BPAan: Feumaidh stiùirichean a’ ghnìomhachas togail ‘uallach a ghabhail orra fhèin’ ann a bhith a’ dèiligeadh ri dùbhlain fad-ùine

02.07.2019

Bu chòir do cheannardan gnìomhachais ‘uallach a ghabhail orra fhèin’ ann an dèiligeadh ri dùbhlain fhad-ùine anns a’ ghnìomhachas togail, tha BPA air a’ Chomataidh Eaconamaidh, Lùth agus Obair Chothromach ag ràdh an-diugh. Tha a’ ghairm a’ tighinn mar thoradh air rannsachadh na Comataidh a thaobh roinn togail na h-Alba.

Anns an rannsachadh aca, dh’fheuch a’ Chomataidh ri tuigse fhaighinn air feartan agus dùbhlain togail ann an Alba. Tha an roinn togail a’ toirt cosnadh do 147,000 neach ann an Alba agus tha iomadachd de ghnìomhachasan agus toraidhean na lùib, a tha air cur ris na dùbhlain fhad-ùine a chaidh a mhìneachadh san aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Thog a’ Chomataidh grunn chuspairean anns an aithisg aca, nam measg:

Tha e riatanach gum bi luach fad-ùine na phrìomh amas aig solar poblach seach a’ chosgais as ìsle. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air mar as urrainn taic nas fheàrr a thoirt do ùghdarrasan poblach agus gnìomhachasan gus seo a thoirt gu buil.

Le luchd-obrach a tha a’ fàs nas sine, gainnead sgilean agus dìth iomadachd anns an luchd-obrach togail, tha luach ann a bhith a’ beachdachadh air dòigh-obrach a dh’aon ghnothach airson an raoin a thaobh fhrèamaichean preantasachd.

Chan eil ach 12% den luchd-obrach togail boireann. Feumar barrachd a dhèanamh gus iomadachd a bhrosnachadh agus mothachadh a thogail mun raon fharsaing de dhreuchdan a tha rim faotainn taobh a-staigh a’ ghnìomhachais.

Uaireannan, thèid innleachdas agus saothrachadh taobh a-muigh na làraich a bhacadh le riaghailtean dealbhaidh agus ain-deòin a bhith ag atharrachadh. Tha teicneòlas ùr deatamach airson cinneasachd san roinn a leasachadh.

· Tha e doirbh do ghnìomhachasan togail de gach meud ionmhas fhaighinn, rud a dh'fhaodadh bacadh a chur air fàs.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gordon Lindhurst BPA:

“Tha luach ga chur air a’ ghnìomhachas togail ann an Alba agus tha àite cudromach aige san eaconamaidh, ach tha dùbhlain leantainneach ann a tha sinn air a mhìneachadh san aithisg seo.

“Is iad fàilligeadh a bhith ag amas air luach san ùine-fhada seach dìreach air a’ chosgais as ìsle, agus dìth ionmhais, cuid de na cnapan-starra a tha a’ cur bacadh air cinneasachd sa ghnìomhachas. Ged a chunnaic sinn eisimpleirean de dheagh chleachdadh bha dìth atharrachaidh ri fhaicinn san fharsaingeachd.”

“Ma tha an roinn gu bhith a’ ruigsinn àirde comais agus dol a bhith uidheamaichte gus aghaidh a chur ris na dùbhlain sin, feumaidh Riaghaltas na h-Alba obair còmhla ri gnìomhachas gus atharrachadh thar na roinne air fad thoirt gu buil.”

Lean Mgr Lindhurst air:

“B’ e seo a’ chiad turas a rinn a’ Chomataidh rannsachadh a’ coimhead air roinn iomlan agus mar a tha e a’ cur ris an eaconamaidh.

“Is ann a-mhàin le ceannas, co-obrachadh agus atharrachadh cultarail air feadh na roinne a bhios an gnìomhachas togail comasach air na cleachdaidhean as fheàrr a cho-roinn, aghaidh a chur ris na dùbhlain sin agus làn chomas a choileanadh ann a bhith a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.”

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.