Bidh a’ Chomataidh Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd a’ sireadh bheachdan air Plana nan Eilean a tha san amharc

10.10.2019

Tha Comataidh Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd Pàrlamaid na h-Alba (REC) a’ sireadh bheachdan bho eileanaich mu na prìomhachasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Nàiseanta nan Eilean a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.

Tha a’ Chomataidh an-diugh a’ cur air bhog gairm bheachdan, a tha cuideachd ag iarraidh bheachdan bho ùghdarrasan ionadail agus feadhainn eile le ùidh ann an coimhearsnachdan eileanach, gus taic fiosrachaidh a chur ris an sgrùdadh aca air an dreachd Phlana. 

An-dràsta, tha am Plana a’ mìneachadh 13 amasan ro-innleachdail a tha ag amas air cùisean a leasachadh airson coimhearsnachdan eileanach.

Tha na h-amasan sin a’ toirt a-steach ceumannan gus dèiligeadh ri crìonadh sluaigh, piseach is adhartachadh a thoirt air leasachadh eaconamach seasmhach, agus seirbheisean taigheadais is còmhdhail a leasachadh, cho math ri ceanglaichean didseatach a leudachadh.

Anns an Aithisg Ìre 1 aca air Bile nan Eilean (Alba), thuirt a’ Chomataidh Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd gu robh iad an dùil gum biodh am Plana “a’ stèidheachadh slighe ro-innleachdail shoilleir agus dòighean lìbhrigidh practaigeach”. 

A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm bheachdan a chuir air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Eideard Mountain BPA: 

“B’ e aon de phrìomh mholaidhean na h-aithisg againn air Bile nan Eilean gum feum Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil na raointean prìomhachais a tha ann am Plana Nàiseanta nan Eilean a’ nochdadh fìor phrìomhachasan muinntir nan eilean.

“Air an adhbhar sin, tha an gairm bheachdan seo a’ toirt cothrom do dh'eileanaich am beachdan a thoirt seachad air na h-amasan a tha air an comharrachadh san dreachd Phlana.

“Tha ùine chuibhrichte aig a’ Chomataidh airson beachdachadh air a’ Phlana a tha san amharc. Mar sin tha e deatamach gun cluinn sinn raon cho farsaing ’s a ghabhas de bheachdan gus an urrainn dhuinn breithneachadh cothromach a dhèanamh air molaidhean Riaghaltas na h-Alba.”

Is iad amasan eile a’ Phlana, a tha ga leasachadh mar phàirt de thoirt gu buil Bile nan Eilean (Alba) 2018, slàinte is sunnd agus foghlam a leasachadh agus adhartachadh, taic a thoirt do na h-ealain, cultar is cànan, agus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan eadar-mheasgte.

Tha am Plana cuideachd ag amas air mathas àrainneachd a leasachadh agus adhartachadh, agus dèiligeadh ri bith-shàbhailteachd, agus dèanamh cinnteach gu bheil eileanan na h-Alba air thùs a’ dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid.

Thuirt an Neach-gairm cuideachd:

“Tha a’ Chomataidh seo a’ toirt taic do chumhachdachadh choimhearsnachdan eileanach agus co-dhùnaidhean ionadail, agus bheir beachdan eileanach buaidh air na molaidhean againn do Riaghaltas na h-Alba a thaobh ullachadh a’ Phlana dheireannaich. ”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air-loidhne aig http://www.parliament.scot/rural-economy-committee

Cùl-fhiosrachadh

Ceangal do Phlana Nàiseanta nan Eilean a tha ga mholadh

Ceangal do gheàrr-chunntas Gàidhlig den Phlana Nàiseanta a tha ga mholadh.

Feumaidh a’ Chomataidh, a rèir cumhaichean Achd nan Eilean (Alba), beachdachadh air a’ Phlana a tha ga mholadh agus beachdan a thoirt air ais taobh a-staigh 40 latha. Tha an gairm bheachdan fosgailte gu 31 Dàmhair 2019. 

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ làimhseachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh comasach, a rèir riatanasan dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agad dì-chlàradh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic ar Sanas Prìobhaideachd.

Contact information

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.