Chuala a’ chomataidh fianais bho raon de luchd-ùidh agus muinntir a’ phobaill air an tug tabhartas buill-bodhaige buaidh dhìreach. Chùm iad cuideachd seiseanan fianais le eòlaichean bhon Chuimrigh a dh’atharraich an reachdas fhèin gu siostam co-ionann ann an 2015.
Rè an rannsachaidh aca, chuala a’ chomataidh fianais gu bheil còrr is 500 neach a’ feitheamh airson tar-chur bhall-bodhaige ann an Alba a dh’aindeaoin gun deach àireamhan luchd-tabhartais an-àirde bho chaidh an lagh làithreach a thoirt a-steach ann an 2006.
Thuirt Lewis Dòmhnallach BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs:
“Is e beachd na comataidh gu bheil e ceart gluasad gu siostam ’s a bheil cead ga ro-bheachdachadh agus faodaidh am bile seo cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh cuid den mhì-chinnt mu bhith a’ toirt seachad buill-bodhaige.
“Ach, tha e cudromach tuigsinn nach cur am bile seo an-àirde ìrean tabhartais na aonar agus tha a’ chomataidh air a ràdh gu bheil feum air iomairt togail-aire leantainneach gus am bi daoine eòlach agus cofhurtail leis an atharrachadh seo. Nì seo cinnteach gum bi misneachd aig a h-uile duine anns an dòigh ùr seo fhad ’s a bhios conaltradh a’ dol air adhart agus a’ gabhail a-steach cuimseachadh air buidhnean a tha nas duilghe ruigsinn.”
Thuirt e cuideachd:
“Tha sinn cuideachd a’ moladh gum bi Riaghaltas na h-Alba a’ coimhead gu dlùth ris a’ bhun-structar làithreach ann an ospadalan a thaobh tar-chur bhall-bodhaige a bharrachd air na sgrùdaidhean a thèid a dhèanamh mus tèid tar-chur air adhart.
“Bha a’ chomataidh cuideachd airson dèanamh cinnteach gun deigheadh na seirbheisean a tha rim faotainn gus taic a thoirt do dh’euslaintich air an liosta tar-chur, daoine a fhuair buill-bodhaige agus teaghlaichean, a leasachadh gus barrachd cuideachaidh a thoirt seachad.”
Thèid am bile a dheasbad a-nis ann an seòmar Pàrlamaid na h-Alba.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear an làn-aithisg anseo.
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu obair Comataidh Slàinte is Spòrs nach rach sibh gu làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.