Comataidh Eaconamaidh, Lùth agus Obair Chothromaich aig Taigh an Ròid a’ faighneachd ciamar a ghabhas feumalachdan lùth uaine a choileanadh san àm ri teachd

Tha Comataidh na h-Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chothromaich a’ sireadh raon farsaing de bheachdan air bun-structar charbadan dealain agus lùth ionadail mar phàirt de sgrùdadh trì-phàirteach air an roinn lùtha. 

Ann an rannsachadh goirid ach cuimsichte, bidh a’ Chomataidh a’ dèanamh ‘sgrùdadh slàinte coileanta’ air àite Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ neartachadh agus a’ meudachadh cleachdadh charbadan dealain agus lùth a tha fo shealbh ionadail, fhad ’s a tha iad a’ ceangal ri Aithisg Cumhachd na h-Alba san Àm ri Teachd a rinn Comann Rìoghail Dhùn Èideann o chionn ghoirid. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gordon Lindhurst BPA: 

“Ged a tha na sgìrean air a bheil a’ Chomataidh a’ coimhead eadar-dhealaichte bho chèile, tha iad uile ionnan a thaobh a bhith a’ dì-carbonachadh eaconamaidh na h-Alba. 

“Rinn Riaghaltas na h-Alba prìomh gheallaidhean anns a’ Phrògram Riaghlaidh aca gum biodh barrachd charbadan dealain gan cleachdadh, a’ toirt a-steach cur às do chàraichean peatrail is dìosail ro 2032. Tha e cudromach faicinn ciamar a thèid seo a choileanadh agus dè na prìomh nithean a dh’fheumar atharrachadh sa bhun-structar.” 

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri beachdan fhaighinn bho air feadh na h-Alba mun dòigh as fheàrr as urrainn dhuinn, mar dhùthaich, an roinn lùtha a dhì-charbonachadh agus saoghal nas uaine a thoirt gu buil.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Is iad na prìomh raointean a tha a’ Chomataidh an dòchas sgrùdadh: 

Chaidh Aithisg Cumhachd san Àm ri Teachd RSE fhoillseachadh san Ògmhios 2019 às dèidh faisg air dà bhliadhna de sgrùdadh. Is e sgrùdadh coileanta a bh’ ann leis an raon-ùghdarrais a leanas:

· Ath-bhreithneachadh air na bheir buaidh air iarrtas lùtha ann an Alba;

· Sgrùdadh air mar a thèid coinneachadh ris an iarrtas sin, agus  measadh dè cho comasach agus tèarainte ’s a tha an raon roghainnean a dh’fhaodadh a bhith ann;

· Toirt aire don riatanas àrainneachdail gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh agus geallaidhean poilitigeach co-cheangailte;

· Beachdachadh air buaidh mhoralta agus bheusanta nan diofar roghainnean a tha aig Alba;

· Ciamar agus càite an tèid goireasan lùtha a leasachadh, an dòigh anns am bi sinn gan cleachdadh, agus

· An t-uallach a th’ oirnn mar nàisean airson an lùtha a chleachdas sinn. 

Chaidh deich prìomh mholaidhean a dhèanamh, mar a leanas:

· Bu chòir coimisean comhairleachaidh de dh’eòlaichean neo-eisimeileach air poileasaidh agus riaghladh lùtha airson Alba a stèidheachadh fo reachdas.

· Feumar co-dhùnaidhean a dhèanamh le riaghaltasan na h-Alba agus na RA, ann an deagh àm, air ciamar a nithear tasgadh agus dè na cùisean sam bithear a’ tasgadh, agus rannsachadh a dhèanamh air na clàran-ama as èifeachdaiche airson tasgadh agus an seòrsa toraidh a dh’fhaodadh a bhith ann bho dhiofar sheòrsaichean tasgaidh.

· Feumaidh beachd soilleir a bhith aig Alba air tèarainteachd solair agus feumar co-dhùnadh am bu chòir comas gineadh lùth a mheudachadh ann an Alba.

· Bu chòir do dh’Alba feuchainn ri tèarainteachd lùtha a leasachadh le bhith a’ meudachadh comas stòradh lùtha, agus ag iomadachadh an raon de roghainnean stòraidh.

· Tha e nas fhasa ar targaidean dìon gnàth-shìde a choileanadh le bhith a’ lughdachadh an iarrtais airson lùtha agus bu chòir seo a bhith na phrìomhachas.

· Bu chòir ìrean nas àirde de dh’èifeachdas lùtha ann an taigheadas ùr is bun-structar a bhith na phrìomhachas riaghlaidh.

· Bu chòir ath-sgrùdadh cunbhalach a dhèanamh air riaghailtean togail a thaobh èifeachdas lùtha agus mar a thathas gan cur an gnìomh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad nas mothachaile a thaobh rannsachadh is leasachadh agus a rèir thargaidean poileasaidh.

· Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh a dhèanamh air an fheum air tasgadh ann an rannsachadh is leasachadh agus leasachadh sgilean.

· Bu chòir beachdachadh ceart a dhèanamh air an dòigh as fheàrr air cosgaisean eadar-ghluasaid a làimhseachadh gus dèiligeadh ri cùisean ceartas sòisealta. 

Tha am Prògram airson Riaghaltas air grunn gheallaidhean a dhèanamh a thaobh charbadan dealanach (EVan) no carbadan le sgaoilidhean air leth ìosal (ULEVan), a’ gabhail a-steach:

· Cuir às do chàraichean peatrail is dìosail ùr ro 2032, air thoiseach air targaid 2040 Riaghaltas na RA.

· Toirt seachad £17 millean gus taic a thoirt don iarrtas airson ULEVan tron sgeama Iasad Còmhdhail Carbon Ìosal agus a’ leudachadh an sgeama gus a bhith a’ toirt a-steach EVan dara-làimhe.

· Cruthachadh suidheachadh far nach bi feum air carbadan peatrail is dìosail ùra ann an seilbh na roinne poblaich an Alba ro 2030 agus cur às mean air mhean don fheum air carbadan peatrail is dìosail sam bith an seilbh na roinne poblaich ro 2025.

· Cruthachadh Com-pàirteachas Ro-innleachdail ùr le companaidhean lìonra dealain gus bun-structar solair dealain do charbadan dealain, agus lìonraidhean dealain, a leasachadh air feadh Alba. 

Tha Riaghaltas na h-Alba air targaidean 1GW de lùth coimhearsnachd agus seilbh ionadail a shuidheachadh ro 2020, agus 2GW ro 2030. 

Fhuair an aithisg adhartas as ùire, gu bheil 617.06MW de phròiseactan seilbh ionadail, agus 79.65MW de phròiseactan seilbh coimhearsnachd air an stèidheachadh; a’ riochdachadh 697MW gu h-iomlan, no 70% de thargaid 2020 agus 35% de thargaid 2030. Tha seo na àrdachadh 6% ann an comas obrachaidh sa bhliadhna a dh’fhalbh.

Tha 18,830 ionadan cumhachd ath-nuadhachail air leth air an roinn eadar:

· 432 MW de chomas dealain

· 256 MW de chomas teirmeach (teas)

· 7 MW de chomas teas is cumhachd còmhla (CHP)

· 2 MW de chomas bho theicneòlasan no roinnean lùtha ‘neo-ainmichte’ m.e. lùth bho phròiseactan sgudail

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.