Prògram fad bliadhna gu bhith a’ comharrachadh 20 bliadhna de Phàrlamaid na h-Alba

04.01.2019

Chaidh prògram fad bliadhna a chur an cèill an-diugh a bhios a’ comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh.

Air a dhealbhachadh gus cuideam a chur air an deagh bhuaidh a tha air a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba air beatha muinntir na h-Alba thairis air an dà dheichead a dh’fhalbh, bidh am prògram a’ gabhail a-steach: taisbeanadh poblach ùr, a chuirear air bhog, a bhios a’ cur an cèill sgeulachd na Pàrlamaid; sreath de làithean teaghlaich; agus farpais nàiseanta dealbh-thogail gus na h-ìomhaighean as fheàrr a lorg a tha a’ sealltainn eachdraidh an 20 bliadhna de Thaigh an Ròid.

Mar bhàrr-phuing a’ phrògraim, bidh tachartas san t-Seòmar Deasbaid air Disathairne 29 Ògmhios a’ comharrachadh cha mhòr 20 bliadhna chun an latha bhon a chaidh cumhachdan laghail a ghabhail thairis gu h-oifigeil leis a’ Phàrlamaid. A bharrachd air an tachartas sin san t-Seòmar, nas anmoiche air an latha sin bidh a’ Phàrlamaid a’ fosgladh a dorsan gu muinntir na h-Alba airson feasgar de chomharrachadh is cuimhneachadh.

Tha a’ Phàrlamaid cuideachd a’ tòiseachadh air na leanabhan a shireadh bho air feadh na dùthcha a rugadh air 1 Iuchar 1999 gus fiathachadh a thoirt thuca pàirt a ghabhail anns an fhèilleachd air Disathairne 29 Ògmhios. Bha an òigridh aig teis-mheadhan ghnothaichean air an 10mh cheann-bhliadhna ann an 2009, agus tha sinn ag iarraidh orra fios a chur thugainn a-rithist.

Thèid mion-fhiosrachadh air an làn phrògram a chur an cèill rè na bliadhna, agus bidh iomadh cothrom ann airson daoine bho air feadh Alba a bhith an sàs ann.

A’ cur a’ phrògraim an cèill an-diugh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Tha am 20mh cheann-bhliadhna seo na chothrom air leth dhuinn gu bhith a’ meòrachadh air cho fad ’s a tha sinn air siubhail thairis air an dà dheichead a dh’fhalbh agus gu bhith a’ cur an cuimhne a h-uile duine mar a tha Pàrlamaid na h-Alba air deagh bhuaidh a thoirt air beathannan dhaoine.

“Aig àm nuair a tha daoine frionasach mu dheidhinn poilitigs agus luchd-poilitigs, chaidh am prògram againn a dhealbhachadh gus ùidh ath-bheòthachadh ann am poilitigs na h-Alba agus gu bhith a’ cur an cuimhne dhaoine gu bheil a’ Phàrlamaid ann airson Alba gu lèir, stèidhichte air luachan leithid fosgarrachd agus co-ionannachd.

“Tha a’ Phàrlamaid cuideachd glè thogarrach air cluinntinn bhon 163 daoine òga ann an Alba a tha a’ co-roinn co-latha ar breith. Bu mhath leinn gun cluicheadh iadsan pàirt anns a’ phrògram chuimhneachaidh againn, a mhaireas fad bliadhna. Mar sin, tha sinn a’ guidhe orrasan a tha nan “leanabhan 1 Iuchar” a thighinn air adhart air chor ’s gum faod sinn an latha a chomharrachadh le chèile.”

Airson an ceann-latha a chomharrachadh, tha a’ Phàrlamaid an-diugh a’ cur ma sgaoil sreath de dh’ìomhaighean bhon eachdraidh 20 bliadhna aice.

Cùl-fhiosrachadh

Thèid barrachd fiosrachaidh air gach fear de na pròiseactan agus mar a dh’fhaodas am poball pàirt a ghabhail annta a chur an cèill rè 2019. Feuch gun lean thu seanailean nam meadhanan sòisealta againn airson an fhiosrachaidh as ùire.

Bu chòir do dhuine òg sam bith a rugadh air 1 Iuchar 1999 ann an Alba fios a chur gu 20years@parliament.scot.

Cinn-là cudromach

  • 6 Cèitean 1999 – Ciad taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba
  • 6 Cèitean 1999 – Dh’ainmicheadh an ciad Bhall gu bhith air a thaghadh: Tom Mac an Aba, aig 23:16
  • 12 Cèitean 1999 – Ciad choinneamh de Phàrlamaid na h-Alba
  • 1 Iuchar 1999 – Fosgladh oifigeil Pàrlamaid na h-Alba
  • 31 Lùnastal 1999 – Chaidh an ciad Bhile Èiginn/Bile Riaghaltais a thoirt a-steach le Seumas Uallas: Bile SP 1 - Bile Slàinte Inntinn (Sàbhailteachd Phoblach agus Ath-thagraidhean) (Alba) [Mar a chaidh a thoirt a-steach] Seisean 1 (1999)
  • 8 Sultain 1999 – Dh’aontaicheadh an ciad Bhile Èiginn/Bile Riaghaltais air a thoirt a-steach le Seumas Uallas: Bile SP 1 - Bile Slàinte Inntinn (Sàbhailteachd Phoblach agus Ath-thagraidhean) (Alba) [Mar a chaidh aontachadh] Seisean 1 (1999)
  • 13 Faoilleach 2000 – Ciad Cheistean don Phrìomh Mhinistear: bha a’ chiad cheist S1F-1 ann an ainm Ailig Salmond - SP OR 13 Faoilleach 2000
  • 27 Dàmhair 1999 – an ciad Àm Cnuasachaidh: an t-Urramach Dtr Graham K Blount, Eaglaisean Còmhla an Gnìomh an Alba (ACTS) - SP OR 27 Dàmhair 1999

 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.