Comataidh a’ togail dragh mu Bhile nan Cungaidhean Mìosail

05.02.2020

Tha Bile a bhiodh air dleastanas a chur air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu robh cungaidhean mìosail rim faighinn an asgaidh le neach sam bith a bha gan iarraidh air fàilligeadh taic fhaighinn bho Chomataidh Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Comataidh Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan ged a tha iad aona-ghuthach a’ toirt taic do na rùintean a tha mar bhunait air Bile Chungaidhean Mìosail (Solarachadh an-asgaidh) (Alba), tha feum air barrachd soilleireachd a thaobh gach cosgais agus cò ris a bhiodh sgeama mar seo coltach mus deigheadh beachdachadh air reachdas.

Thog a’ mhòr-chuid den Chomataidh draghan mu mhaoineachadh an sgeama, a’ nochdadh an eadar-dhealachadh mhòir eadar na cosgaisean airson sgeama uile-choitcheann a chur an gnìomh a chaidh a thaisbeanadh ann am Meòrachan Ionmhais a’ Bhile agus tuairmsean Riaghaltas na h-Alba fhèin.

Rinn a’ Chomataidh moladh air obair Monica Lennon ann a bhith a’ toirt a’ Bhile air adhart. Ach, ann a bhith a’ sgrùdadh an reachdais a chaidh a mholadh, ghabh a’ Chomataidh fianais air ceumannan cuimsichte a chuir Riaghaltas na h-Alba an sàs mu thràth a bheir seachad cungaidhean mìosail an-asgaidh ann an sgoiltean, oilthighean agus cuid de thogalaichean ùghdarrasan ionadail, agus dh’ionnsaich iad gu bheil measadh air na ceumannan sin a’ dol air adhart. Dh’aontaich a’ mhòr-chuid den Chomataidh gu robh dìth soilleireachd ann a thaobh an robh feum air sgeama uile-choitcheann, dè a’ chosgais iomlan a bhiodh ann agus dè cho mòr ’s a dh’fhaodadh e fàs. Bha dragh orra cuideachd mun obair mhòr a dh’fheumadh Ministearan a dhèanamh gus sgeama uile-choitcheann a dhealbhadh agus a leasachadh.

A’ bruidhinn mar a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Coimhearsnachdan, Seumas Dornan BPA:

“Tha duilgheadas ann a bhith a’ pàigheadh airson agus a’ faighinn cothrom air cungaidhean mìosail a’ toirt buaidh air daoine air feadh na h-Alba a h-uile latha, agus tha a’ Chomataidh mothachail gum feumar stiogma timcheall air fuil mhìosail a lùghdachadh.

“Tha sinn a’ moladh Monica Lennon airson a h-oidhirpean ann a bhith a’ toirt a’ Bhile seo air beulaibh Phàrlamaid na h-Alba agus a’ cuideachadh le bhith a’ togail aire air na cùisean sin.

“Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh na h-obrach a rinn ùghdarrasan ionadail, an treas roinn, agus buidhnean coimhearsnachd gus na sgeamaichean a th’ ann a bhrosnachadh agus a lìbhrigeadh agus tha sinn a’ cur fàilte air an fhreagairt adhartach a thaobh solar cuimsichte an Riaghaltais de chungaidhean an-asgaidh.

“Ach, tha draghan aig a’ Chomataidh mun Bhile mar a chaidh a dhreachadh, a’ toirt a-steach dìth soilleireachd a thaobh dè a chosgadh sgeama uile-choitcheann, cò ris a bhiodh sgeama coltach agus an obair a dh’fheumadh Ministearan a dhèanamh gus a chur an gnìomh.

“Tha seo na chùis chudromach gun teagamh agus bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil na sgeamaichean a th’ ann an-dràsta ruigsinneach don h-uile duine a tha feumach orra. Ach airson a’ mhòr-chuid den Chomataidh tha e soilleir nach e an reachdas seo an fhreagairt.”

 “Thug Andy Wightman BPA gus Sarah Boyack BPA taic do Phrionnsapalan Coitcheann a’ Bhile agus cha robh iad ag aontachadh ri grunn cho-dhùnaidhean san Aithisg. Gheibhear mion-fhiosrachadh ann an aithisg na Comataidh.”

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.