Gairm airson òrdain-reice èigneachail gus aghaidh a chur air duilgheadas nan dachaighean falamh

10.11.2019

Tha Comataidh aig Taigh an Ròid air iarraidh air  Riaghaltas na h-Alba a bhriathar a choileanadh agus reicean èigneachail a thoirt a-steach gus aghaidh a chur air duilgheadas nan taighean falamh.

Tha a’ ghairm mar chuid de shreath de mholaidhean a rinneadh ann an aithisg Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan air taighean falamh na h-Alba. Nochd àireamhan o chionn ghoirid gu bheil còrr is 3 a-mach às a’ cheud de 2.62 mhillean àite-còmhnaidh na h-Alba falamh agus tha an aithisg a’ cur cuideam air an droch-bhuaidh dha-rìribh a bheir dachaighean falamh air coimhearsnachdan na h-Alba.

Thuirt a’ Chomataidh cuideachd nach fhaodar gabhail ris gu bheil cìs na comhairle, a leigeas leis na h-ùghdarrasan ionadail an lasachadh air sealbh falamh a thoirt air falamh agus meudachadh suas ri 100% air cìs na comhairle a ghearradh, ga cleachdadh thar na còrach le cuid de chomhairlean. Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha a’ chìs ga cleachdadh mar inneal gus teachd-a-steach a thogail, a’ dèanamh duilgheadas nan dachaighean falamh nas miosa seach ga fhuasgladh.

Thuirt Seumas Dornan BPA, Neach-gairm Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan:

“Tha Taighean Falamh nan gaiseadh air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus nan goireas air a chall nuair nach eil solar an taigheadais ach gann.

“Tha an fhianais a thog sinn a’ dèanamh soilleir nach eil aon fhuasgladh leis fhèin a’ freagairt air na h-uile air an duilgheadas seo.

“Chan fhaodar gabhail ris gu bheil cìs na comhairle ga cleachdadh le cuid de chomhairlean mar inneal gus teachd-a-steach a thogail a’ ciallachadh gum faodar daoine a ghabhas ceumannan gnìomhach gus sealbh a thoirt air ais ann an cleachdadh a pheanasachadh air a’ cheann thall. Dh’iarramaid barrachd treòiriste ann an cleachdadh na cìse seo leis na h-ùghdarrasan ionadail.  

“Dh’aslaicheamaid air a h-uile comhairle cuideachd Oifigear Thaighean Falamh fhastadh oir chunnaic sinn le ar sùilean fhèin an deagh-bhuaidh a bheireadh iad gus taighean falamh a thoirt air ais ann an cleachdadh.

“Tha an ìre ìseal de ghabhail ri Òrdain-reice Èigneachail na rud air am bu mhath leinn ath-bhreithneachadh fhaicinn, agus tha briseadh-dùil oirnn nach tug Riaghaltas na h-Alba Òrdain-reice Èigneachail a-steach a bheireadh cumhachd do riaghaltas ionadail duilgheadas nan taighean falamh san sgìrean aca fhèin fhuasgladh.

“Tha e cuideachd deatamach fhèin gun cuir sinn aghaidh air dachaighean falamh mar chuid de ro-innleachd anns an fharsaingeachd gus meadhanan nam bailtean ùrachadh, a’ leasachadh solar an taigheadais agus mar thaic ri coimhearsnachdan beothail.”

Am measg nan toradh eile san aithisg tha:

• gu bheil a’ Chomataidh a’ cur fàilte air cleachdadh mapadh GIS math dh’fhaodte leis na h-ùghdarrasan ionadail gus cuideachadh gus dealbh nas cruinne a thoirt air àireamh nan dachaighean falamh ann an Alba.   
• taic ris an obair aig Com-pàirteachas Dachaighean Falamh na h-Alba, agus a’ Chomataidh a’ brosnachadh Riaghaltas na h-Alba obrachadh le COSLA agus leis a’ Chom-pàirteachas gus dèanamh cinnteach gun tèid an cleachdadh as fheàrr ann a bhith a’ dol an sàs ann an dachaighean falamh a sgaoileadh.
• a’ cur cuideam air an dùbhlan nach beag dèiligeadh ri dachaighean falamh ann an coimhearsnachdan dùthchail agus a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a’ Mhaoin-taigheadais Dhùthchail agus Eilean ath-bhreithneachadh.  

Cùl-fhiosrachadh

Thoiribh fa-near nach do sheall a’ Chomataidh air dàrna dachaighean mar chuid den rannsachadh aice, seach gu bheil iad seo fa leth bho dhachaighean falamh.

Chaidh rannsachadh na Comataidh a chur air bhog air 4 Giblean 2018. B’ e adhbhar an rannsachaidh sgrùdadh a dhèanamh air ìre ceist nan dachaighean falamh, buaidh an reachdais a tha ann an-dràsta agus dè eile a ghabhas dèanamh gus nach bi taighean falamh fad ùineachan fada.   

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.