Leasain Nirribheach airson Comataidh a’ Cheartais

06.12.2018

Bidh Comataidh a’ Cheartais ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh turas rùn-rannsachaidh gu Oslo mar phàirt de na rannsachaidhean aca air ath-leasachadh sheirbheisean poilis is smàlaidh agus air Bile Luchd-fianais So-leònte. Bidh seo a’ toirt do na BPA sealladh eadar-nàiseanta air na cuspairean a tha iad a’ sgrùdadh an-dràsta.

Mar ann an Alba, chaidh seirbheis a’ phoilis ath-leasachadh o chionn ghoirid ann an Nirribhidh. Agus chaidh ceumannan coltach ris na tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh, gus luchd-fianais so-leònte a chuideachadh, leithid a’ mhodail ‘Barnehus’ (no Taigh na Cloinne), a chur an gnìomh ann an Nirribhidh a-cheana.

Bidh a’ Chomataidh a’ coinneachadh ri Ministear a’ Cheartais, Knut Morten Johansen, ri Leas-cheann a’ Phoilis, Eva Sjøholt-Sandvik, agus ri àrd-oifigearan, agus bidh iad a’ tadhal air Barnehus cuideachd.

A’ bruidhinn ron turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead Mitchell BPA:

“Troimh ionnsachadh bho na thachair ann an ceàrnaidhean eile den t-saoghal, bidh reachdadairean a’ faighinn cuideachadh gus an sealladh nas fharsainge fhaicinn. Bidh seo a’ toirt cothrom luachmhor dhuinn, agus ’s e dòigh-obrach chiallach a th’ ann airson beachdachadh air atharrachaidhean a dh’fhaodar dèanamh don lagh.”

“Tha feartan sònraichte aig Alba agus lagh na h-Alba, agus feumar an toirt fa-near.

“Ach a chionn ’s gun deach leasachaidhean coltach a chur an gnìomh ann an siostam a’ cheartais ann an Nirribhidh, gach cuid sa phoileas agus san dòigh a bhios luchd-fianais so-leònte a’ toirt fianais ann an cùisean eucoir, tha tòrr ri ionnsachadh bhuapa.

“Tha Comataidh a’ Cheartais an dòchas gum bi sinn a’ toirt air ais fiosrachadh luachmhor agus gum faod sinn fa-near a thoirt dha ann an Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ mhodail ‘Barnehus’ a’ ciallachadh nach fheum daoine òga a bhios a’ toirt fianais ann an cùis eucoir (an dara cuid mar fhulangaiche no mar neach-fianais) a bhith air beulaibh na cùirte. Thathar a’ dèanamh agallamh leotha ann am Barnehus, far a bheilear a’ tairgse taic dhaibh cuideachd. Am measg nithean eile, tha Bile Luchd-fianais So-leònte (Fianais Eucoir) (Alba) a’ moladh gum bu chòir gabhail ri modail coltach ri sin ann an Alba, agus tha Comataidh a’ Cheartais a’ sgrùdadh seo an-dràsta.

Ann an Nirribhidh, tha feachd poilis nàiseanta ann, agus thàinig ath-leasachaidhean oirre o chionn ghoirid (le lùghdachadh ann an àireamh dhe fo-roinnean). Bidh mar a thachair dhaibh a’ toirt cumadh don sgrùdadh eàrr-reachdail a tha a’ Chomataidh a’ cur ri chèile air Achd Ath-leasachadh Poilis agus Luchd-smàlaidh (Alba) 2012, a chruthaich feachd shingilte poilis agus aon sheirbheis smàlaidh airson Alba air fad.

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta bho luchd-naidheachd ann an dòigh thèarainte air los gum faodar aithriseadh air obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir riatanasan làithreach air dìon dàta. Tha còir agad sgur dhe fo-sgrìobhadh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic am Brath Prìobhaideachd againn.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.