An urrainn do reachdas àrainneachd nas cothromaich a chruthachadh do uachdarain taighean-seinnse? Tha Comataidh Thaigh an Ròid a’ faighneachd.

21.02.2020

Thèid Bile Buill a tha ag amas air àrainneachd nas cothromaiche a chruthachadh do dh’uachdarain taighean-seinnse a sgrùdadh le Comataidh na h-Eaconamaidh, Cumhachd agus Obair Cothromach.

Tha a’ Chomataidh an-diugh air gairm bheachdan a chur a-mach air Bile Thaighean-Seinnse Alba a tha a’ feuchainn ri suidheachadh luchd-gabhail thaighean-seinnse a neartachadh tro bhith a’ cruthachadh Còd Taighean-seinnse na h-Alba. Bheireadh an reachdas a chaidh a mholadh barrachd guth do dh’uachdarain anns a’ ghnìomhachas aca fhad ’s a bhiodh britheamh neo-eisimeileach a’ cumail sùil air cleachdadh a’ chòd ùir.

Tha am Bile cuideachd ag amas air roghainn a leasachadh do luchd-ceannaich, le bhith a’ dèanamh leann air a ghrùdadh gu h-ionadail nas ruigsinnich ann an taighean-seinnse ceangailte.

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Willie Coffey BPA:

“Le timcheall air 750 taigh-seinnse ceangailte ann an Alba, tha sinn airson faighinn a-mach dè a’ bhuaidh a bheireadh an reachdas seo air gnìomhachasan ionadail agus na coimhearsnachdan anns a bheil iad.

“Tha sinn airson cluinntinn bho uachdarain taighean-seinnse, luchd-gabhail agus luchd-grùdaidh gus faighinn a-mach am feum atharrachaidhean a dhèanamh.”

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear leth-bhreac den Bhile, agus na sgrìobhainnean na chois, air làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba .

  • Dè do bheachd air a’ Bhile san fharsaingeachd? A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil feum air reachdas san raon seo?
  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil am Bile a’ coileanadh an amais aige gus an dàimh a leasachadh eadar gnìomhachasan aig a bheil seilbh air taighean-seinnse agus an luchd-gabhail?
  • Am b’ urrainn don Bhile buaidh sam bith a thoirt air tasgadh ann an roinn nan taighean-seinnse ann an Alba?
  • Am bu chòir do Chòd Taighean-seinnse na h-Alba buntainn ris a h-uile gnìomhachas seilbh thaighean-seinnse agus neach-gabhail ann an Alba?
  • A bheil beachdan agad air dreuchd a’ Bhritheimh?
  • Tha am Meòrachan Poileasaidh ag ràdh gu bheil am Bile ag amas air Achd 2015 atharrachadh a rèir suidheachadh na h-Alba agus gus na duilgheadasan a dh’èirich le bhith a’ buileachadh na h-Achd ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh a sheachnadh. A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil am Bile a’ coileanadh nan amasan sin?
  • Tha am Bile a’ moladh gum bi cothrom aig luchd-gabhail ceangailte tagradh a dhèanamh ris a’ ghnìomhachas seilbh taigh-seinnse aca airson cuòt airson cùmhnant ‘Màl margaidh a-mhàin’ (MRO). A bheil thu ag aontachadh ris a’ mholadh seo agus ciamar a shaoileas tu a dh’obraicheadh e an da-rìreabh?
  • Tha am Bile a’ moladh gum biodh còir aig luchd-gabhail co-dhiù aon leann aoigh a chumail aig àm sam bith, ge bith dè na cumhachan a th’ anns a’ chùmhnant aca. Dè a’ bhuaidh a bhiodh aig seo?
  • Tha am Bile a’ moladh gun tèid oifis Neach-breithneachaidh Còd Thaighean-seinnse a mhaoineachadh tro chìs air companaidhean seilbh thaighean-seinnse a tha taobh a-staigh a’ chòd. Tha am Meòrachan Ionmhais a’ tuairmeas gum bi cosgaisean bliadhnail do ghnìomhachasan seilbh thaighean-seinnse timcheall air £6,000 gu £ 86,700 a rèir meud. Chuireadh a’ Chomataidh fàilte air beachdan sam bith air na tuairmsean sin (agus na barailean mu mheud na h-obrach airson oifis Neach-breithneachaidh Còd Thaighean-seinnse) agus am modail maoineachaidh.
  • A bheil beachdan sam bith eile agad air a’ Bhile?
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.