Comataidh phàrlamaideach gu bhith a’ sgrùdadh gnìomhachas an tuathanais-bhradain ann an Alba

08.02.2018

Bidh na tha ri teachd airson gnìomhachas an tuathanais-bhradain ann an Alba a’ tighinn fo prosbaig Comataidh an Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus iad a’ brosnachadh bhuidhnean agus daoine fa leth am beachdan a cho-phàirteachadh riutha mar phàirt den rannsachadh ri teachd aca.Salmon farm

Bheachdaich Neach-gairm na Comataidh, Eideard Mountain BPA, air a’ chùis:

“Tha e soilleir gu bheil gnìomhachas an tuathanais-bhradain glè chudromach airson eaconamaidh na h-Alba, agus planaichean ann gus cinneasachadh a’ ghnìomhachais a leasachadh is a mheudachadh.

“Tha iomadh dùbhlan air beulaibh a’ ghnìomhachais, ge-tà, leithid dèiligeadh ri slàinte a’ bhradain a thig bho thuathanais-èisg – gu h-àraid a thaobh mialan-mara agus galar nan giallan – dèiligeadh ris a’ bhuaidh air an àrainneachd agus dèiligeadh ri èifeachdan bho atharrachadh clìomaid.”

Lean an Neach-gairm air:

“Tha an rannsachadh seo a’ toirt cothrom do dhaoine na beachdan is na barailean aca a thoirt dhuinn air stait làithreach gnìomhachas a’ bhradain, na cothroman gus a leasachadh anns an àm ri teachd, agus a’ bhuaidh a tha aige air an àrainneachd.

“Anns na mìosan ri teachd, bidh sinn a’ tionail fianais bhon luchd-àraich, bho na pròiseasaran agus bhuapasan eile a tha an sàs ann an gnìomhachas a’ bhradain, bho bhuidhnean àrainneachdail agus bho raon a’ bhìdhe is na dighe ann an Alba. Tha e deatamach gum faigh sinne cothrom air  an tuigse, eòlas is ealantas luachmhor a tha aig a h-uile duine ann an Alba aig a bheil ùidh ann an gnìomhachas a’ bhradain san àm ri teachd, air chor ’s gum faod iad cuideachadh ri cumadh a thoirt don obair againn anns an raon seo.”

Is e 27 Giblean an ceann-latha airson fianais a chur a-steach gu Comataidh an Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd. Bidh a’ Chomataidh a’ sgrìobhadh aithisg air toradh bhon rannsachadh aca an dèidh dhaibh crìoch a chur ris na seiseanan-fianais, a thathar an dùil gu bhith a’ gabhail àite anns a’ Mhàrt, a’ Ghiblean agus a’ Chèitean.

Cùl-fhiosrachadh

  • Tha Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn a’ gabhail os làimh rannsachadh ceangailte air a’ bhuaidh air an àrainneachd a thig bho thuathanas-bradain, a thòisich le gairm airson bheachdan air 25 Faoilleach 2018. Mar thoradh air an obair seo, bidh iadsan ag aithris do Chomataidh an Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd ann an Taigh an Ròid agus a’ biadhadh a-steach do rannsachaidh na Comataidh air gnìomhachas an tuathanais-bhradain ann an Alba.
  • Is e bradan Atlantaigeach bho thuathanais-èisg an às-mhalairt as motha bho ghnìomhachas a’ bhìdhe ann an Alba. Ann an 2017 bhon Fhaoilleach gus an Dàmhair, cha mhòr nach deach £285 millean de bhradan bho thuathanais-èisg ann an Alba às-mhalairt gu dùthchannan taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich agus £234.5 millean gu dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich – gu h-iomlan beagan a barrachd air £519 millean.
  • Ann an 2016, chaidh 162,817 tunnaichean de bhradan a chinneasachadh ann an Alba – lùghdachadh de 8,905 tunnaichean (5.2 sa cheud) air an t-suim ann an 2015. Bha seo luach £765,239,900 ann an 2016.
  • Gheibhear cùl-fhiosrachadh air gnìomhachas a’ bhradain ann an Alba, leithid air na cùisean mar shlàinte èisg agus cuspairean àrainneachdail a tha air a bheulaibh an-dràsta, anns a’ bhrath-ullachaidh bho SPICe air Tuathanas a’ Bhradain ann an Alba (Salmon Farming in Scotland).

Bidh Comataidh an Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd a’ sgrùdadh mholaidhean poileasaidh a tha ceangailte ri cùisean dùthchail, còmhdhail agus ceangalachd. Tha a’ Chomataidh a’ tighinn gu co-dhùnadh an dèidh làn-fhianais fhaighinn bho raon farsaing de chom-pàirtichean ‘air an làr’, agus tha i a’ sgrùdadh poileasaidh ann an dòigh a tha ùghdarrasail, ealanta, èifeachdach agus cumhachdach.

