Co-chomhairleachadh air Plana Gàidhlig na Pàrlamaid
Ro-ràdh
Ghabhadh ri Achd na Gàidhlig (Alba) le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005 agus chaidh Bòrd na Gàidhlig (BnG) a stèidheachadh mar thoradh air seo. Tha BnG ag amas air ‘àbhaisteachadh’ na Gàidhlig am measg sluagh na h-Alba, ga chur mar fhiachaibh air buidhnean poblach ann an Alba seirbheisean Gàidhlig a thabhann gu for-ghnìomhach. Tha Planaichean Gàidhlig (PG) gan cleachdadh gus sònrachadh ciamar a chleachdas buidheann a’ Ghàidhlig agus ciamar a bheir iad taic dhi agus a bhrosnaicheas iad cleachdadh na Gàidhlig nan obair.
Faigh a-mach barrachd mu Achd 2005
Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba
Às dèidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, sa chiad dol-a-mach bha planaichean BCPA ag amas air seirbheisean bunasach a chur air bhonn. Anns na 5 bliadhna a chaidh seachad, chuimsich sinn air conaltradh, agus trèanadh san àite-obrach, le gnìomhan a thogadh aire mun Ghàidhlig ann an dòighean sìmplidh ach èifeachdach.
Faigh a-mach barrachd mu na seirbheisean a th’ againn mar-thà
Tha an treas Plana Gàidhlig againn a’ buntainn ris an àm eadar Giblean 2018 – Màrt 2023 agus tha sinn a’ dèanamh co-chomhairle air sin an-dràsta. Tha an dòigh-obrach an turas sa mòran nas practaigiche, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig, cho fada ’s a ghabhas, aig cridhe ar n-obrach seach a bhith air an iomall.
Tha an ath Phlana stèidhichte air na prionnsapalan a leanas:
- Cleachdadh na Gàidhlig mar a tha iomchaidh gus conaltradh ri coimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus dèanamh cinnteach gur urrainn do choimhearsnachdan conaltradh ruinne sa Ghàidhlig (le bhith a’ tabhann ghnìomhan com-pàirteachaidh agus foghlaim ann an coimhearsnachdan agus a’ toirt taic do dh’eadar-obrachadh leis a’ Phàrlamaid sa Ghàidhlig).
- Toirt taic do ar BPA agus an luchd-obrach aca a bhith misneachail a’ cleachdadh na Gàidhlig nan obair (le bhith a’ lìbhrigeadh agus a’ cur air adhart taic agus cothroman dhaibh gus sin a dhèanamh).
- A’ cur na Gàidhlig aig cridhe smaoineachadh na Pàrlamaid (le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil obair ga lìbhrigeadh ri taobh, agus taobh a-staigh, phrògraman a th’ ann mar-thà, cho math ri gnìomhan a chur air dòigh a dh’aon ghnothach airson aire a thogail mun Ghàidhlig).
Tha Pàrlamaid na h-Alba airson barrachd fhaighinn a-mach mu shluagh na h-Alba agus an ceangal aca ris a’ Ghàidhlig gus ar cuideachadh agus sinn a’ deasachadh ar plana airson 2018-2023.
Tha grunn cheistean goirid againn nach bu chòir a thoirt barrachd air 5 mionaidean gam freagairt a bhios na chuideachadh dhuinn a’ toirt seo gu buil.
Faodaidh tu an suirbhidh a lìonadh sa Ghàidhlig no faodaidh tu an suirbhidh a lìonadh sa Bheurla.
Gheibhear an geàrr-chunntas den Dreach Phlana agus am Dreachd Phlana Slàn air làrach-lìn na Pàrlamaid.