Cluinnidh BPA bho bhuidhnean euslainteach agus Aonaidhean Ciùird mus cluinn iad bho cheannardan Seirbheis na Slàinte Thaobh Tatha ann an Dùn Dè

06.12.2016

Thèid na trioblaidean maoineachaidh susbainteach a tha a’ cur air Seirbheis na Slàinte Thaobh Tatha a rannsachadh le Comataidh Sgrùdadh Poblach is Iar-sgrùdadh Reachdas Pàrlamaid na h-Alba nuair a choinnicheas i ann an Dùn Dè an t-seachdain sa tighinn (15 Dùbhlachd).

Ceasnaichidh a’ Chomataidh àrd-mhanaidsearan a’ Bhùird mu aithisg a thàinig o chionn ghoirid bho Bhuidheann-sgrùdaidh na h-Alba a tha a’ sealltainn gu bheil feum air còrr is £58 millean de shàbhalaidhean anns a’ bhliadhna ionmhasail seo. Tha am Bòrd mar-thà air còrr is £24 millean de thaic maoineachais (air a bheil ‘brokerage’ mar ainm) fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, gus na cunntasan aca a rèiteach, agus tha cunnart mòr ann gu feum am Bòrd tuilleadh brokerage am bliadhna.  

Gabhaidh a’ Chomataidh cuideachd fianais bho ghrunn bhuidhnean euslainteach ionadail, agus riochdairean luchd-obrach Sheirbheis na Slàinte Thaobh Tatha, gus tuigsinn bheachdan muinntir na sgìre air a’ bhòrd slàinte.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Jenny Marra BPA:

“Chan eil teagamh sam bith nach eil Seirbheis na Slàinte Thaobh Tatha ann am fìor staing. Tha aithisg Bhuidheann-sgrùdaidh na h-Alba dha-rìribh na adhbhar iomagain, agus feumaidh sinn freagairtean fhaighinn air buaidh thrioblaidean maoineachaidh Sheirbheis na Slàinte Thaobh Tatha air na seirbheisean a tha iad a’ lìbhrigeadh.

“Le bhith a’ cumail na coinneimh seo ann an Dùn Dè, cluinnidh an fheadhainn as motha a dh’fhairicheas buaidh nan trioblaidean seo bhon bhòrd slàinte aca gu dìreach. Cluinnidh sinn cuideachd bho euslaintich agus luchd-obrach Sheirbheis na Slàinte Thaobh Tatha mu mar a tha a’ dol dhaibh, mus ceasnaich sinn àrd-mhanaidsearan.”

Tachraidh a’ choinneamh Comataidh aig 9.00 m Diardaoin 15 Dùbhlachd aig Seòmraichean a’ Bhaile, Dùn Dè. Tha i fosgailte don phoball agus AN ASGAIDH.  Tha cuid de thiogaidean ann don phoball agus feumar an clàradh ro-làimh air 0131 348 5200.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh aithisg Bhuidheann-sgrùdaidh na h-Alba, The 2015/16 audit of NHS Tayside: Financial sustainability, fhoillseachadh air 6 Dàmhair 2016.

Ghabh a’ Chomataidh fianais air an aithisg bhon Àrd-neach Sgrùdaidh aig a’ choinneimh aice air 3 Samhain far an tuirt i gu bheil Seirbheis na Slàinte Thaobh Tatha ann an suidheachadh “air leth dona” agus gu robh “cunnart mòr ann nach coilean am Bòrd am plana ionmhasail aca airson 2016-17 agus ann am bliadhnaichean às dèidh sin”. Gheibhear Aithisg Oifigeil na coinneimh sin an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.