Atharrachadh siostamach a dhìth gus aghaidh a chur air ana-cothrom ann an cuspairean STEM

19.11.2019

Feumar aghaidh a chur air ana-cothrom mar thoradh air airceas, gnè agus dùthchalachd gus fiosrachadh an ionnsachaidh ann an saidheans, teicneòlas, innleadaireachd agus sa mhatamataig (STEM) a leasachadh. 

Ged a tha raon de dh’obair dheimhinneach ga dèanamh air feadh na dùthcha, airson cuid de dhaoine òga tha ana-cothrom ga dhèanamh nas miosa mar thoradh air claonadh gun mhothachadh, ceistean mu ghoireasan agus dùthchalachd. 

Tha iadsan am measg nan co-dhùnaidhean ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Foghlaim agus Sgilean Thaigh an Ròid an dèidh rannsachaidh mu chuideam ionnsachadh STEM sna tràth-bhliadhnaichean. 

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh gun tèid ceuman a chur an sàs a chuireas ri misneachd luchd-teagaisg air feadh na h-Alba cho math ri leasachadh a thoirt air ceanglaichean eadar-lìn sna sgoiltean a chuideachadh gus taic a chur ri fiosrachadh ionnsachadh STEM. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Clare NicAdhaimh BPA: 

“Chuala sinn uimhir mun obair sgoinneil agus ùr-ghnàthach a tha ga dèanamh le luchd-ceannais anns na sgoiltean agus na coimhearsnachdan againn gus fàs a thoirt air sgilean STEM am measg nan daoine òga againn. 

“Tha iad seo nan sgilean a dh’fhàsas nas deatamaiche is nas deatamaiche agus sinn a’ dol a-steach sa cheathramh ar-a-mach ghnìomhachais far am bi atharrachaidhean mòra teicneòlach a’ bualadh air atharrachaidhean air obair is fastadh san ùine san àm ri teachd. 

“Gus a dhèanamh cinnteach gum bi an òigridh againn uidheamaichte leis na sgilean don àm ri teachd, tha sinn ag iarraidh gun dèan Riaghaltas na h-Alba barrachd gus buaidh nan ro-innleachdan ann an àiteachan leithid ro-innleachd STEM a thomhas. 

“Ach chan eil ceuman leotha fhèin gu leòr. Tha sinn feumach air atharrachadh siostamach gus aghaidh a chur air ana-cothrom a tha fhathast ann, mar a chaidh a shònrachadh ann an Aithisg na Comataidh. Tha sinn feumach air fàs eaconomaigeach ion-ghabhalach, bheir an ceathramh ar-a-mach gnìomhachais uimhir a chothroman don òigridh againn agus bidh iad feumach air na sgilean gus gabhail ris na cothroman seo.” 

Gus cuideachadh gus sgaoileadh na h-aithisge a chomharrachadh agus cuideam a chur gu sònraichte air beachdan na Comataidh air gnè, thig 50 nighean-sgoile S1 gu Pàrlamaid na h-Alba gus pàirt a ghabhail ann an ‘hackathon’ agus grafaig is stuth lèirsinneach stèidhichte air aithisg na Comataidh a chur ri chèile. 

Agus e ga stiùireadh le dressCode, carthannas aig a bheil e mar amas a’ bheàrn eadar na gnèithean a dhùnadh, bidh an seisean mar phàirt de phrògram aig a bheil e mar amas ceanglaichean a dhèanamh, spreagadh agus cur ri mothachadh mu chothroman ann an saoghal an teicneòlais do bhoireannaich. 

Tha an seisean ga chumail bho 9.30m gu 12.20f Dimàirt 19 Samhain agus tha e fosgailte do na meadhanan. 

Bu chòir iarrtasan airson cothrom fhaighinn a chur gu Linda Peters. 

Cùl-fhiosrachadh 

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an Ro-innleachd Saidheans, Teicneòlais, Innleadaireachd is Matamataig aige san Dàmhair 2017. Thug rannsachadh na Comataidh sùil air an adhartas a thathar a’ dèanamh a dh’ionnsaigh nan amasan san aithisg cho math ri sgrùdadh air a’ chiad aithisg-adhartais bhliadhnail a chaidh fhoillseachadh ann an Gearran 2019.

Dh’fheuch rannsachadh na Comataidh ri sealltainn air dè an obair a bheir buaidh dha-rìribh air ceistean siostamach agus air an fhianais mun adhartas a tha an Riaghaltas a’ dèanamh gus aghaidh a chur air na ceistean seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.