Ciamar as fheàrr as urrainn do Riaghaltas na h-Alba luchd-obrach mion-reic a dhìon? Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ faighneachd

15.11.2019

Thèid bile aig a bheil e mar amas cur ri dìon luchd-obrach mion-reic a sgrùdadh le Comataidh Eaconomaidh, Lùtha agus Obair Chothromach.

Thèid bile aig a bheil e mar amas cur ri dìon luchd-obrach mion-reic a sgrùdadh le Comataidh Eaconomaidh, Lùtha agus Obair Chothromach. 

Tha a’ Chomataidh air gairm a sgaoileadh ag iarraidh bheachdan air Bile Dìon Luchd-obrach (Mion-reic agus Bathar is Seirbheisean fo Chuing a rèir Aoise) (Alba). Chaidh am Bile Bhall a thoirt a-steach le Dòmhnall MacIain BPA agus e mar amas ris cur ri dìon luchd-obrach reic mar a leanas: 

- A bhith a’ toirt ionnsaigh, maoidheadh, mì-ghnàthachadh, casg no bacadh air neach-obrach mion-reic a dhèanamh na choire reachdail; agus

- Tromachadh reachdail a chur ris a’ choire sin nuair a bhios srianadh reachdail a rèir aoise ga chur an gnìomh aig an neach-obrach mion-reic. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gòrdan Lindhurst BPA:   

“Tha e mar amas sònraichte aig an reachdas a thathar a’ moladh sealltainn air dìon luchd-obrach mion-reic le bhith a’ cruthachadh coire ùr ri cur an sàs nuair a bhios ionnsaigh, maoidheadh, mì-ghnàthachadh, casg no bacadh air neach-obrach mion-reic ann an tarraing a-mach na h-obrach aca. 

“Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine agus bho bhuidhnean mun bhuaidh a bheireadh an reachdas seo an cois an reachdais a tha ann an-dràsta.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Tha am Bile agus na sgrìobhainnean na chois rim faotainn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba 

Is iad na ceistean air am bu mhath leis a’ Chomataidh beachdan a chluinntinn:   

·    Dè do bharail air a’ Bhile agus dè a’ bhuaidh a bheir e?

·    Mothachail air na coireannan a tha ann an-dràsta (m.e. ionnsaigh fon lagh chumanta) a bheil feum air coire ùr reachdail de bhith ag toirt ionnsaigh, a’ maoidheadh, a’ mì-ghnàthachadh, a’ casg no a’ bacadh neach-obrach mion-reic?

·    Dè na buannachdan no na duilgheadasan a dh’fhaodadh a leithid de choire cruthachadh?

·    Am bu chòir gun toireadh a’ choire ùr a-steach na h-eileamaidean gu lèir a thathar a’ moladh anns a’ Bhile (m.e. am bu chòir gum biodh casg no bacadh air neach-obrach mion-reic na eucoir, mar a tha cheana airson cuid de luchd-solair sheirbheisean-èiginn?

·    A bheil an cuideam air luchd-obrach mion-reic iomchaidh (m.e. a bheil e tuilleadh is cumhang gun a bhith a’ toirt a-steach luchd-obrach eile a dh’fhaodadh a bhith, mar thoradh air an obair aca, fo bhagairt giùlain mhì-ghnàthachail?

·    Dè an diofdar a nì an tromachadh a thathar a’ moladh, nuair a bhios cur an gnìomh srianaidh reachdail a rèir aoise ann?

·    Dè a’ bhuaidh ionmhasail a bheir na molaidhean?

·    Dè na gnìomhan eile as còir no a bu chòir gabhail gus luchd-obrach mion-reic is eile a dhìon?

·    A bheil nithean sam bith eile sa Bhile air am bu mhath leat beachd a thoirt? 

Gheibhear a' ghairm airson fianaise, a tha fosgailte gu Dihaoine 31 Faoilleach 2020, air-loidhne an seo..

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.