BPA dol a thadhal air seòmraichean fianais ùra ann an Glaschu a tha freagarrach do chlann agus dol a sgrùdadh adhartas ann am pròiseas ‘Barnahus’

20.01.2020

Tha buill Comataidh Ceartais Phàrlamaid na h-Alba dol a thadhal air goireasan fianais ùra mar a tha an Achd Luchd-fianais So-leònte a’ tighinn ann an èifeachd an-diugh. Tha na seòmraichean ùra, a dh’fhosgail faisg air deireadh na bliadhna an-uiridh, airson suidheachadh nach eil cho eagallach ri cùirt a thoirt do luchd-fianais agus luchd-gearain so-leònte gus fianais a thoirt seachad. Bidh seo na phàirt chudromach de choileanadh amas na h-Achd, a tha airson cleachdadh air fianais ro-chlàraichte bho chlann agus luchd-fianais so-leònte eile a chur am meud.

Rinn a’ Chomataidh sgrùdadh air na molaidhean airson nan atharrachaidhean, a chaidh a thoirt air adhart le Riaghaltas na h-Alba, aig deireadh 2018 agus tràth ann an 2019. Aig an àm sin, dh’iarr a’ Chomataidh air an Riaghaltas a dhol nas fhaide na bha iad a’ moladh, agus prionnsapalan a’ Bharnahus (no Taigh na Cloinne) Lochlannaich a thoirt a-steach uile gu lèir do lagh na h-Alba, ga atharrachadh a rèir suidheachadh na h-Alba. Thàinig seo às dèidh turas don Bharnahus ann an Oslo, agus mòran fianais a chruinneachadh air a’ chuspair.

Tha prionnsapalan Barnahus a’ toirt a-steach lùghdachadh nan agallamhan a dh’fheumas pàiste a dhol troimhe ma tha iad nan luchd-fianais no nan luchd-gearain ann an cùis – ma ghabhas a dhèanamh cha bu chòir ach aon agallamh foireansach a dhèanamh; agus bu chòir fianais a ghabhail  ann an suidheachadh a tha cho freagarrach do chlann ’s a ghabhas. Tha seo a’ toirt a-steach, chan e a-mhàin an sgeadachadh agus na tha mun cuairt, ach cuideachd a bhith a’ toirt seachad taic iomadh-fhillte bho dhiofar bhuidhnean uile ann an aon àite gus leanabh a chuideachadh a’ dèiligeadh ri èiginn no cùisean slàinte co-cheangailte sam bith, fhad ’s a gheibh iad cuideachadh gus an fhianais as fheàrr a thoirt seachad.

Tro shlighe a’ Bhile, gheall Riaghaltas na h-Alba dreach Albannach den Bharnahus a thoirt a-steach mar an ‘ceann-uidhe ris an robh dùil’, leis an lagh ùr seo na cheum cudromach a dh’ionnsaigh sin.

Le bhith a’ tighinn an èifeachd an-diugh, leudaichidh an Achd Luchd-fianais So-leònte an àireamh de dhaoine a gheibh buannachd bhon taic a tha ri fhaighinn do luchd-fianais so-leònte, a’ gabhail a-steach na seòmraichean fianais ùra ann an Glaschu.

A’ bruidhinn ron turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead Mitchell BPA:

“Tha na goireasan seo mar chiad cheum cudromach a dh’ionnsaigh lèirsinn na Comataidh de dhreach Albannach de mhodail Barnahus, agus tha Buill a’ coimhead air adhart ri bhith gam faicinn dhaibh fhèin.

“Tha sinn ag aithneachadh an uallaich a dh’fhaodadh tighinn an lùib a bhith a’ toirt seachad fianais, agus tha sinn airson dèanamh cinnteach gun tèid ceuman a ghabhail gus nach cuir pròiseasan na cùirte uallach as ùr air clann.

“Air ar turas gu Oslo, chuir e iongnadh oirnn mar a thug am Barnahus seachad taic ioma-taobhach. Mar sin tha buill a’ cur fàilte air obair leantainneach Riaghaltas na h-Alba gus dòigh-obrach coltach ris a thoirt a-steach airson luchd-fulaing agus luchd-fianais òg ann an Alba.

“Tha an latha an-diugh na chlach-mhìle anns a’ ghluasad a dh’ionnsaigh dòigh ùr gus taic a thoirt do luchd-fulaing agus luchd-fianais a tha a’ toirt seachad fianais. Tha a’ Chomataidh toilichte a bhith an seo aig na goireasan ùra seo ann an Glaschu gus an tachartas cudromach seo a chomharrachadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear cùl-fhiosrachadh mu obair Comataidh a’ Cheartais air a’ Bhile seo air na duilleagan-lìn aca an seo, cho math ri ceangal dìreach chun Aithisg Ìre 1 agus fiosrachadh mun turas gu Oslo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.