BPA a’ sireadh bheachdan air molaidhean gus lagh milleadh cliù ath-leasachadh

17.01.2020

Tha BPA air Comataidh Ceartais Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan bhon phoball, buidhnean mheadhanan agus foillsichearan, companaidhean eadar-lìn agus eòlaichean eile mu atharrachaidhean a thathas a’ moladh air an lagh a thaobh milleadh cliù.

Chaidh iarraidh air Comataidh a’ Cheartais beachdachadh air a’ Bhile Milleadh Cliù agus Foillseachadh Droch-rùnach, a tha ag amas air saorsa cainnte dhaoine fa leth a chothromachadh le bhith a’ dìon cliù an aghaidh bheachdan millteach, meallta no droch-rùnach.

Tha luchd-adhartachaidh a’ Bhile ag argamaid gu bheil feum air na h-atharrachaidhean air sgàth mar a tha an t-eadar-lìn ag obair, a thuilleadh air feum a bhith a’ toirt còmhla ann an aon àite na diofar phìosan reachdais ann an lagh na h-Alba agus an lagh cumanta a thaobh milleadh cliù. Chaidh na h-atharrachaidhean susbainteach mu dheireadh air an lagh san raon seo a dhèanamh ann an 1996.

Tha lagh milleadh cliù a’ buntainn ris a’ mhòr-chuid de dh’aithrisean agus de bheachdan foillsichte, a’ toirt a-steach an fheadhainn a rinn luchd-cleachdaidh nam meadhanan sòisealta agus buill àbhaisteach den phoball, a bharrachd air foillsichearan naidheachdan, sealbhadairean làraich-lìn agus luchd-beachd.

Bhiodh am Bile cuideachd a’ soilleireachadh chleachdaidhean làithreach agus a’ dèanamh beagan atharrachaidhean air an lagh mar a tha e. Ma thèid gabhail ris a’ Bhile, bhiodh an lagh ùr a’ stèidheachadh deuchainn airson ‘droch chron’ a dhèanamh air cliù, a’ dearbhadh nach urrainn do dh’ùghdarrasan poblach cùisean milleadh cliù a thogail, agus a’ soilleireachadh an dìon a ghabhas cleachdadh ann an cùisean milleadh cliù. Tha iad sin air an ath-ainmeachadh mar ‘fìrinn’, ‘beachd onarach’ agus ‘foillseachadh a chùm leas a’ phobaill’. Bhiodh e cuideachd a’ lùghdachadh na h-ùine airson a bhith a’ togail cùis-lagha milleadh cliù bho thrì bliadhna gu aon bhliadhna.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm bheachdan a-mach, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead Mitchell BPA:

“An dèidh atharrachaidhean iarraidh gus an lagh air milleadh cliù ùrachadh, cuiridh Buill na Comataidh fàilte air a’ Bhile seo airson an lagh san raon a chruinneachadh còmhla ann an aon àite, agus, bhiodh sinn an dòchas, airson a thoirt a-steach don 21mh linn.

“Tha an fharpais a dh’fhaodas èirigh eadar saorsa cainnte agus dìon cliù air a bhith na phrìomh dhragh don lagh airson mòran dheicheadan. Tha teicneòlasan ùra, leithid an eadar-lìn agus na meadhanan sòisealta, a’ cruthachadh shuidheachaidhean agus dùbhlain ùra. Mar thoradh air an sin, lorgar an lagh air cliù-mhilleadh ann an Alba an dà chuid ann an reachdas agus lagh cùise.

“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil an cothromachadh ceart ann eadar gach cùis agus aig àm mòr-fhoillseachadh didseatach mar a th’ againn an-dràsta, gu bheil na molaidhean comasach obrachadh.

“Mar a bha e a-riamh, tha am mion-fhiosrachadh cudromach, agus tha a’ Chomataidh an dùil sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na molaidhean.”

Cùl-fhiosrachadh

Roimhe seo, rinn a’ Chomataidh obair air molaidhean Choimisean Lagh na h-Alba (SLC) gus an lagh air milleadh cliù ùrachadh (tagraidhean, a’ toirt a-steach 49 molaidhean, a rinn an SLC san Dùbhlachd 2017, le coinneamhan Comataidh air seo san Fhaoilleach agus san Ògmhios 2018). Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo. Rinn a’ Chomataidh agus an SLC an obair mus deach am Bile seo a thoirt a-steach agus chuir iad gu mòr ris a’ cho-dhùnadh gus an reachdas seo a thoirt air adhart.

Faodar na duilleagan Bile Milleadh Cliù agus Foillseachadh Droch-rùnach (Alba) air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba fhaighinn an seo no aig  www.parliament.scot/DMPBill.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.