Gabhaidh athchuingean Taigh an Roid a neartachadh le barrachd follaiseachd is coluadair

16.12.2015

Ged a tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil siostam nan athchuingean aig Pàrlamaid na h-Alba a’ còrdadh ri daoine, a rèir aithisg le Comataidh Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba ghabhadh am pròiseas a neartachadh nam biodh barrachd follaiseachd ann agus nan rachadh faighneachd do dhaoine dè tha iad ag iarraidh bhon ‘Chomataidh aca’.

Chaidh rannsachadh a bharantachadh le Comataidh nan Athchuingean Poblach sa Chèitean 2015 mar phàirt den ‘uallach sgrùdaidh’ aice air pròiseas nan athchuingean. San aithisg aice, tha a’ Chomataidh a’ sealltainn nam moladh aice a tha togail air na toraidhean rannsachaidh, nam measg tha:

·         A’ moladh gun tèid siostam a chur air bhonn gus fiosrachadh a chlàradh is fhoillseachadh mu dheidhinn mholaidhean airson athchuingean nach ruig an ìre far am bi iad air an cur air adhart mar athchuinge.

·         Tha a’ Chomataidh an dùil tachartasan a chumail taobh a-muigh na Pàrlamaid, agus iad a’ tòiseachadh le tachartas deuchainn tràth ann an 2016, far am bi iad ag amas air daoine is sgìrean nach eil air an riochdachadh chun na h-ìre a bhite an dùil am measg luchd-athchuinge. Bidh a’ Chomataidh a’ faighneachd dhaibh a bheil nithean sa phròiseas a tha nan cnap-starra dhaibh nuair a thig e gu bhith gabhail pàirt ann, no a bheil nithean ann a tha toirt a chreidsinn orra nach urrainn dhaibh pàirt a ghabhail ann.

·         A’ lùghdachadh na h-ìre gu bheil aig daoine ri ‘suidhe is èisteachd’ aig tachartasan is coinneamhan a chumas a’ Chomataidh taobh a-muigh na Pàrlamaid, agus a’ comharrachadh dhòighean san urrainn do luchd-athchuinge is am poball pàirt a ghabhail ann an gnothaichean.

·         Thèid dàta a chruinneachadh mu gach neach-athchuinge, gus am bi tuigse nas fheàrr aig a’ Chomataidh air an t-seòrsa dhaoine a bhios a’ cur athchuinge a-steach don Phàrlamaid.

Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Athchuingean Poblach, Mìcheal Mac Mathúna BPA:

“Tha rannsachadh neo-eisimeileach a’ sealltainn gu bheil na dòighean-obrach aig Comataidh nan Athchuingean Poblach a’ còrdadh ri luchd-athchuinge. Tha fianais ann cuideachd, a tha na h-adhbhar misneachd dhuinn, gu bheil pròiseas nan athchuingean a’ cuideachadh le bhith coileanadh ceann-uidhe na Pàrlamaid gus a bhith nas fhosgailte agus gum bi e nas fhasa do mhuinntir na h-Alba a dhol an sàs ann an gnothaichean na Pàrlamaid. Ach tha tuilleadh againn ri dhèanamh gus cliù pròiseas nan athchuingean a neartachadh, agus gus sin a dhèanamh tha e deatamach gum bi barrachd follaiseachd is coluadair an lùib a’ phròiseis.”

Lean Mgr Mac Mathúna air:

“Anns an ùine a tha air fhàgail den t-seisean seo den Phàrlamaid, obraichidh sinn gus dèanamh cinnteach gum bi pròiseas nan athchuingean fhathast a’ coileanadh nan slatan-tomhais a tha luchd-athchuinge a’ sùileachadh agus gun coilean am pròiseas amasan na Pàrlamaid san ùine a tha ri thighinn.

“Thèid toraidhean na h-obrach seo a chur an clò ann am pàipear-dìleib na Comataidh gus na buill ùra den chomataidh seo a chuideachadh le bhith stèidheachadh pròiseas athchuingean nas làidire a bheir cothrom don phoball an guthan a thogail.”

Cùl-fhiosrachadh

Gus leantainn orra leis an obair gus sùil a thoirt pròiseasan na Comataidh, bharantaich Comataidh nan Athchuingean Poblach Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba (SPICe) sa Chèitean 2015 gus rannsachadh a dhèanamh. ’S e seirbheis rannsachaidh neo-eisimeileach a th’ ann an SPICe.

Faodaidh tòrr rudan tachairt mar thoradh air athchuingean, bho dheasbad sa Phàrlamaid gu atharraichean air an lagh no poileasaidhean. Mar thoradh air athchuinge a bha ag iarraidh taic nas fheàrr bhon NHS airson daoine a tha fulang pian leantalach chaidh fhoillseachadh leis an Riaghaltas na bu thràithe am-bliadhna gum biodh Ionad ùr ann airson Euslaintich le Pian Leantalach. Cuideachd, tha athchuingean bhon phoball air a bhith fìor chudromach do mar a cothrom nas fheàrr aig daoine a-nis air cungaidhean airson aillse, do mar a chaidh na suimeannan às àirde a dh’fhaodar a thoirt seachad mar shuimeannan roghnach do dhaoine air an robh a’ chìs seòmar-cadail a’ toirt buaidh a lùghdachadh, do mar a chuir Caledonian Mac a’ Bhruthainn Wi-Fi air cuid de na h-aiseagan aca agus fiù ’s do mar a chaidh An Giuthas Albannach ainmeachadh mar Chraobh Nàiseanta na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.