Pàrlamaid na h-Alba a’ cur fàilte chridheil air Clàrc/Ceannard ùr

01.11.2019

Thathar air Clàrc/Ceannard ùr aig Pàrlamaid na h-Alba a chur an dreuchd.

Chaidh Dàibhidh McGill, a tha air a bhith ag obair aig a’ Phàrlamaid bho 1999, a chur an dreuchd an dèidh farpais fhosgailte agus modh-taghaidh anns an robh a h-uile ball de SPCB an sàs cho math ri neach-obrach aig àrd-ìre bho Sheanadh Nàiseanta na Cuimrigh.

Thòisich Dàibhidh, a ghabh an t-àite aig Sir Pòl Grice, aig a’ Phàrlamaid ann an 1999 agus tha e air caochladh dhreuchdan a choileanadh, mar chlàrc do chomataidhean pàrlamaideach agus don Phrìomh Rùnaire Prìobhaideach don Oifigear Riaghlaidh nam measg. O chionn ghoirid, fhritheil e mar Iar-Cheannard, ag obair gu dìreach le pàrtaidhean poilitigeach agus a’ toirt comhairle don Oifigear Riaghlaidh air cùisean a bhuineas do mhodh is don phàrlamaid.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Tha mi cho toilichte fàilte a chur air Dàibhidh mar an Clàrc is an Ceannard ùr aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha Dàibhidh air a bhith còmhla rinn bho thùs is bho thoiseach sgaoileadh-cumhachd ann an 1999 agus bha sealladh na Pàrlamaid aige riamh air dòigh ùr gus poilitigs a dhèanamh stèidhichte air na prionnsabalan a thaobh co-ionannachd a chur air adhart, fosgailteachd agus roinneadh cumhachd le muinntir na h-Alba.  

“Tha mi air a bhith cho fortanach a bhith ag obair còmhla ri Dàibhidh ann an caochladh dhreuchdan aig àrd-ìre o chionn beagan bhliadhnaichean agus tha fios agam gu bheil e a’ toirt leis tuigse is ionracas cho math ri bàidh is blàths a chuidicheas a leantainn a chur ri cliù na buidhne seo aig cridhe an t-saoghail phoblaich. Tha breithneachadh poillitigeach math dha-rìribh aige agus chan eil teagamh sam bith orm ach gum bi e na cheannard barraichte, a’ cuideachadh gus an t-eagrachadh a stiùireadh tro na tha an dàn dha.”

Cùl-fhiosrachadh

Thug Dàibhidh McGill ceum Urramach ann am Poilitigs a-mach à Colaiste Ghlaschu (Oilthigh Ghlaschu Caledonian a-nis) ann an 1989. Mus do thòisich e aig a’ Phàrlamaid ann an 1999, bha e ag obair mar sheirbheiseach catharra ag obair an toiseach aig Clàran na h-Alba mar Oifigear-gnìomha agus an uair sin mar Leas-Chlàrc do Thribiunal Fearainn na h-Alba.

Chaidh Dàibhidh a chur an dreuchd mar Chlàrc is mar Cheannard anns an Dàmhair 2019. Tha e an urra ris na togalaichean, an luchd-obrach is na seirbheisean a tha a dhìth air a’ Phàrlamaid gus a cuid adhbharan is ghnìomhan a choileanadh a thoirt seachad agus tha e an gnìomh mar am Prìomh Chomhairliche don Oifigear
Riaghlaidh agus don Leas-oifigear Riaghlaidh ann an rianachd gnothach na Pàrlamaid.  

Mar an Prìomh Oifigear Cunntachail, tha rianachd ionmhasail na buidhne an urra ri Dàibhidh cuideachd. Bidh e sa chathair aig coinneamhan na Buidhne-ceannais agus a’ frithealadh choinneamhan Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba agus Biùro na Pàrlamaid mar neach-comhairle. Cuideachd, tha am prìomh uallach air Dàibhidh airson freagairt na Pàrlamaid air cùisean bun-reachdail

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.