20.02.2020
Bu chòir do Sheirbheis Prìosain na h-Alba am prìomhachas
as àirde a chur air plana tuiteamais airson HMP Barlinnie air eagal ’s gum
fàillig e a rèir Comataidh Sgrùdadh Poblach Thaigh an Ròid.
Leis an t-suidheachadh anns a bheil prìosanan na h-Alba
san fharsaingeachd, feumaidh Riaghaltas na h-Alba agus Seirbheis Prìosain na
h-Alba (SPS) planaichean tuiteamais làidir a leasachadh gun fhios nach bi pàirt
sam bith eile de dh’oighreachd a’ phrìosain nach eil freagarrach mar
àite-còmhnaidh.
Bu chòir a h-uile plana tuiteamais a bhith a’ nochdadh duilgheadasan
comais a tha mu choinneimh an SPS sa bhad agus fianais sam bith a dhìth gun
lùghdaich àireamhan phrìosanach sa gheàrr-ùine.
Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ chomataidh
ag ràdh gum bu chòir dragh mòr a bhith air èirigh aig ìre thràth gu robh deich
bliadhna air a dhol seachad de dhìth caiteachais calpa gus fuireach sa bhuidseat
agus staid nam prìosanan a’ crìonadh. Tha buaidh na dàile sa phrògram calpa air
leth cudromach.
Tha feum air gnìomh èiginneach le Riaghaltas na h-Alba
agus SPS gus dèiligeadh ris an uallach bhunasach air seirbheis nam prìosan, agus
tha feum air fuasglaidhean bho air feadh siostam a’ cheartais.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an suidheachadh seo a-nis
a’ lagachadh amasan poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith ag ath-ghnàthachadh
phrìosanach agus a’ lughdachadh ath-eucoir.
Thuirt Jenny Marra BPA, Neach-gairm na Comataidh Sgrùdadh
Poblach;
“Tha Sgrùdadh Alba ag ràdh gu bheil HMP Barlinnie a’
nochdadh “a’ chunnairt as motha a thaobh fàilligeadh ann an siostam nam
prìosan” ach tha iad a’ rabhadh nach eil plana tuiteamais soilleir ann airson
nan 1,460 prìosanach a tha ann an-dràsta ma dh’fhaillicheas e.
“Feumaidh am prìomhachas as àirde a chur air plana
tuiteamais a leasachadh airson Barlinnie air eagal ’s gum fàillig e. Le staid
nam prìosanan san fharsaingeachd, feumaidh Riaghaltas na h-Alba agus an SPS
planaichean tuiteamais làidir a leasachadh mas bhios pàirt sam bith eile de
dh’oighreachd nam prìosan nach eil freagarrach mar àite-còmhnaidh.
A’ bruidhinn air an uallach bhunaiteach a th’ air
seirbheis nam prìosan, thuirt Ms Marra:
“Tha e soilleir don Chomataidh gu bheil dùbhlain mhòra is
farsaing ann ris am feum an SPS agus Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh. Tha an
SPS an-dràsta a’ gabhail a-steach timcheall air 500 prìosanach thar comas an
t-siostaim agus chan eil fianais sam bith ann gun lùghdaich àireamhan
phrìosanach sa gheàrr-ùine.
"Aig an aon àm, tha buidseat teachd-a-steach an SPS
sìos 12.5 sa cheud ann an da-rìribh; tha na prògraman calpa airson HMP
Barlinnie, Inbhir Nis agus Grianaig air chùl agus tha fòirneart phrìosanach a’ fàs.
Aig cridhe na cùise seo, tha an suidheachadh a’ lagachadh amasan poileasaidh
Riaghaltas na h-Alba a bhith ag ath-ghnàthachadh phrìosanach agus a’ lughdachadh
ath-eucoir.”
Tha an aithisg a’ faighinn gum feumar na h-àireamhan a
tha a’ dol a-steach do phrìosanan a lughdachadh no comas a bharrachd a thoirt
seachad gus dèanamh cinnteach gu bheil prìosanan nan àrainneachd shàbhailte
agus iomchaidh dhaibhsan a tha a’ fuireach agus ag obair annta. Mar sin, bu
chòir an t-seirbheis a bhith air a mhaoineachadh airson an àireamh-sluaigh a
tha ann an-dràsta agus airson an àrdachaidh ris a bheil dùil seach a bhith a’ gabhail
ris gun tuit àireamhan phrìosanach. Tha molaidhean mu bhith a’ cur dà phrìosanach
ann an cealla aon neach nan ceum air ais, arsa a’ chomataidh.
Tha an aithisg ag ràdh gum feum an SPS agus Riaghaltas na
h-Alba ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ris na h-uallaichean mòra sin.
Feumaidh gnìomh mar seo a bhith stèidhichte air dòigh-obrach siostam slàn, a dh’fheumas
fuasglaidhean bho air feadh siostam a’ cheartais.
Air HMP Barlinnie, tha an aithisg ag ràdh:
Le eachdraidh prògram calpa na seirbheis prìosain gu
ruige seo, tha coltas ann gu bheil tuilleadh dàile ann an crìochnachadh HMP
Barlinnie. Tha e deatamach gum bi an SPS agus Riaghaltas na h-Alba a’ dùileachadh
agus a’ dealbhadh airson na dàile sin agus a’ cur planaichean tuiteamais làidir
an sàs.
Feumaidh Riaghaltas na h-Alba agus an SPS a h-uile ceum a
ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cumail ris a’ chlàr-ama a chaidh
a mholadh airson crìoch a chur air HMP Barlinnie oir ma dh’fhaillicheas HMP
Barlinnie, tha an siostam prìosain gu lèir ann an cunnart.
Faigh aithisg na Comataidh an
seo.
(Àireamhan uile stèidhichte air dàta 2018/2019 Sgrùdadh
Alba)