Compàirtean Coimhearsnachd

Tiosgnadh nan Com-pàirteachasan Choimhearsnachdan

Is e a tha ann an Tionnsgnadh nan Com-pàirteachasan Choimhearsnachdan tionnsgalachd ùr gus guth a thoirt do dhaoine nach fhaigh gu leòr de riochdachadh san t-saoghal phoilitigeach mar as trice.

Bidh an tionnsgnadh, a chaidh a chur ri chèile le Sgioba na Pàrlamaid ri Foghlam is Com-pàirteachasan Choimhearsnachdan, ag obair le eagrachaidhean ri còraichean chiorramach, daoine òga air a bheil e doirbh ruigsinn agus daoine a bhuineas do chinnidhean eile a chuideachadh riutha dol an sàs ann an imeaachdan na Pàrlamaid agus buaidh a thoirt orra.

Is e an t-amas a tha aig an tionnsgnadh cur ri misneachd eagrachaidhean air an taobh a-muigh le bhith:

  • A’ cur ris an tuigse is ris a’ mhothachadh a tha aca air a’ Phàrlamaid, air an àite is air na modhan aice
  • A’ cur ris a’ chomas a tha aca gnìomhan adhartach a ghabhail tro mhodhan na Pàrlamaid
  • A’ cur cheanglaichean air dòigh do gach eagrachadh ann an com-pàirteachas ann am modhan na Pàrlamaid

Rud a tha cudromach, tha an tionnsgnadh ga stiùireadh le eagrachaidhean a’ chom-pàirteachais iad fhèin. Bheir na com-pàirtichean leotha an dealas is an sealladh aca fhèin don tionnsgnadh, agus nì iad cinnteach gun tèid beachd a ghabhail air an iomairt is air na feumalachdan aca fhèin ann am modh nan ceanglaichean ris a' Phàrlamaid.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.