Gheibhear dealbhan den Chomataidh agus den Neach-gairm an-asgaidh.

Rannsachadh air Tuathanas a’ Bhradain ann an Alba: Gairm airson Fianais

Tha Comataidh an Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd a’ toirt fiathachaidh don a h-uile buidheann agus do dhaoine fa leth aig a bheil ùidh sa chùis fianais sgrìobhte a chur thuca airson an rannsachaidh aca air tuathanas a’ bhradain ann an Alba.

Rè an rannsachaidh, tha a’ Chomataidh am beachd:

·        fiosrachadh a thionail air staid làithreach a’ ghnìomhachais;

·        cothroman a chomharrachadh air leasachaidhean san àm ri teachd; agus

·        a bheachdachadh air mar a dh’fhaodas dèiligeadh ris an iomadach dùbhlan a tha air beulaibh a’ ghnìomhachais, leithid slàinte èisg, cùisean àrainneachdeil agus eile.

Bu mhath leis a’ Chomataidh do bheachdan a chluinntinn air na ceistean a leanas

1.         A bheil beachdan sam bith agad air staid làithreach gnìomhachas an tuathanais-bhradain ann an Alba?

2.         Tha grunn aithisgean ann a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid[1] a tha a’ moladh mar a dh’fhaodar gnìomhachas an tuathanais-bhradain a leasachadh. A bheil beachdan sam bith agad air gnìomhan a dh’fhaodadh cuideachadh an raoin gu bhith a’ fàs san àm ri teachd?

3.         An-dràsta, tha gnìomhachas an tuathanais-bhradain a’ dèiligeadh ri raon de dhùbhlain a thaobh slàinte èisg agus na h-àrainneachd. A bheil beachdan sam bith agad air mar a dh’fhaodar dèiligeadh riutha?

4.         A bheil thu a’ faireachdainn gu bheil tional nan dàta air obrachaidhean bradain agus air slàinte èisg agus cùisean ceangailte ri sin freagarrach?

5.         A bheil beachdan sam bith agad air dè cho neartmhor ’s a tha an rèim riaghlaidh a bhuineas ri gnìomhachas an tuathanais-bhradain?

6.         A bheil iomradh sam bith agad air mar a dh’fhaodas às-tharraing na Rìoghachd Aonaichte bhon Aonadh Eòrpach buaidh a thoirt air raon an tuathanais-bhradain?

Faodaidh tu a h-uile ceist a fhreagairt no faodaidh tu beachdachadh gu dlùth dìreach air raointean far a bheil ùidh àraid agad, no aig a’ bhuidheann a tha thu a’ riochdachadh, agus a tha buntainneach ri rannsachadh na Comataidh.

Mar a chuireas tu an fhianais agad a-steach

Mus cuir thu fianais a-steach, feuch gun leugh thu Poileasaidh na Pàrlamaid air mar a bu chòir do Chomataidhean Cuspaireil is Àithneil dèiligeadh ri Fianais Sgrìobhte.

Feuch gun cuir thu do bheachdan thugainn ro dheireadh 27 Giblean 2018.

Is fhèarr leinn gun cleachdar an teamplaid againn airson freagairtean. Tha seo ri fhaotainn air làraich-lìn na Comataidh. Bu chòir freagairtean a chur, nuair as urrainnear, ann am post-d agus ann an sgrìobhainn MS Word gu: salmon-farming.reccommittee@parliament.scot

Faodar freagairtean ann an lethbhreac cruaidh a chur gu: Comataidh an Eaconamaidh Dùthchail agus Ceangalachd, T3.60, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP

Is fhèarr leinn gun robh freagairtean nas lugha na ceithir taobhan de A4 a dh’fhaid.

Faodar gach pìos de dh’fhianais sgrìobhte a fhuaras a bhith air fhoillsicheadh leis a’ Phàrlamaid agus air làimhseachadh mar sgrìobhainn phoblach. Ma tha thu airson fianais dhìomhair no fianais gun ainm a chur a-steach, leugh am poileasaidh aig a’ cheangal gu h-àrd no cuir fios gu clàrcan na Comataidh: fiosrachadh gu h-ìseal.

Fios thugainn

Ma tha thu ag iarraidh am fiosrachadh seo ann an cruthan eile no ma tha cuideachadh eile a dhìth ort a thaobh tagradh sgrìobhte a chur chun na Comataidh, cuir fios sa bhad chun na sgioba clèirich airson na Comataidh.

Airson fiosrachadh Comataidh, cuir fios gu: Steve Farrell, 0131 348 5211, post-d: salmon-farming.reccommittee@parliament.scot  

Airson fiosrachadh a bharrachd, cuir fios gu: Cat Synnot, 0131 348 5605, post-d: cat.synnot@parliament.scot  

Airson fiosrachadh san fharsaingeach, cuir fios gu: 0845 278 1999 (reat ionadail), post-d: sp.info@scottish.parliament.uk   

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.