Obair togail mar ghnìomhachas gu bhith air a cur fon phrosbaig le Comataidh ann an Taigh an Ròid

08.01.2019

Tha obair togail, mar raon ann an Alba, gu bhith a’ tighinn fon phrosbaig comataidh ann an Taigh an Ròid.

Tha Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd agus Obair Chothromach air rannsachadh a chur air bhog gus na dùbhlain a tha ron ghnìomhachas togail ann an Alba a thuigsinn. Tha a’ Chomataidh a’ sireadh raon farsaing de bheachdan air mar a dh’fhaodar leasachadh a dhèanamh leis a’ ghnìomhachas gus eaconamaidh na h-Alba a phutadh air adhart barrachd.

Bidh na cuspairean sònraichte a rannsaichear a’ gabhail a-steach: buaidh eaconamach a’ ghnìomhachais; an cothrom air ionmhas; sgilean; solar; bun-structar; agus tionnsgnadh. Tha a’ Chomataidh cuideachd togarrach air beachdan a chluinntinn air mar a dh’fhaodar brosnachadh dhaoine òga gu bhith a’ gabhail phreantasachdan ann an obair togail, gu h-àraid ann an dòigh a dhèiligear ris a’ bheàrn eadar an dà ghnè sa ghnìomhachas.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd agus Obair Chothromach, Gordon Lindhurst BPA:

“Tha obair togail na raon cudromach ann an Alba, oir tha e a’ putadh air adhart agus a’ neartachadh an eaconamaidh, le buaidhean air raointean eile cuideachd. A bharrachd air fastadh mòran dhaoine, tha an raon cuideachd a’ lìbhrigeadh bun-structar airson taigheadas, còmhdhail, foghlam agus coimhearsnachdan, agus tha e a’ cur £21.5 billean ri làn-thoradh dùthchail na h-Alba.

“Ach, tha dùbhlain ron raon cuideachd, agus tha sinn airson beachdan is molaidhean a chluinntinn air mar a dh’fhaodar làmh an uachdair fhaighinn orra seo. Tha sinn cuideachd ag iarraidh a bhith a’ faighinn a-mach mar a dh’fhaodas sinn daoine òga a bhrosnachadh a bhith ag obair anns a’ ghnìomhachas, agus bidh sinn a’ dèanamh conaltradh ri gnothachais is colaistean anns na mìosan a tha romhainn.”

Tha na ceistean a bhios a’ Chomataidh ag iarraidh fhaighneachd a’ gabhail a-steach:

• Dè cho cudromach ’s a tha obair togail ri Alba mar raon a tha a’ furastachadh ghnothaichean san eaconamaidh?
• Dè na h-adhbharan a tha air cùlaibh nan dùbhlan dèanadais anns an raon?
• Dè tha air faire airson an raoin a thaobh an eaconamaidh agus na buaidhean a thig bho Bhrexit?
• Dè na tobraichean ionmhais, agus na cothroman air ionmhas, airson an raoin?
• A bheil molaidhean sam bith agad air cothroman gus cleachdaidhean solarachaidh a leasachadh air feadh an raoin?
• Dè do bheachdan air an Ionad airson Tionnsgnadh ann an Obair Togail ann an Alba?
• Dè a’ bhuaidh a bhios aig atharrachaidhean teicneòlais (m.e. robotaireachd, fèin-obrachas) air an raon, agus ciamar a dh’fhaodas Alba cothrom a ghabhail den atharrachadh seo?

Cùl-fhiosrachadh

Tha mu 46,000 companaidhean obair togail ann an Alba. Tha a’ chuid as motha dhiubh nan luchd-malairt aonair (74 sa cheud) agus tha nas lugha na deichnear luchd-fastaidh aig a’ chòigeamh dhiubh. Uile gu lèir, thathar a’ fastadh 154,410 daoine air feadh an raoin, a’ riochdachadh 7 sa cheud den iomlan Albannach.

Tha dàta bho Sgilean Leasachaidh na h-Alba a’ sealltainn gum b’ e obair togail an com-pàirtiche as motha sa phrògram nuadh phreantais, le 6,104 daoine a’ tòiseachadh, suas bho 5,934 ann an 2016/17. Cha robh ach 1 sa cheud de luchd-inntrigidh nam boireannach, ge-tà, nì a tha a’ sealltainn gum feumar barrachd a dhèanamh air chor ’s gun dèiligear ris a’ bheàrn eadar an dà ghnè sa ghnìomhachas obair togail.

A rèir nan co-chomhairlichean McKinsey & Co, cha do mheudaich dèanadas gach obraiche ann an obair togail san Rìoghachd Aonaichte bho 1945, fhad ’s a mheudaich dèanadas le 1500 sa cheud sa ghnìomhachas tionnsgalach, sa ghnìomhachas reic agus ann an àiteachas. Ann an Alba, chan eil dèanadas sa ghnìomhachas obair togail air fàs bho 1994, fhad ’s a leasaich an eaconamaidh le 30 sa cheud mu thuairmse.

Is e an ceann-latha deireannach airson tagraidhean a chur a-steach Diciadain 13 Gearran 2019

Contact information

 Media

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.