Tha BPAan ag ràdh gum biodh inbheisteadh leis a’ Phoileas an teicneolas beò airson aithneachadh aghaidh ‘do-fhìrinnichte’.

11.02.2020

Tha Fo-chomataidh Ceartais aig an Taigh an Ròid air Obair Poileis ag ràdh nach bu chòir Poileas Alba an teicneolas beò airson aithneachadh aghaidh a th’ ann an-dràsta a chleachdadh airson nach eil e math gu leòr.

Ann an aithisg ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha iad air innse do Phoileas Alba gum feum iad sealltainn, mus toir iad an teicneòlas a-steach, a’ bhunait laghail air am biodh iad an urra airson a chleachdadh; gèilleadh an teicneòlais ri reachdas chòraichean daonna agus dìon dàta; agus gun deach cur às do na claonaidhean a tha ann a tha a’ dèanamh leth-bhreith air mion-chinnidhean agus boireannaich. Às aonais an dìona sin, cho-dhùin an Fho-chomataidh nach biodh e reusanta tasgadh a chur san teicneòlas.

Tha an Fho-chomataidh cuideachd air grunn mholaidhean eile a dhèanamh anns an aithisg aca a thaobh aithneachadh aghaidh, a’ gabhail a-steach iarraidh air Riaghaltas na h-Alba riaghladh sònraichte a dhèanamh air cleachdadh teicneòlas aithneachadh aghaidh beò. Mhol an fho-chomataidh gum bu chòir reachdas ùr sam bith buntainn ri companaidhean prìobhaideach agus buidhnean eile san roinn phoblaich, leithid ùghdarrasan ionadail, a bharrachd air seirbheisean poileis.

Mhìnich Poileas Alba roimhe seo miann teicneòlas aithneachadh aghaidh ‘beò’ a thoirt a-steach anns an ro-innleachd Poileis 2026 aca. Bidh an teicneòlas seo ag obair le bhith a’ comharradh dhaoine a tha fo amharas ann an àm fìor le bhith a’ dèanamh tar-reifreans eadar ìomhaighean ‘beò’ bho chamarathan CCTV agus stòran-dàta poileis. Ach, tha measadh a rinn Poileas Alba roimhe gum bi buaidh mhath aig seo air co-ionannachd agus còraichean daonna gu tur eadar-dhealaichte bhon fhianais a fhuair an Fho-chomataidh.

O chionn ghoirid, tha Poileas Alba air comharrachadh nach eil iad an-dràsta an dùil aithneachadh aghaidh beò a thoirt a-steach. Ged a tha an Fho-chomataidh den bheachd gum bu chòir an teicneòlas as fheàrr a bhith aig Poileas Alba gus daoine a chumail sàbhailte agus cur an-aghaidh eucoir, tha iad air iarraidh orra aithneachadh aghaidh beò a thoirt a-mach às an ro-innleachd 2026 aca mura h-eil dùil a dhol air adhart leis a rèir a’ chlàr-ama a chaidh ainmeachadh.

Mu dheireadh, tha an Fho-chomataidh ag iarraidh air Ùghdarras Poileis na h-Alba (SPA), agus Coimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba (ma thèid an reachdas iomchaidh aontachadh leis a’ Phàrlamaid gus an dreuchd a chruthachadh) ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachdas am Poileas teicneòlas aithneachadh aghaidh ais-shùileach. Gu sònraichte, tha iad airson gum beachdaich an t-ath-bhreithneachadh seo air buaidh poileis a’ faighinn cothrom air ìomhaighean a tha gan cumail gu mì-laghail air Stòr-dàta Nàiseanta Poileas na RA, no air siostaman IT bho sheann fheachdan poileis na h-Alba, air a bheil ìomhaighean de dhaoine nach d’fhuaras ciontach o eucoir sam bith.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Fo-chomataidh, Iain Finnie BPA:

“Tha an Fho-chomataidh cinnteach nach eil planaichean aig Poileas Alba teicneòlas aithneachadh aghaidh beò a thoirt a-steach aig an àm seo. Tha e soilleir nach eil an teicneòlas seo ann an staid iomchaidh airson a sgaoileadh no gu dearbh gus na poileis a chuideachadh len obair.

“Bidh an teicneòlas aithneachadh aghaidh beò a th’ ann an-dràsta a’ cruthachadh fada cus thoraidhean brèige, agus tha fios gu bheil claonaidhean ann a dh’adhbharaicheas lethbhreith.

“Tha an rannsachadh againn cuideachd air nochdadh chùisean eile le teicneòlas aithneachadh aghaidh air a bheil sinn a-nis ag iarraidh air Ùghdarras Poileis na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba beachdachadh. Gu sònraichte na dùbhlain laghail an aghaidh theicneòlasan den leithid ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, agus an dìth lagh a tha gu soilleir a’ riaghladh cleachdadh – le buidheann sam bith – ann an Alba.

“Mar sin, ge bith a bheil an teicneòlas seo air a chleachdadh le companaidhean prìobhaideach, ùghdarrasan poblach no na poileis, feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil frèam-obrach laghail soilleir ann gus am poball agus na poileis a dhìon bho bhith ag obair ann an suidheachadh aithneachadh aghaidh gu tur mì-rianail.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha duilleagan-lìn rannsachadh na Fo-chomataidh are an seo. 

Gheibhear an tagradh chun na Fo-chomataidh bho Chomhairle Baile Ghlaschu air bathar-bog CCTV ‘Person Search’ an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.