07.09.2020
Thèid reachdas ùr a bheireadh Cùmhnant nan Dùthchannan
Aonaichte air Còraichean an Leanaibh (UNCRC) a-steach do lagh na h-Alba agus a
leigeadh le cloinn ùghdarrasan poblach a thoirt gu cùirt airson na còraichean
aca a bhriseadh a sgrùdadh le Comataidh aig Taigh an Ròid.
Tha Comataidh Co-ionannachd agus Còraichean Daonna
Pàrlamaid na h-Alba air gairm a sgaoileadh ag iarraidh bheachdan air Cùmhnant
nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh (Corpachadh) (Alba),
aig a bheil e mas amas dèanamh cinnteach gun tèid còraichean cloinne a mheas, a
dhìon agus a choileanadh le comhairlean, bùird-shlàinte agus buidhnean poblach
eile.
Tha am Bile a’ cur dleastanas laghail air ùghdarrasan
poblach – Ministearan na h-Alba nam measg spèis a ghabhail do chòraichean
cloinne, gan cur fo dhleastanas gun gnìomh a ghabhail nach eil a rèir Cùmhnant
nan Dùthchannan Aonaichte, agus bidh aig Ministearan cuideachd ri Sgeama
Còraichean Cloinne a dhèanamh a nochdas mar a thathar a’ gèilleadh ris an
dleastanas.
Faodaidh clann agus riochdairean a’ gnìomhadh às an leth
dùbhlan a thoirt do dh’ùghdarrasan poblach anns a’ chùirt airson briseadh
a-steach air na còraichean aca, agus leigidh an reachdas ùr leis na cùirtean
reachdas nach eil a rèir gin sam bith de dh’fheumalachdan UNCRC a bhualadh a-nuas.
Tha am Bile cuideachd a’ toirt chumhachdan ùra do
Choimiseanair Cloinne agus Daoine Òga na h-Alba (CYPCS) lagh a thagradh a chum
leas a’ phobaill, a bheireadh air chomas don Choimiseanair cùisean a thoirt don
chùirt às leth na cloinne agus comhairle a thoirt do na cùirtean mun Chunnradh.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Ruth NicGuaire BPA:
"Is e UNCRC an cùmhnant chòraichean daonna as motha daingneachadh
anns an t-saoghal agus tha e mar amas aig a’ Bhile seo an cùmhnant a thoirt
a-steach do lagh na dùthcha gus an tèid spèis a ghabhail do chòraichean na
cloinne gu lèir ann an Alba – ge b’ e dè an cinneadh, a’ ghnè, an creideamh no
na comasan a tha aca.
"Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho chloinn agus
bho dhaoine òga, cho math ri ùghdarrasan poblach agus buidhnean san treas
roinn, a bheil iad den bheachd gun dèan an reachdas seo cùisean nas fhasa do
chloinn na còraichean aca a ruigsinn agus a thoirt gu buil.
"Tha fiosrachadh agus cùl-raointean diofraichte aig
cloinn agus mar sin dheth tha sinn airson rannsachadh a dhèanamh air na
bacaidhean a tha ann cheana a chuireas casg an-dràsta air clann a bhith a’
dèanamh cinnteach gun tèid spèis a ghabhail do na còraichean aca.
"Tha sinn cuideachd airson beachd a ghabhail a bheil
am Bile a’ dol fada gu leòr agus a bheil rud sam bith a bharrachd a ghabhas
dèanamh gus còraichean na cloinne a dhèanamh nas làidire ann an Alba."
Is e an ceann-latha deireannach gus beachd a thoirt don
chomataidh, a thèid ainmeachadh, thathar an dùil, mar a’ phrìomh chomataidh
airson ìre a h-aon den Bhile, Dihaoine 16 Dàmhair 2020.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh UNCRC aontachadh leis a’ Chòmhdhail Choitchinn ann
an 1989 agus a dhaingneachadh Le Riaghaltas na RA ann an 1991. Bhon uair sin
tha dleastanas fon lagh eadar-nàiseanta air a bhith air an RA na còraichean a
nochdar ann an UNCRC a thoirt gu buil.
Tha e a’ nochdadh nan còraichean catharra, poilitigeach,
eaconamach, sòisealta agus cultarail air a bheil a’ chlann gu lèir airidh agus
is e an cùmhnant chòraichean daonna as motha daingneachadh anns an t-saoghal.
Tha na còraichean ann an UNCRC, a tha air a dhèanamh suas le 54 artaigilean,
gan toirt mar bharantas do gach pàiste, ge b’ e dè an cinneadh, a’ ghnè, an
creideamh, an cànan, na comasan no inmhe sam bith eile a tha aca.
Tha an RA cuideachd air a làmh a chur ri dithis a-mach à
trì pròtacalan roghainneil: (1) air clann a bhith an sàs ann an strì fo arm; agus
(2) air reic cloinne, strìopachas cloinne agus ìomhaighean drabasta cloinne.
Cha deach an treas pròtacal roghainneil, a leigeas gum faodar gearanan a
thogail le Comataidh na RA air Còraichean an Leanaibh, a shoidhnigeadh leis an
RA fhathast. Ged a tha ceangailte le UNCRC san lagh eadar-nàiseanta, seach nach
deach UNCRC a thoirt a-steach do lagh na rìoghachd, chan eil na còraichean sin
nam pàirt den lagh a ghabhas toirt gu buil gu dìreach ann an cùirtean na
h-Alba.
Fios nam Meadhanan
Baktosch Gillan
Email: baktosch.gillan@parliament.scot
Tel: 07866 163 636
Conaltradh Relay di-beathte
Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd
dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a
thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann
an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith.
Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an
sanas mu phrìobhaideachd againn.
Fiosrachadh mun Chomataidh
Equalities.humanrights@parliament.scot
Fiosrachadh poblach
·
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092
7500 (Beurla)
·
sp.info@parliament.scot
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh
beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’
cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @SP_EHRiC.