Coinneach Mac an Tòisich BPA air a thaghadh mar Oifigear Riaghlaidh ùr do Phàrlamaid na h-Alba

12.05.2016

Chaidh Coinneach Mac an Tòisich BPA (Alba an Iar) a thaghadh mar an ath Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba, agus gheall e gun obraicheadh e thar chrìochan nan diofar phartaidhean a chum maith an t-sluaigh gu lèir.

Chaidh a thaghadh às dèidh baileat dìomhair a chaidh a chumail leis na Buill ùra. ’S e Mgr Mac an Tòisich an còigeamh Oifigear Riaghlaidh a tha air a bhith aig a’ Phàrlamaid, agus a’ chiad BPA bhon phartaidh Làbarach a chaidh a thaghadh airson na dreuchd. Thuirt e na leanas san òraid aige bhon chathair, agus e a’ gabhail ris an dreuchd:

“Mo thaing do na Buill Pàrlamaid eile. Tha mi fada nur comain airson an urraim seo a tha sibh air buileachadh orm, agus mi air mo thaghadh mar an ath Oifigear Riaghlaidh, agus bu thoigh leam taing a thoirt do na tagraichean eile. Mus can mi an còrr, bu thoigh leam iomradh sònraichte a thoirt air an obair a rinn Tricia Marwick, a bha ann an dreuchd an Oifigeir Riaghlaidh romham, agus tha mi a’ smaoineachadh gum bi i a’ dol suas don ghailearaidh a-nis airson a bhith còmhla ri a teaghlach.

“Saoilidh mi gum bi Tricia a’ faireachdainn iomadh rud an-diugh, agus iomadh rud eadar-dhealaichte, ach tha mi an dòchas gum bi beagan moit aice am measg na bhios i a’ faireachdainn – bu chòir dhi a bhith moiteil às na tha i air a dhèanamh don sgìre-phàrlamaid aice, don roinn aice agus don dùthaich aice thairis air 17 bliadhna, agus bu chòir dhi a bhith moiteil gu robh de mhisneachd aice tòiseachadh air a’ phròiseas gus a’ Phàrlamaid ath-leasachadh, agus bi e na urram dhomh leantainn orm leis a’ phròiseas sin.

“Agus nam bheachd-sa bu chòir dhi a bhith moiteil gu bheil i a’ fàgail Pàrlamaid a tha nas glice, nas stèidhichte agus nas misneachail na bha i riamh, Pàrlamaid a tha deiseil airson ar cumhachdan ùra agus airson nan dùbhlan ùra a tha gu cinnteach romhainn. Agus aig àm nuair a tha Tricia agus tòrr de Bhuill a bh’ ann roimhe a’ leigeil dhiubh an dreuchdan, tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh fàilte a chur air Buill ùra 2016 agus mo thaing dhuibh cuideachd.

“Chì mi tòrr dhaoine is caraidean as aithne dhomh timcheall orm – agus tha mi a’ cur fàilte oirbh air ais – ach tha mi cuideachd a’ faicinn àireamh mhòr de Bhuill ùra, air an ùr thaghadh. Faodaidh mi a ràdh, aig ìre phearsanta, gu bheil an spionnadh, an dealas làidir agus an dòchas a tha sibh air nochdadh mu thràth, agus sibh a’ lìonadh an togalaich seo le ur cuid dìoghrais, air togail mhòr a thoirt dhomh. Tha sibh air an t-àite seo ùrachadh agus tha sibh air a chur nar cuimhne gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt cothrom dhuinn uile piseach a thoirt air cùisean ann an Alba.

“Agus tha mi an dòchas gun tèid againn air obair còmhla thar nan còig bliadhna a tha romhainn, agus sinn an-dràsta a’ coimhead air adhart ris an ùine sin. Bu thoigh leam, ge-tà, iarraidh oirbh mo leisgeul a ghabhail, oir leis na th’ ann de dhaoine ùra, tha mi cinnteach gun dèan mi mearachd no dhà sna beagan làithean ri thighinn. Tha fhios gun toir mi an t-ainm ceàrr oirbh. Tha teans ann gun gluais mi an roinn no sgìre-phàrlamaid agaibh a dh’àiteigin eile ann an Alba.

