Comataidh Slàinte agus Spòrs air taic a chur ri Bile a bheir prìomhachas do dh’fheumalachdan cùram-slàinte dhaoine a dh’fhuiling eucoir ghnèitheasach

07.09.2020

Tha molaidhean gus feumalachdan cùram-slàinte dhaoine a dh’fhuiling eucoirean gnèitheasach a chur air thoiseach sheirbheisean-leigheis air aonta fhaighinn bho Chomataidh Slàinte agus Spòrs a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha an aithisg aig Ìre 1 leis a’ Chomataidh air tighinn an dèidh dhaibh beachd a ghabhail air Bile Sheirbheisean-leigheis Foireansach (Daoine a Dh’fhuiling Eucoirean Gnèitheasach) (Alba). 

Tha am Bile a’ cur uallach air bùird NHS seirbheisean-leigheis foireansach (forensic) a thoirt seachad do dhaoine a dh’fhuiling eucoirean gnèitheasach. Leigeadh e cuideachd le luchd-fulaing os cionn aois 16 iad fhèin a chur air adhart gu ionadan NHS agus fianais fhoireansach a thoirt bhuapa is a ghleidheadh, mus dèan iad co-dhùnadh ciamar is cuine a tha iad ag iarraidh fios mun tachartas a thoirt dhan phoileas. 

Agus iad a’ cur fàilte air na molaidhean, tha a’ Chomataidh a’ cur a taice ri tagradh a’ Bhile gu bheil còir aig an neach-aonair air co-dhùnadh a thaobh fios mu thachartas a thoirt don phoileas. Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil a bhith gad cur fhèin air adhart a’ toirt cumhachd dhan neach-aonair, a’ toirt dhaibh roghainn is smachd a thaobh taic-leigheis a lorg, cho math ris a’ chothrom gun tèid an ciùrradh-inntinn a lùghdachadh. 

Bu mhath leis a’ Chomataidh, ge-tà, gun rachadh am Bile neartachadh gus a dhèanamh cinnteach gum faigh luchd-fulaing am fiosrachadh a bhios a dhìth orra agus iad a’ co-dhùnadh a thaobh fios a thoirt. Mura bheil fiosrachadh ri fhaighinn sa bhad ann an raointean leithid na h-ùine a tha fianais ga gleidheadh, cha tèid aig daoine air roghainn a rèir fios a dhèanamh a thaobh an toir iad, no cuine bheir iad, am poileas a-steach. Cuideachd, tha a’ Chomataidh ag aithneachadh nach bi gan cur fhèin air adhart gu buannachd an luchd-fhulaing ach a-mhàin ma bhios iad mothachail gu bheil roghainn ann.

Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm Comataidh Slàinte agus Spòrs, Leòdhas Dòmhnallach BPA:

“Bu chòir gum biodh cothrom aig daoine a dh’fhuiling eucoirean gnèitheasach air làimhseachadh-leigheis ann an dòigh a tha cho soirbh is a ghabhas.

“Tha a’ Chomataidh againn a’ cur a taice ris an reachdas seo agus the i den bheachd gur e ceum air adhart air an robh feum cruaidh ann a bhith a’ cur feumalachdan is còraichean an luchd-fhulaing air thoiseach, agus a’ leasachadh cothrom air sgrùdaidhean-leigheis foireansach. 

“Tha am Bile seo a’ toirt cumhachd do luchd-fulaing, a’ cur a’ cho-dhùnaidh a thaobh fios a nochdadh mu thachartasan nan làmhan fhèin agus seo prionnsapal ris a bheil a’ Chomataidh a’ cur a taice gu làidir.

“Tha sinn ag iarraidh dèanamh cinnteach, ge-tà, gu bheil an fheadhainn a bhios gan cur fhèin air adhart a’ dèanamh roghainn a rèir fios, agus bhiodh buileachadh còir reachdail air tagradh neo-eisimeileach na chuideachadh gus seo a thoirt gu buil.”

Rinn a’ Chomataidh caochladh mholaidhean anns an aithisg cuideachd, nam measg:

  • Gun tèid am Bile atharrachadh a leigeil gun gabh crìoch na h-aoise aig am faod neach e fhèin a chur air adhart atharrachadh anns an ùine romhainn. Ged a tha a’ Chomataidh le crìoch-aoise 16, tha i ag aithneachadh gu bheil dragh dligheil ann. Bu chòir gum biodh a’ chòir aig Pàrlamaid na h-Alba uime sin seo atharrachadh anns an àm ri teachd.
  • Gun seall am Bile air cho cudromach agus a tha cothrom gun strì air an fhiosrachadh a tha a dhìth, a’ cuideachadh dhaoine gus roghainnean a rèir fios a dhèanamh.  
  • Gun tèid am Bile atharrachadh gus am bi còir reachdail na bhroinn air tagradh neo-eisimeileach gus dèanamh cinnteach gun tèid aig luchd-fulaing air co-dhùnaidhean a rèir fios a dhèanamh.  
  • Gun fheum seirbheis sgrùdadh-leigheis foireansach 24 uairean a thìde, 7 là, a bhith ann.   
  • Gun toir NHS Alba aithisg bhliadhnail seachad air adhartas is èifeachdalachd nan sgrùdaidhean-leigheis foireansach.

Cùl-fhiosrachadh

Dh’iarr Comataidh Slàinte agus Spòrs beachdan mu Bhile Sheirbheisean-leigheis Foireansach (Daoine a Dh’fhuiling Eucoirean Gnèitheasach) (Alba) bho 6 Dùbhlachd 2019 gu 30 Faoilleach 2020.

Tha am Bile a’ toirt dhleastanasan do bhùird-shlàinte a’ buntainn ri toirt seachad sheirbheisean-leigheis foireansach do dhaoine a dh’fhuiling eucoirean gnèitheasach (agus cron gnèitheasach le cloinn fo aois cunntalachd eucoireach).

Bidh sgrùdadh-leigheis foireansach a’ lorg fianais a ghabhas cur gu feum ann an sgrùdadh sam bith no imeachdan-cùirte sam bith an dèidh làimhe.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Bhile an seo:

https://beta.parliament.scot/bills/forensic-medical-services-victims-of-sexual-offences-scotland-bill

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bhreithneachadh is aithisg na Comataidh an seo:

https://parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/113871.aspx

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fios nam Meadhanan

Warren Hardie: 0131 348 5479

Conaltradh Text Relay di-beathte

 warren.hardie@parliament.scot

Fiosrachadh mun Chomataidh

Airson barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh seo, cuir fios mas e do thoil e gu David Cullum, Clàrc Comataidh Slàinte agus Spòrs – david.cullum@parliament.scot

Fiosrachadh poblach

· Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla) 

· sp.info@parliament.scot 

· Teacsa 07786 209 888 

· Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò 

· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL. 

Seanailean sòisealta 

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @SP_EHRiC. 

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl agus cumail suas ri Comataidh Slàinte agus Spòrs s a’ Chomataidh @SP_HealthSport 

Thoir meas dhuinn air Facebook airson ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan 

No faigh a-mach barrachd air YouTube 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.