Comataidh Thaigh an Ròid gu bhith a’ sgrùdadh dè a’ buaidh a thig bho Bhile Aonaidhean Ciùird

16.12.2015

Tha Comataidh Fèin-riaghlaidh (Cumhachdan A Bharrachd) ann an Taigh an Ròid gu bhith, tràth sa bhliadhna ùir, a’ sgrùdadh dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh tighinn bhon Bhile Aonaidhean Ciùird, a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. 

Gairmear air eòlaichean bho na h-aonaidhean-ciùird, buidhnean sa raon phoblach agus buidhnean nam fastaichean gus fianais a thoirt air dè an èifeachd a dh’fhaodadh a bhith aig a’ Bhile air caidreabh gnìomhachais is seirbheisean poblach ann an Alba.

Bidh an seisean-fianais air 7 Faoilleach, an aon fhear air a’ chuspair, na bhunait airson aithisg èiginneach bhon Chomataidh.

Thathar an dùil gum bi an làn Phàrlamaid a’ deasbad na h-aithisg mar dhòigh anns am faod Taigh an Ròid a bheachdan a dhèanamh soilleir air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh tighinn bhon Bhile airson Alba.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Fèin-riaghlaidh (Cumhachdan A Bharrachd) Brus Crawford BPA:

“Tha Bile Aonaidhean Ciùird bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na adhbhar iomagain airson na Comataidh. Leis a’ Bhile cheana air a shlighe tro Westminster, tha sinn ag iarraidh a chluinntinn gu grad bho aonaidhean-ciùird agus buidhnean nam fastaichean air dè a’ bhuaidh a dh’fhaodas tighinn bhon reachdas seo ann an Alba, nan cuireadh an gnìomh anns a’ chruth sa bheil e an-dràsta.

“Tha sinn ag iarraidh gu h-àraid a bhith a’ sgrùdadh dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith air luchd-obrach san raon phoblach agus air na fastaichean aca.”

Thuirt Mgr Crawford:

“Tha sinn ag amas air aithisg a dhèanamh tràth anns an Fhaoilleach a dh’fhaodas a bhith air a dheasbad anns an làn Phàrlamaid. Anns an dòigh sin, faodaidh Taigh an Ròid beachd cnuasaichte a dhèanamh soilleir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mus gabh am Bile ceum cudromach eile tron Phàrlamaid Westminster.

Tha Comataidh Fèin-riaghlaidh air co-dhùnadh gun toir iad sùil air a’ Mheòrachan Poileasaidh air Bile Aonaidhean Ciùird, a chaidh fhoillsicheadh o chionn ghoirid le Riaghaltas na h-Alba.

Foillsichear ann an ùine nach bi fada an liosta iomlan de luchd-fianais a nochdas air beulaibh na Comataidh air 7 Faoilleach.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.