“Sna beagan làithean a dh’fhalbh tha mi air meal-a-naidheachd a chur air diofar dhaoine a chaidh a thaghadh mar Bhuill Pàrlamaid dithis a bha ag obair an lùib nan seirbheisean-bìdh aig a’ Phàrlamaid, cuideigin a bha na neach-naidheachd aig a’ BhBC agus a-raoir chuir mi meal-a-naidheachd air cuideigin a tha na Oifigear airson Special Branch agus a bha ag obair don Phrionnsa Teàrlach.

“Ach tha an t-ath-nuadhachadh seo air a’ Phàrlamaid a’ cur nam chuimhne an gealladh a chaidh a dhèanamh nuair a thòisich fèin-riaghladh, sin gum bitheamaid ag obair thar chrìochan nan diofar phartaidhean a chum maith an t-sluaigh gu lèir.

“Tha mi cinnteach gu bheil sibh uile agus ur teaghlaichean fìor mhoiteil às mar a tha sibh nur Buill Pàrlamaid, a tha dèanamh seirbheis ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha fhios am gu bheil sin fìor mun teaghlach agamsa. Tha fios agam gum biodh seo air còrdadh ri m’ athair nach maireann. Cha deach m’ athair a thaghadh riamh, cha do sheas e airson taghadh riamh, bha e na cheannard-sgoile ach chaidh iarraidh air a bhith na thagraiche trì diofar thursan.

“B’ e an rud a b’ inntinniche mu dheidhinn sin, agus tha e ag innse tòrr mu m’ athair, gun deach iarraidh air le trì diofar phartaidhean poilitigeach. Tha mise - airson a’ chiad uair riamh ’s dòcha - an dòchas gun d’ fhuair mi an taobh sin dheth nam phearsa fhèin.

“Tha mi glè mhothachail gu bheil uallach agus dleastanas mòr air gach duine againn, agus air gach aonan agaibhse, gus obair às leth muinntir na h-Alba. Tha mi den bheachd gu bheil e na dhleastanas ormsa ur cuideachadh le bhith dèanamh sin.”

Eachdraidh-beatha Choinnich Mhic an Tòisich

Tha Coinneach Mac an Tòisich na BhPA liosta airson Alba an Iar, agus rugadh e air 15 Faoilleach 1962 ann an Inbhir Nis. Chaidh e gu Bun-sgoil Phort Rìgh is Bun-sgoil an Òbain agus an uair sin chun na h-Àrd-sgoil Rìoghail ann an Dùn Èideann, agus cheumnaich e bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1984 le MA (le urram) ann an Eachdraidh. Mus deach e na Bhall de Phàrlamaid na h-Alba, bha Mgr Mac an Tòisich na riochdaire telebhisein airson Naidheachdan a’ BhBC. Chaidh a thaghadh airson a’ chiad uair do Phàrlamaid na h-Alba ann an 1999. Tha e air a bhith na Neach-taice Pàrlamaideach airson Ministeir do Jack McConnell a bha na Phrìomh Mhinistear, agus air na beingean dùbhlain tha e air a bhith na Mhinistear Dùbhlain airson Sgoiltean is Sgilean, na Mhinistear Dùbhlain airson Cultar is Cùisean Taobh A-muigh, na Rùnaire a’ Chaibineit Dùbhlain airson Foghlam agus na Rùnaire a’ Chaibineit Dùbhlain airson Ionmhas.

Tha e a’ fuireach ann am Busby còmhla ri a bhean agus an sianar chloinne aca.

Cùl-fhiosrachadh

’S iad na taghaidhean airson Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba agus an dithis Leas-Oifigearan Riaghlaidh na h-aon bhaileatan dìomhair a thèid a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh Tricia Marwick a thaghadh mar an ceathramh Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 2011, agus chaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn agus Iain Scott a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh. Ann an 2007, chaidh Ailig MacFhearghais a thaghadh mar an treas Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba agus chaidh Trish Godman agus Alasdair Morgan a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh. Chaidh Seòras Reid a thaghadh mar an dàrna Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 2003, agus chaidh Murray Tosh agus Trish Godman a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh.

Chaidh Sir Dàibhidh Steel a thaghadh mar a’ chiad Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999, agus chaidh Patricia NicFhearghais agus Seòras Reid a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh. Chaidh Murray Tosh an àite Patricia NicFhearghais mar Leas-Oifigear Riaghlaidh bhon t-Samhain 2001.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.