reachdail a stèidheachadh. Thathar air iarraidh air na prìomh dhùbhlanan a thaobh sgrùdaidh a dh’èireas ann an roinn an Ionmhais agus Bun-reachd sa chòig bliadhna air thoiseach aig Pàrlamaid na h-Alba a shònrachadh. 

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd na Pàrlamaid a’ cumail rannsachadh mun chuspair a chuidicheas a’ chomataidh a thig na dèidh a gheibh mar dhìleab dùbhlanan eaconamach is poilitigeach. 

Tha raon-ùghdarrais an rannsachaidh ag aithneachadh gu bheil sgaoileadh-cumhachd a’ fàs nas toinnte is nas toinnte. Gabhaidh na h-eòlaichean beachd air buaidh uile na cumhachdan a thaobh cìse a fhuair Alba o chionn ghoirid, air an fhrèam fhiosgail agus air an atharrachadh bhun-reachdail a bheir Brexit leis. Thèid a h-uile gin dhiubh seo a shuidheachadh a rèir buaidh eaconamach Covid 19. 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Brus MacCreamhain BPA: 

“Biodh sinn a’ socrachadh bhuidseatan no ris a’ bhun-reachd, is e an obair a tha againn riaghaltas an latha a sgrùdadh is a cheasnachadh. Agus bidh an dleastanas sin nas toinnte agus nas toinnte san ath Phàrlamaid. 

“Cha bhi e soirbh a bhith a’ feuchainn ri poileasaidhean is coileanadh an riaghaltais a mheas nuair a tha troimh-a-chèile eaconamach agus atharrachadh bun-reachdail nach fhacas an leithid riamh roimhe ann.

“Tha sinn air cuireadh a thoirt uime sin do phannal eòlaichean gus an cuid fiosrachaidh a thairgse air far am bi na prìomh dhùbhlanan a thaobh sgrùdaidh air ionmhas is bun-reachd. Cuidichidh an obair aca gus cruth a chur air a’ phàipear againn a bheir sinn mar dhìleab don fheadhainn nar dèidh. 

“Chan eil an obair seo soirbh agus tha mi an comain nan eòlaichean gu lèir againn airson an cuid ùine is fiosrachaidh a thoirt gu fialaidh dhuinn.”     

Tha raon-ùghdarrais rannsachadh na comataidh mar a leanas:

“Mar a dh’fhàsas sgaoileadh-cumhachd nas toinnte agus nas toinnte, dè na prìomh dhùbhlanan a thaobh sgrùdaidh a thig air Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd sam bith san ath Phàrlamaid agus ciamar a bu chòir dhi fàs gus aghaidh a chur air na dùbhlanan sin.” 

Mar a’ chiad cheum, chruthaich a’ chomataidh pannal air am bi eòlaichean air an taobh a-muigh cho math ris an luchd-chomhairle a tha aig a’ chomataidh an-dràsta. 

Gabhaidh pannal nan eòlaichean beachd air: 

· Sgaoileadh barrachd chumhachdan tro Achd na h-Alba 2016, an dèidh molaidhean Coimisean Mhic a’ Ghobhainn.

· Obrachadh Frèam Fiosgail Riaghaltas na RA/na h-Alba a’ gabhail a-steach freagairt air COVID-19.

· A’ bhuaidh bhun-reachdail a bheir Brexit air sgaoileadh-cumhachd. 

Bidh cothrom aig a’ Chomataidh an uair sin beachd a ghabhail air toraidhean bhon phannal gus cuideachadh ris a’ phàipear-dhìleib aice. Tha dùil gun tèid aithisg a’ phannail fhoillseachadh leis a’ phàipear-dhìleib mu dheireadh as t-Earrach 2021.  

Is iad buill a’ phannail, a rèir òrdugh na h-aibidile: 

· Charlotte Barbour, Stiùiriche Cìse, ICAS

· Dùghlas Friseal, Deasaiche Gnìomhachais agus Eaconamaidh, BBC na h-Alba

· An t-Àrd-ollamh Mìcheal Keating, Ionad Atharrachaidhean Bun-reachdail

· An t-Àrd-ollamh Seumas Mitchell, Oilthigh Dhùn Èideann

· Christine O’Neill, Neach-tagraidh, Cathraiche, Brodies LLP

· Màiri Spowage, Iar-stiùiriche, Institiuid Fhriseil Alandair

· Mark Taylor, Stiùiriche Sgrùdaidh, Sgrùdadh Alba

· An t-Oll. Hannah White, Iar-stiùiriche, Institiuid an Riaghlaidh.

Còmhla riutha bidh an t-Àrd-ollamh Tom Mullen, an t-Àrd-ollamh Coinneach Armstrong agus Dàibhidh Phillips a tha nan luchd-comhairle don Chomataidh. Bidh an t-Oll. Seumas MacIain, Clàrc na Comataidh, sa chathair air a’ bhuidhinn. Cumaidh oifigearan bhon Phàrlamaid taic ris a’ Bhuidhinn.   

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Chomataidh Ionmhais agus Bun-reachd an seo. 

Neach nam Meadhanan

Eric MacLeòid

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.