Bu chòir do fhulangaichean dochainn phearsanta a bhith air an dìoladh gu cothromach is gu trìd-shoilleireach

Bu chòir dhaibhsan a dh’fhuiling mòr-chiùrradh bho dhochann pearsanta airgead-dìolaidh fhaighinn a tha air àireamhachadh ann an dòigh a tha cothromach is trìd-shoilleireach, a rèir Comataidh ann an Taigh an Ròid. Rinn Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Obair Chothromach sgrùdadh air Bile Damaistean (Piseach air Seilbhean agus Pàighidhean Ùineach) (Alba). Dh’aontaich a’ Chomataidh ri prionnsabalan a’ Bhile, a bhios ag ath-leasachadh an lagha air los gum bi Actuaraidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ seatadh reat an lasachaidh dhaibhsan a gheibh airgead-dìolaidh.

Tha reat an lasachaidh ga chur an gnìomh far a bheilear a’ buileachadh airgead-dìolaidh airson challaidhean ionmhasail ri thighinn – leithid cosgaisean cùraim leantainnich no cosnadh caillte. Tha e ag atharrachadh na suime de dh’airgead-dìolaidh a phàighear ri fulangaiche mar aithneachadh gum faodar an t-airgead a chur an seilbh agus mar sin a bhith a’ cruthachadh piseach air an airgead. 

Tha reat an lasachaidh a’ toirt na buaidhe as motha orrasan a dh’fhuiling dochannan uabhasach agus orrasan a tha a’ pàigheadh airgead-dìolaidh, leithid companaidhean àrachais agus an NHS. 

Feumaidh iadsan a dh’fhuiling dochann pearsanta gabhail ri grunn chunnartan cheana nuair a tha iad a’ buannachadh airgead-dìolaidh. Mar eisimpleir, feumaidh iad dèanamh cinnteach gum mair an t-airgead-dìolaidh fhad ’s a tha iad beò agus feumaidh iad dèiligeadh ri cosgaisean atmhorachd. 

Cho-dhùin a’ Chomataidh gum bu chòir pròiseas a bhith ann a tha cothromach is trìd-shoilleireach, agus nach bu chòir dhaibhsan a bhith a’ giùlan cus cunnart. 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Obair Chothromach, Gordon Lindhurst BPA:

“Ged bu bheag an àireamh de chùisean dochainn phearsanta far a bheil reat an lasachaidh ga chur an gnìomh, tha am pròiseas glè chudromach do dh’fhulangaichean agus do na teaghlaichean aca.

“Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air an reachdas seo a thathar a’ toirt a-steach, agus tha sinn toilichte ann am prionnsabal gum bi e a’ coileanadh cothromachd is trìd-shoilleireachd air gach taobh thairis air raon farsaing de chùisean.

“Chuala sinn fianais, a bha gar toirt a thaobh, airson phàighidhean a leigeas leothasan a dh’fhuiling dochann pearsanta a bhith a’ faighinn airgead-dìolaidh ann an earranan fad am beatha. Tha sinn a’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba ciamar a bhios iad a’ brosnachadh dhaoine a bhith a’ cleachdadh òrdughan airson phàighidhean ùineach.” 

Tha an aithisg a’ toirt fa-near gu bheil a’ Chomataidh:

• a’ cur fàilte air an t-soilleireachd is trìd-shoilleireachd a bharrachd a thig bho bhith a’ cur an cèill ann an reachdas am modh-obrach airson reat an lasachaidh àireamhachadh;
• a’ gabhail ris gun deach ullachaidhean a’ Bhile a chur ri chèile gus dòigh-obrach bhun-tomhasaichte a thairgsinn, a bhios ag obair às leth cothromachd agus a bhios a’ co-chothromachadh gu h-iomchaidh eadar leas a’ ghearanaiche agus leas an dìonadair;
• a’ sireadh barrachd fiosrachaidh bho Riaghaltas na h-Alba air gealltanas gum bithear a’ dèanamh mion-sgrùdadh air an ùine de sheilbh a thathar a’ tuigsinn anns an reachdas, a’ gabhail a-steach an ìre de dh’iomsgaradh a dh’fhòghnadh airson corr is aon ìre rèidh a thoirt a-steach;
• a’ creidsinn gum bu chòir do reat an lasachaidh a bhith air ath-sgrùdadh gach còig bliadhna, an àite gach trì bliadhna;
• a’ cur fàilte air an t-solar airson cumhachd cùirte airson òrdugh airson phàighidhean ùineach (PPO) a leigeil. Tha a’ Chomataidh a’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba mar a bhios e a’ brosnachadh dhaoine a bhith a’ cleachdadh PPOs. 

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Damaistean (Piseach air Seilbhean agus Pàighidhean Ùineach) (Alba) a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 14 Ògmhios 2018.

Chuala a’ Chomataidh bho ghrunn luchd-fianais, nam measg riochdairean bho Chomann Luchd-lagha Dochainn Phearsanta; Thompsons Solicitors; Roinn nan Adhna; agus an t-Àrd-ollamh Victoria Wass, Àrd-ollamh airson HRM, Sgoil Gnothachais Cardiff; Fòram Manaidsearan Thagraidhean na h-Alba; Fòram Luchd-lagha Àrachais; NHS Seirbheisean Nàiseanta na h-Alba; Comann Luchd-àrachais Breatannach; agus Ministear airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd, Ash Denham. 

Faodaidh cuideigin tagradh a dhèanamh airson airgead-dìolaidh ma dh’fhuiling iad dochann tro ghiùlan mì-cheart a rinneadh le duine eile no le buidheann. Is e amas an airgid-dìolaidh gun cuir e am fulangaiche – chun na h-ìre ’s gum b’ urrainn do bhuileachadh airgid – cho dlùth ’s a ghabhas ris an t-suidheachadh anns an robh iad mus deach an dochann. 

Tha an lagh a’ solarachadh, far an do ghiùlain cuideigin no buidheann gu mì-cheart, gu bheil iad buailteach ri airgead-dìolaidh a thoirt do dhuine sam bith a dh’fhuiling call mar thoradh air sin.

Faodar leughadh na làn-aithisg an seo.

Gheibhear tuilleadh cùl-fhiosrachaidh air a’ Bhile anns a’ bhrath ullachaidh SPICe.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.