Comataidh SPPA a’ foillseachadh mholaidhean airson ath-leasachadh nan comataidhean aig Taigh an Ròid

19.01.2016

Bu chòir gun robh riatanas air Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ foillseachadh aithisg iar-reachdail (post-legislative report) air gach Achd Pàrlamaid trì gu còig bliadhnaichean an dèidh don Achd a bhith air a toirt gu buil.

Agus bu chòir gum b’ àbhaist nach robh barrachd air seachdnar bhall air comataidhean Thaigh an Ròid, gus dèanamh cinnteach gu bheil fòcas èifeachdach aca air sgrùdadh an Riaghaltais.

Prìomh mholaidhean air ath-leasachadh chomataidhean ann an Taigh an Ròid, le Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach (SPPA)

Anns an aithisg aice air a foillseachadh an-diugh, thuirt a’ Chomataidh nach robh i a’ creidsinn, ge-tà, anns na h-argamaidean gum bu chòir don luchd-gairm a bhith air an taghadh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh SPPA Stiùbhart Stevenson BPA:

“Feumaidh atharrachadh sam bith a bhith ag amas air na comataidhean a dhèanamh nas èifeachdaiche a’ sgrùdadh reachdas is poileasaidh an Riaghaltais agus a bhith a’ cumail Riaghaltas an latha cunntachail.

“Tha sinn a’ creidsinn gu bheil iomadh eisimpleir ann de chomataidhean a tha ag obair le èifeachdas mòr – a’ toirt dùbhlain don Riaghaltas, a’ ceasnachadh Mhinistearan agus a’ bruidhinn mu dheidhinn nan cùisean a tha cudromach don phoball.

“Bidh na molaidhean againn, còmhla ri cuideam nas motha air sgrùdadh iar-reachdail, a’ ciallachadh gum bi comataidhean ag obair aig an ìre seo de dh’èifeachdas nas trice.”

Cùl-fhiosrachadh

A bharrachd air na prìomh phrionnsabalan, a bu chòir a bhith mar bhun-stèidh ann an atharrachadh sam bith, tha a’ Chomataidh a’ cur nam molaidhean a leanas air adhart:

Tha sinn a’ moladh gum bu chòir gum bi, mar is àbhaist, seachdnar bhall air comataidhean anns an ath sheisean phàrlamaideach (agus mar thoradh air seo bidh na Buill air aon chomataidh a-mhàin).

Ma bhios an ath Phàrlamaid ag amas air 14 comataidhean, agus mura robh barrachd air seachdnar bhall air gach comataidh, bhiodh an àireamh de dh’àitichean-comataidh ri lìonadh co-chosmhail ris an àireimh de bhuill a dh’fhaodadh a bhith a’ frithealadh air na comataidhean. Bhiodh gach comataidh a bharrachd, no gach comataidh le barrachd air seachdnar, ag àrdachadh na h-àireimh de bhuill a dh’fheumadh a bhith a’ suidhe air barrachd air aon chomataidh.

A thaobh atharrachadh ballrachd nan comataidhean, tha sinn a’ moladh gum bu chòir don Bhiùro, nuair a tha e a’ moladh atharrachaidhean ann am ballrachd chomataidhean, a’ feuchainn ris an atharrachadh a chumail cho beag ’s a ghabhas.

A thaobh raon-ùghdarras nan comataidhean agus Comataidh a’ Cheartais, chan eil sinn a’ creidsinn gu bheil argamaid ann airson atharrachaidhean mòra don dòigh sa bheilear a’ co-dhùnadh air raon-ùghdarrasan nan comataidhean.

… Bu chòir aon saoradh (exception) a bhith ann bhon riaghailt seo, ge-tà, airson Comataidh a’ Cheartais, oir tha a’ chomataidh sin air a bhith fo uallach nas motha de reachdas na comataidh eile sam bith anns gach seisean pàrlamaideach gu ruige seo. …

… Anns an ath sheisean, b’ urrainn don Phàrlamaid beachdachadh air cur air chois dà Chomataidh a’ Cheartais, ach an turas seo le dà raon-ùghdarras eadar-dhealaichte – coltach ris an dealachadh ann an Taigh nan Cumantan eadar Cùisean na Dùthcha agus Ceartas.

Ann an aithisg na bu tràithe air sgrùdadh iar-reachdail, mhol sinn ceumannan a dh’fhaodadh na comataidhean gabhail gus an ìre de sgrùdadh iar-reachdail a mheudachadh. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil ceum a bharrachd a dhìth gus an sgrùdadh seo a dhèanamh mar obair ghnàthach nan comataidhean. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir gun robh riatanas air Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ foillseachadh, taobh a-staigh trì gu còig bliadhnaichean an dèidh Aonta Rìoghail, aithisg iar-reachdail air cur an gnìomh gach Achd Pàrlamaid na h-Alba.

Cha chuala sinn dad a thug oirnn creidsinn gum biodh na comataidhean no an luchd-gairm nas èifeachdaiche nan robh an luchd-gairm air an taghadh. Chan eil sinn a’ moladh gum bu chòir don Phàrlamaid a bhith ag atharrachadh an t-siostaim a tha againn an-dràsta airson luchd-gairm nan comataidhean a shònrachadh.

A thaobh nan ath cheumannan, ’se toiseach an t-seisein phàrlamaidich ùir an t-àm as fhèarr airson atharrachaidhean mòra a dhèanamh do mhodhan-obrach. Tha a’ Chomataidh an dòchas gum bi an aithisg seo ag adhbharachadh deasbad air feadh na Pàrlamaid agus gum bi aonta san fharsaingeachd air na h-ath cheumannan a tha a dhìth gus èifeachdas nan comataidhean a leasachadh anns an ath sheisean.

Contact information

Media information 

Committee information 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.