Ceanglaichean pàrlamaideach air an ath-dhaingneachadh le buidheann-riochdachaidh bho Thaigh an Ròid

10.07.2017

Bidh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Coinneach Mac an Tòisich BPA, air ceann buidheann-riochdachaidh a bhios a’ tadhal air Munich gus ceanglaichean pàrlamaideach a neartachadh agus taic a thoirt ri ceanglaichean eaconamach, cultarach agus àrainneachdail eadar Alba agus a’ Bhaidhearn.

Presiding Officer Ken Macintosh

 

Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh agus an luchd-gairm comataidh Seònag NicAilpein, Gordon Lindhurst agus Graeme Dey, a’ coinneachadh ris na cèilean pàrlamaideach aca, nam measg Ceann-suidhe Barbara Stamm MdL, agus co-luchd-obrach catharra bho aon de na Länder as neartmhoire anns a’ Ghearmailt. Bidh iad cuideachd a’ coinneachadh ri Dtr Beate Merk, Ministear Stàite airson Chùisean Eòrpach agus Dàimhean Roinneil bho Riaghaltas na Baidheirn.

A’ bruidhinn mus do shiubhail e, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Coinneach Mac an Tòisich BPA:

"An-còmhnaidh, is fhiach ionnsachadh bho reachdadaireachdan eile agus cleachdadh as fhèarr a cho-roinn leotha. Ach aig an àm seo de dh’atharrachadh, tha e nas cudromaiche na bha e riamh a bhith a’ sìneadh a-mach làmh a’ chàirdeis gu ar co-luchd-obrach ann an Roinn Eòrpa.

"Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith air ceann na ciad bhuidhne-riochdachaidh bho Phàrlamaid na h-Alba chun na Baidheirn. Ged a bhios an turas aithghearr, bidh e a’ toirt dhuinn cothrom math a bhith a’ togail air is a’ neartachadh nan ceanglaichean làithreach eadar Alba agus aon de na prìomh chinn-uidhe againn—a’ chòigeamh as àirde - airson às-mhalairtean Albannach.

Tha a’ Ghearmailt gu cunbhalach am measg nan còig cinn-uidhe as àirde airson às-mhalairtean bho Alba, le às-mhalairt luach barrachd air £1.8 billean ann an 2015.

Ruigidh a’ bhuidheann-riochdachaidh Munich air 10 Iuchar 2017 agus tillidh iad gu Alba an t-ath latha. Tha Seònag NicAilpein na Neach-gairm air Comataidh Cultar, Turasachd, Eòrpa agus Dàimhean Taobh a-muigh; tha Gordon Lindhurst na Neach-gairm air Comataidh Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach; agus tha Graeme Dey na Neach-gairm air Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn.

Rè an turais, bidh a’ bhuidheann-riochdachaidh a’ coinneachadh ri:

• Ceann-suidhe na Pàrlamaid Baidhearnich, Barbara Stamm, agus cathraichean nan comataidhean co-fhreagarrach;

• Ministear na Stàite airson Chùisean Eòrpach agus Dàimhean Roinneil bho Riaghaltas na Baidheirn, Dtr Beate Merk;

• an t-Àrd-mhèar ann am Munich, Mgr Dieter Reiter; agus

• iomadh buidheann chatharra agus buidhnean eaconamach agus àrainneachdail.

Cùl-fhiosrachadh

Anns an Damhar 2015, thadhail buidheann-riochdachaidh air Pàrlamaid na h-Alba anns an robh: Ceann-suidhe Pàrlamaid Stàite na Baidheirn, a’ Bh. Uas. Barbara Stamm; Leas-mhinistear Ceann-suidhe na Baidheirn, a’ Bh. Uas. Ilse Aigner; agus Cathraiche Pàrtaidh Pàrlamaideach an CSU, Mgr Thomas Kreuzer.

Tha grunn cheanglaichean eadar Alba agus a’ Bhaidhearn. Is e Munich am baile cèile do Dhùn Èideann agus is e Nuremberg am baile cèile do Ghlaschu. Cuideachd, anns a’ Mhart 2017, chuir Ministearan bho Riaghltas na h-Alba agus bho Riaghaltas na Baidheirn an ainmean ri co-fhoirgheall eaconamach.

Gheibhear dealbhan den tachartas an-asgaidh. Cuir fios gu Oifis nam Meadhanan air Diciadain 12 Iuchar.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.