Comataidh a’ cur fàilte air meudachadh a’ chòir-bhòtaidh

13.11.2019

Bu chòir cothrom a bhith aig nàiseantaich chèin a tha a’ fuireach ann an Alba beachd a thoirt seachad air mar a tha an dùthaich ga ruith. Seo beachd a’ mhòr-chuid den Chomataidh Inbhean, Modhan-obrach agus Dreuchdan Poblach às dèidh dhaibh beachdachadh air Bile Taghaidhean na h-Alba (Còir-bhòtaidh agus Riochdachadh).

Tha am Bile ag amas air com-pàirteachadh poilitigeach a mheudachadh le bhith a’ leudachadh cò na daoine as urrainn bhòtadh agus ò as urrainn seasamh ann an taghaidhean Phàrlamaid na h-Alba agus riaghaltas ionadail. 

Dh’aontaich a’ mhòr-chuid den Chomataidh ri prionnsabalan coitcheann a’ Bhile agus ceumannan gus a’ chòir a leudachadh gu nàiseantaich chèin a tha a’ fuireach ann an Alba. 

Ach, ann a bhith a’ cur fàilte air a’ ghluasad, tha a’ Chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh gus a bhith cinnteach gu bheil a h-uile duine a tha airidh air bhòtadh clàraichte airson sin a dhèanamh. Tha e cuideachd air iarraidh air an Riaghaltas beachdachadh am bu chòir còir bhòtaidh a leudachadh chun fheadhainn a tha a’ sireadh comraich san dùthaich. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Bill Kidd BPA: 

“Tha tòrr a barrachd an lùib bhòtadh na bhith a’ taghadh ar luchd-poilitigs. Tha e mu dheidhinn daoine a bhith a’ faireachdainn gu bheil cumhachd aca agus mar phàirt de choimhearsnachd. Bidh a’ mhòr-chuid againn ga shaoilsinn uile gu lèir nàdarra gu bheil cothrom againn buaidh a thoirt air luchd-dèanamh lagh agus luchd-co-dhùnaidh agus tha a’ mhòr-chuid den Chomataidh a’ cur fàilte chridheil air an amas seo a leudachadh gu nàiseantaich chèin. 

“Tha an aithisg againn an-diugh cuideachd a’ faighneachd don Riaghaltas dè as urrainn dhaibh a dhèanamh gus a bhith cinnteach gum faod a h-uile duine a tha airidh air bhòtadh sin a dhèanamh agus faireachdainn gu bheil cumhachd aca atharrachaidhean a dhèanamh sa chomann-shòisealta aca.” 

Tha am Bile cuideachd airson a’ chòir a leudachadh gu prìosanaich a tha fo bhinn 12 mìosan no nas lugha. Bha seo a’ leantainn air co-dhùnadh Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna a lorg gu robh casg farsaing air bhòtadh phrìosanach a’ briseadh a’ Chùmhnaint Eòrpaich air Còraichean Daonna (ECHR). 

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Mark Ruskell BPA: 

“Tha e soilleir gu bheil faireachdainn làidir ann mu chùis bhòtadh phrìosanach agus chuala a’ Chomataidh mòran fianais a’ toirt taic don chùis gum bu chòir còir bhòtaidh a bhith aig gach prìosanach. Tha e cuideachd cudromach gum bi Alba a’ gèilleadh ris a’ Chùmhnant Eòrpach air Còraichean Daonna. 

“Dh’aontaich a’ mhòr-chuid den Chomataidh gum bu chòir còir-bhòtaidh Albannach a leudachadh gu na prìosanaich sin a tha fo bhinn 12 mìosan no nas lugha. Faodaidh seo, agus bu chòir dha, a bhith na phàirt chudromach de ath-ghnàthachadh eucoireach. " 

Cùl-fhiosrachadh 

Cha do chuir Jamie Halcro Johnstone BPA no Tom Mason BPA taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile agus chaidh iad an aghaidh grunn cho-dhùnaidhean san aithisg. Gheibhear mion-fhiosrachadh ann an aithisg na Comataidh. 

Thug Riaghaltas na h-Alba a-steach am Bile san Ògmhios 2019 agus tha e a’ dèiligeadh ri trì prìomh raointean: 

· a’ chòir a leudachadh gu saoranaich de gach dùthaich a tha a’ còmhnaidh gu laghail ann an Alba;

· a’ leudachadh chòraichean tagraidh, agus

· a’ toirt còir bhòtaidh do chuid de phrìosanaich. 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Bhile an seo: 

https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/Bills/112098.aspx 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air beachdachadh na Comataidh agus an aithisg an seo: 

https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/112304.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.