Iarrtas airson soilleireachd air còmhraidhean Brexit

07.02.2018

Don chòigeamh turas, tha Comataidh Cultar, Turasachd, Eòrpa agus Dàimhean Taobh a-muigh air sgrìobhadh gu Rùnaire na Stàite airson Fàgail an Aonaidh Eòrpaich, Dàibhidh Davis BP, ag iarraidh air fianais a thoirt air an t-suidheachadh aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air Brexit.

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh soilleireachd air an dàimh a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh leis an Aonadh Eòrpach, agus dè a’ bhuaidh a bhios aige air muinntir agus eaconamaidh na h-Alba.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Cultar, Turasachd, Eòrpa agus Dàimhean Taobh a-muigh, Seònag NicAilpein BPA:

“Tha a’ Chomataidh air mòran obrach-rannsachaidh a dhèanamh air dè a’ bhuil a bhios aig Brexit air Alba bho chionn reifreann an EU anns an Ògmhios 2016. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e iomchaidh gun robh cothrom aig Comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ ceasnachadh Rùnaire na Stàite airson Fàgail an Aonaidh Eòrpaich air an dàimh a thathar a’ sireadh leis an EU anns an àm ri teachd, oir tha a’ chùis seo cho cudromach airson Alba.

“Tha e na fhìor bhriseadh-dùil dhomh gun do sgrìobh sinn thuige còig turasan roimhe a’ toirt fiathachaidh dha fianais a thoirt dhuinn, agus tha mi an dòchas gum freagair e an turas seo.”

Thuirt Leas-neach-gairm, Claire Baker BPA:

“Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach eil iad ag iarraidh a bhith anns a’ mhargaid shingilte no anns an Aonadh Chusbainnean, agus thuirt Mgr Barnier air Diluain gun robh bacaidhean-malairt ri bathar is seirbheisean, air an adhbhar sin, do-sheachanta. Tha e deatamach gum bu chòir dhuinn a bhith ag iarraidh air Rùnaire na Stàite barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn air dè bhios seo a’ ciallachadh airson Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear cothrom air an litir gu Rùnaire na Stàite airson Fàgail an Aonaidh Eòrpaich an seo.

Gheibhear cothrom air làn fhiosrachadh air rannsachadh na Comataidh air na Còmhraidhean Às-tharraing fo Artagail 50 an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.