BPA dol a thogail ceist mun phoileas a’ cleachdadh teicneòlas aithneachadh-aodainn

04.10.2019

Tha Fo-chomataidh Ceartais aig Taigh an Ròid air Obair Poileis air rannsachadh ùr a chur air bhog mu bhith a’ cleachdadh teicneòlas aithneachadh-aodainn.

Tha BPA airson barrachd fhaighinn a-mach mu ciamar a tha am poileas a’ cleachdadh an inneil ùr seo a tha a’ sìor fhàs cumanta, agus planaichean air a shon anns an àm ri teachd.

Faodaidh teicneòlas aithneachadh-aodainn a bhith ‘beò’ no na ‘iar-shealladh’. Thathas a’ tuigsinn gu bheil Poileas Alba an-dràsta a’ cleachdadh teicneòlas aithneachadh-aodainn iar-sheallaidh bho chlàraidhean CCTV, a tha a’ dèanamh coimeas ri aghaidhean ann an Stòr-dàta Nàiseanta a’ Phoileis. Chan eil e soilleir an-dràsta a bheil buidhnean poileis eile, leithid Poileas Còmhdhalach Bhreatainn no a’ Bhuidheann Eucoir Nàiseanta a’ cleachdadh teicneòlas aithneachadh-aodainn ann an Alba.

Tha adhartasan ann an teicneòlas a’ ciallachadh gu faodadh ìomhaighean a bharrachd air ìomhaighean bho CCTV a chleachdadh airson aodann aithneachadh, leithid ìomhaighean bho chamarathan bodhaige agus fònaichean-làimhe.

A’ bruidhinn nuair a chaidh a’ ghairm bheachdan a-mach, thuirt Neach-gairm na Fo-chomataidh, Iain Finnie BPA:

“Dh’fhaodadh aithneachadh-aodainn a bhith na inneal feumail do na poileis ann a bhith a’ sabaid an aghaidh eucoir agus a’ cumail choimhearsnachdan sàbhailte.

“Ach, cha bu chòir dìochuimhneachadh gu bheil an teicneòlas seo a’ bagairt air prìobhaideachd dhaoine. Feumar tuigsinn na buaidh a bhios aig cleachdadh aithneachadh-aodainn a thaobh chòraichean daonna agus an lagh.

“Tha an Fho-chomataidh airson a bhith cinnteach gu bheil seirbheis a’ phoileis a’ lorg cothromachadh ceart nuair a tha iad a’ cleachdadh an teicneòlais seo. Tha grunn draghan againn a tha sinn airson sgrùdadh anns na mìosan a tha romhainn.”

Cùl-fhiosrachadh 

Tha Comataidh a’ Cheartais an-dràsta a’ beachdachadh air Bile Coimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba, a tha a’ coimhead ri Coimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba a thoirt a-steach. Tha Poileas Alba air innse gu bheil iad a’ feitheamh ris a’ Choimiseanair seo mus dèan iad deuchainn air aithneachadh-aodainn beò.

Tha timcheall air 13 millean aghaidh ann an Stòr-dàta Nàiseanta Poileas na RA (PND). An-dràsta tha ìomhaighean ann cuideachd de dhaoine a fhuaras neoichiontach de dh’eucoir sam bith. Cho-dhùin cùirt ann an 2012 gun robh e an-aghaidh an lagh a bhith a’ cumail ìomhaighean den leithid. Tha na h-ìomhaighean “mì-laghail” fhathast air an cumail air a’ PhND, agus tha an riaghaltas fhathast a’ sgrùdadh dhòighean gus an glanadh bhon t-siostam.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.